Prìomh fhiosrachadh
Tha uisge glè chudromach agus faodaidh e buaidh a thoirt air ar beatha ann an diofar dhòighean.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mar a bhios uisge a' toirt buaidh air ar beatha làitheil
- Mar a bhios tuil air adhbhrachadh
- Mar a bhios tart air adhbhrachadh
- Mar a bhios daoine a' làimhseachadh shuidhichidhean dian san aimsir
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mun bhuaidh a bhios an t-uisge a' toirt air ar beatha làitheil.
Ciamar a bhios uisge a' toirt buaidh air ar beatha?
- Bidh uisge an adhair a' toirt an uisge a dh'fheumas iad do bheathaichean agus do lusan airson fàs agus a bhith beò.
- Tha an t-uisge anns na tapaichean againn a' tighinn às an adhar bho thùs. Bidh sinn ag òl an uisge seo agus ga chleachdadh ann am frasan agus amaran a h-uile latha. Tha e na phàirt de cuairt an uisgeAm pròiseas anns am bi uisge a' gluasad bho uachdar na Talmhainn, suas dhan adhar agus air ais a-rithist gu talamh. 'S e na trì ceumannan ann an cuairt an uisge deatachadh, co-dhlùthachadh agus sileadh..
- Feumaidh sinn smaoineachadh air dè tha sinn a' dol a chur oirnn nuair a tha an t-uisge ann. Bu chòir dhuinn smaoineachadh air aodach ܾ-ìDzԲ.
- Feumaidh sinn smaoineachadh air ciamar a tha sinn a' dol a shiubhal nuair a tha an t-uisge ann. 'S dòcha gun gabh sinn bus, càr no trèana an àite coiseachd no saidhcleadh.
- Faodaidh cus uisge no ro bheag a dh'uisge sìde dhian adhbharachadh mar tuilNuair a bhios uisge a' cur thairis air talamh as àbhaist a bhith tioram. no tartNuair nach tig uisge airson ùine mhòr agus a bhios an talamh tioram agus cruaidh..
- Faodaidh sìde dhian buaidh a thoirt air siubhal no ar comas air biadh fhàs.
- San RA, 's ann ainneamh a bhios dian-uisge no dian-thart againn, ach bidh sin ann an iomadh àite.
Uisge agus beatha làitheil
Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn eisimpleirean air mar a tha uisge a' toirt buaidh air ar beatha làitheil agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
1 of 4
End of image gallery
پ-ì
Faigh a-mach dè bhios a' tachairt ma tha cus uisge ann no nach eil gu leòr ann.
1 of 4
End of image gallery
- tuil - Nuair a tha cus uisge ann 's nach faigh e air drèanadh ceart.
- ùٱ - Nuair a tha uiread de dh'uisge ann an rud 's nach sùigh e an còrr lionn. Nuair a bhios uisge mòr ann airson ùine mhòr, bidh an talamh a' fàs coltach ri spuing agus bidh uiread a dh'uisge ann 's nach gabh e an còrr.
- tart - Nuair nach bi uisge ann airson ùine mhòr agus a dh'fhàsas an talamh cruaidh agus tioram. Bidh seo ga dhèanamh doirbh biadh fhàs.
Ceistean
Sgrìobh eisimpleirean air mar a thug uisge buaidh air an latha agad an-diugh, no tarraing dealbh dheth.
Seo beagan bheachdan airson faighinn gu dol
- Bidh sinn a' cleachdadh uisge, a tha a' tighinn bho uisge an adhair bho thùs, airson ar fiaclan a ghlanadh, anns an amar agus a' gabhail fras agus a' nighe nan soithichean.
- Bidh uisge a' cuideachadh bàrr fhàs airson biadh.
- Ma tha an t-uisge ann a-muigh, feumaidh sinn smaoineachadh air rudeigin ܾ-ìDzԲ a chur oirnn, agus 's dòcha gum feum sinn dòigh-siubhail atharrachadh.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic