ý

Fad mhìltean bhliadhnaichean, tha daoine air dòighean innleachdach a lorg airson siubhal a dhèanamh nas luaithe agus nas fhasa.

Ach tha cuid dhe na dòighean siubhail a' dèanamh cron air a' phlanaid againn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a tha cuid de sheòrsaichean còmhdhail a' milleadh na h-àԲԱ𲹳
  • Rudan a dh'fhaodas sinn a dhèanamh airson atharrachadh deimhinneach a dhèanamh
  • Na buannachdan agus na dùbhlain a tha romhainn

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Dè an duilgheadas a th' ann le còmhdhail?

Image caption,
Tha iomadh seòrsa còmhdhail a' cleachdadh chonnaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail. (Jinny Goodman / Alamy Stock Photo)

Dh'innlich sinn baidhcean, càraichean, àٲichean, èԲ𲹲, ٰèԲ𲹲 agus iomadh dòigh eile airson gluasad gu luath bho àite gu àite. Ged a tha iad a' dèanamh ar beatha nas fhasa, tha mòran dhiubh a' cleachdadh peatroil no ìDz, a tha a' tighinn bho chonnaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail.

Tha seo na dhuilgheadas chionn bidh connaidhean-fosail a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil dhan àile, agus tha sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. Nuair a thèid an losgadh, bidh iad cuideachd ag adhbharachadh truailleadh nach eil math dhar slàinte.

Image caption,
Tha iomadh seòrsa còmhdhail a' cleachdadh chonnaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail. (Jinny Goodman / Alamy Stock Photo)

A bheil a h-uile seòrsa còmhdhail dona dhan àԲԱ𲹳?

Chan eil.

  • 'S e èԲ𲹲 agus càraichean peatroil no ìDz as motha a tha a' leigeil mu sgaoil de dh'eimiseanan carbon. Leigidh è leat astar mòr a shiubhal glè luath, ach tha iad a' cosg tòrr connaidh. 'S e càraichean as motha a tha ag adhbharachadh de dh'eimiseanan chionn tha uiread dhiubh ann agus tha iad air an cleachdadh cho tric. Eadar càraichean, làraidhean, busaichean agus motar-baicean, 's e còmhdhail rathaid as coireach ri faisg air 75% dhe na h-eimiseanan còmhdhail gu lèir.

  • Tha còmhdhail phoblach nas fheàrr dhan àԲԱ𲹳. Ged a tha a' mhòr-chuid de bhusaichean a' ruith air connaidhean-fosail, tha iad a' toirt leotha barrachd dhaoine còmhla agus chan eil iad ag adhbharachadh uiread de dh'eimiseanan gach neach. Chan eil ٰèԲ𲹲 ag adhbharachadh uiread de dh'eimiseanan gach neach nas mò. Tha cuid dhiubh a' ruith air dealan, a ghabhas a ghintinn bho lùth ath-nuadhachail gun eimiseanan carbon a leigeil mu sgaoil.

  • 'S e daoine a bhios a' toirt an lùth do bhaicean agus do sgutairean. Bidh sinne a' faighinn lùth bho bhiadh, agus chan ann bho chonnaidhean-fosail. 'S e na dòighean siubhail seo (agus coiseachd) as lugha a tha a' dèanamh cron air an àԲԱ𲹳 chionn 's iad as lugha a bhios ag adhbharachadh de charbon dà-ogsaid. Tha iad cuideachd math dhut chionn 's e eacarsaich a th' annta.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, , 'S e càraichean an dòigh siubhail as cumanta. 'S e peatroil no ìDz an connadh a tha sa mhòr-chuid dhiubh agus tha sin a' tighinn bho chonnaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail. Tha càraichean a' leigeil tòrr carbon dà-ogsaid mu sgaoil agus tha sin dona dhan àԲԱ𲹳 agus ag adhbharachadh teasachadh na cruinne. Bidh truailleadh bho chàraichean a' truailleadh na h-èadhair gu h-ionadail agus bidh sin a' dèanamh cron air ar slàinte. (Jon Bower Pollution / Alamy Stock Photo)

An tèid againn air buaidh chàraichean a lùghdachadh?

Image caption,
Tha cleachdadh chàraichean dealain a' dol suas anns an Rìoghachd Aonaichte, agus tha na h-àireamhan air a dhol suas gach bliadhna anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha barrachd ionadan-teàrrdsaidh do chàraichean dealain a-nis san RA na th' ann de stèiseanan peatroil. (Justin Kase z12z / Alamy Stock Photo)

Thèid aig daoine aig a bheil càraichean air a' bhuaidh aca air an àԲԱ𲹳 a lùghdachadh ann an iomadh dòigh.

  • Fàg an càr aig an taigh – Ma choisicheas tu air turasan nas giorra, no ma thèid thu air bus no baic, lùghdaichidh tu a' bhuaidh agad air a' phlanaid agus lùghdaichidh tu truailleadh èadhair gu h-ionadail.

  • Càr ann am pàirt – Tha mòran dhaoine a' siubhal nan aonar ann an càr, no le dìreach aon phasainsear. Ma bhios cuideigin eile a' dol dhan aon àite agus gun siubhail sibh san aon chàr, gearraidh e às dara leth nan eimiseanan. Tha aon chàr air an rathad nas fheàrr na dhà!

  • Atharraich gu càr dealain – Chan eil eimisean carbon ann bho chàraichean dealain agus cha bhi iad ag adhbharachadh truailleadh èadhair gu h-ionadail annta fhèin. Ma tha iad air an teàrrdsadh le dealan bho bhunan ath-nuadhachail, gearraidh sin sìos na h-eimiseanan cuideachd. Faodaidh càraichean dealain a bhith daor an ceannach ach tha iad nas saoire a chumail a' dol. Ma tha thu a' fuireach ann am flat no ann an àite trang, dh'fhaodadh nach bi e furasta an teàrrdsadh aig an taigh.

Image caption,
Tha cleachdadh chàraichean dealain a' dol suas anns an Rìoghachd Aonaichte, agus tha na h-àireamhan air a dhol suas gach bliadhna anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha barrachd ionadan-teàrrdsaidh do chàraichean dealain a-nis san RA na th' ann de stèiseanan peatroil. (Justin Kase z12z / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Tha tòrr lùth ga chleachdadh a' giùlan biadh agus bathar eile air feadh an t-saoghail le làraidhean, àٲichean agus èԲ𲹲. Tha cleachdadh chonnaidhean-fosail (gual agus ola) airson lùth a dhèanamh a' leigeil ghasaichean cronail, mar carbon dà-ogsaid, mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn. (Frank Nowikowski / Alamy Stock Photo)

Ach chan e dìreach daoine a bhios a' siubhal!

Feumaidh cuid dhe na rudan a bhios sinn a' ceannach siubhal astar mòr air àٲ no è airson faighinn thugainn, agus bidh sin ag adhbharachadh tòrr eimiseanan carbon.

Nuair a bhios tu a' ceannach biadh, è𲹲 no aodach, coimhead airson rudan a chaidh a dhèanamh gu h-ionadail aig nach robh ri siubhal timcheall an t-saoghail airson faighinn thugad. Lùghdaichidh sin a' bhuaidh agad air an àԲԱ𲹳.

Image caption,
Tha tòrr lùth ga chleachdadh a' giùlan biadh agus bathar eile air feadh an t-saoghail le làraidhean, àٲichean agus èԲ𲹲. Tha cleachdadh chonnaidhean-fosail (gual agus ola) airson lùth a dhèanamh a' leigeil ghasaichean cronail, mar carbon dà-ogsaid, mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn. (Frank Nowikowski / Alamy Stock Photo)
Back to top

Buannachdan agus dùbhlain còmhdhail

Buannachdan

  • Tha a' mhòr-chuid de chòmhdhail luath agus furasta agus gar toirt far a bheil sinn ag iarraidh a dhol.

  • Tha feum air diofar sheòrsaichean còmhdhail airson daoine a ghiùlan thar astaran mòra nuair nach obraich coiseachd no còmhdhail eile.

  • Giùlainidh carbadan mòra phasainsearan mar busaichean agus ٰèԲ𲹲 barrachd dhaoine agus bidh sin a' lùghdachadh na tha de chàraichean air an rathad.

  • Chan eil buaidh idir aig cuid de dhòighean siubhail, mar baidhsagalan agus sguatairean, air an àԲԱ𲹳 agus tha eacarsaich chorporra math dhar slàinte.

  • Tha teicneòlasan ùra a' ciallachadh gu bheil càraichean dealain a-nis nas fhasa am faotainn agus chan eil uiread a bhuaidh aca air an àԲԱ𲹳.

ù

  • Tha an connadh sa mhòr-chuid de charbadan a' tighinn bho bhunan lùth neo-ath-nuadhachail a bhios a' dèanamh cron air an àԲԱ𲹳.

  • Bidh càraichean agus carbadan eile a' leigeil eimiseanan carbon cronail mu sgaoil a bhios ag adhbharachadh blàthachadh na cruinne.

  • Tha càraichean dealain nas daoire an ceannach na càraichean a tha a' ruith air peatroil no ìDz.

  • Tha còmhdhail phoblach nas fheàrr dhan àԲԱ𲹳 na càraichean, ach feumaidh tu siubhal a rèir à-, agus 's dòcha nach bi stad nam busaichean no stèisean nan ٰèԲ𲹲 faisg air an àite dha bheil thu ag iarraidh a dhol.

Back to top

connaidhean-fosail – 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan lùth neo-ath-nuadhachail againn. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho bheathaichean agus bho lusan marbh. Bidh na beathaichean agus na lusan sin air an dlùthadh fon talamh thar mhilleanan bhliadhnaichean agus bidh iad mu dheireadh a' dol nan connadh-fosail.

lùth ath-nuadhachail – Bun lùth nach teirig agus a tha seasmhach. Gabhaidh lùth grèine, lùth gaoithe agus lùth uisge a chruinneachadh agus a chleachdadh airson cumhachd a ghintinn tro iomadh seòrsa teicneòlais mar panailean grèine, tuirbinean gaoithe agus innealan airson nan tonnan agus a' mhuir-làin.

lùth neo-ath-nuadhachail – Stòran nàdarra de lùth nach tig air ais an dèidh an cleachdadh. Tha uiread suidhichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas air fad nan stòran neo-ath-nuadhachail.

gasaichean taigh-glainne – Gasaichean san àile a bhios a' glacadh teas. Ged a tha feum orra airson an Talamh a chumail blàth gu leòr airson beatha a bhith air, tha cus dhiubh ann a-nis, agus tha iad a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. 'S e carbon dà-ogsaid fear de na gasaichean taigh-glainne.

carbon dà-ogsaid – Gas nàdarra a tha uile-thimcheall oirnn. Tha e riatanach airson beatha air an Talamh. Mar eisimpleir, bidh beathaichean (agus daoine) a' tarraing a-steach ogsaidean agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid, ach bidh lusan an ceart aghaidh sin. Ach tha carbon dà-ogsaid cuideachd air a chruthachadh nuair a tha connadh-fosail ga losgadh. Tha seo na dhuilgheadas chionn tha cus dheth a-nis san àile. Mar ghas taigh-glainne, 's e carbon dà-ogsaid am prìomh adhbhar airson teasachadh na cruinne agus mar sin atharrachadh na gnàth-shìde.

blàthachadh na cruinne – Meudachadh ann an teòthachd chuibheasach na Talmhainn, a' mhòr-chuid dheth air sgàth gasaichean taigh-glainne a' dol mu sgaoil san àԲԱ𲹳 nuair a bhios daoine a' losgadh chonnaidhean-fosail.

atharrachadh na gnàth-shìde – Seo an t-atharrachadh sa cheann fhada ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge msaa) air an Talamh, agus a' bhuaidh aca sin, mar eisimpleir tart agus tuiltean.

eimiseanan carbon – Carbon a' dol mu sgaoil ann an àile na talmhainn agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Sùil air siubhal

  • è à airson nòta a chumail dhe gach seòrsa còmhdhail a chleachdas tu ann an seachdain. è nòta dhe gach turas a chleachdas tu càr, bus, trèan, sgutair no coiseachd.

  • Bruidhinn ris na h-inbhich agad agus faic an gabh gin dhe na turasan goirid anns a' char a suaipeadh airson coiseachd, sgutair no saidhcleadh. Mar eisimpleir, nuair a bhios tu a' dol dhan sgoil, gu club dannsa no trèanadh ball-coise.

Back to top

More on Beò ann an dòigh sheasmhach

Find out more by working through a topic