ý

'S e sgìrean-uisge a bhios a' gluasad thairis air tìr a th' ann an aibhnichean. Tha cùrsa uachdrach, cùrsa meadhain agus cùrsa ìochdrach anns gach abhainn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Far am bi abhainn a' tòiseachadh
  • Feartan cùrsa uachdrach aibhne
  • Mar a tha easan, gilean agus feartan fiosaigeach eile air an cruthachadh
  • Fiadh-bheatha a dh'fhaodadh a bhith anns a' chùrsa uachdrach no faisg air

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean ܳٳ󲹲-ì airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air cùrsa uachdrach Abhainn Tatha.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu na feartan ann an cùrsa uachdrach aibhne.

Dè th' ann an abhainn?

  • 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh thairis air tìr bho (air talamh àrd) a th' ann an abhainn.
  • Mu dheireadh, bidh abhainn a' sruthadh a-steach a sgìre-uisge eile mar loch, muir, cuan no fiù 's abhainn eile.
  • Tha aibhnichean nam pàirt chudromach de chuairt an uisge.
  • Faodar aibhnichean a roinn ann an cùrsa uachdrach, cùrsa meadhain agus cùrsa ìochdrach.
Beinn Laoigh agus Allt Coire Laoigh
Image caption,
Bidh bun aig a h-uile abhainn far am bi i a' tòiseachadh. Bidh sin glè thric shuas àrd, 's dòcha air beinn no cnoc. Tha Abhainn Tatha a' tòiseachadh faisg air mullach Beinn Laoigh, a chì thu san dealbh seo.
Back to top

Dè th' anns a' chùrsa uachdrach?

  • 'S e an cùrsa uachdrach an earrann aig toiseach na h-aibhne, an earrann as fhaisge air a bun.
  • 'S àbhaist aibhnichean a bhith a' tòiseachadh ann an sgìre talamh àrd, mar mullach beinne. Bidh sneachd a' leaghadh, no bidh uisge a' tuiteam, air talamh àrd agus bidh e a' tòiseachadh air sruthadh sìos a' bheinn.
  • 'S àbhaist gum bi cùrsa uachdrach aibhne cas agus cumhang.
  • Tha an luath anns a' chùrsa uachdrach. Mar sin tha barrachd cumhachd anns an uisge agus faodaidh e creagan agus ùir a bhleith.
  • Bidh anns a' chùrsa uachdrach a' cuideachadh gu bhith a' cruthachadh ghlinn air chumadh V, easan, bras-shruthan agus gilean.

Feartan fiosaigeach sa chùrsa uachdrach

Chì thu eisimpleirean de dh'fheartan cùrsa uachdrach anns na dealbhan.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Eas air Abhainn Dochard, Easan Thèid eas a chruthachadh nuair a shruthas uisge bho chreag chruaidh gu creag bhog. Bidh a' chreag bhog a' caitheamh nas luaithe na a' chreag chruaidh. Canar bleith ris a seo, agus bidh e a' cuideachadh gu bhith a' cruthachadh fheartan mar easan, bras-shruthan agus gilean.

Fiadh-bheatha air a' chùrsa uachdrach

Faigh a-mach mu chuid dhen fhiadh-bheatha a dh'fhaodadh tu fhaicinn ann an cùrsa uachdrach abhainn ann an Alba no faisg air.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Gobhachan-uisge ag ithe ann an abhainn, Gobhachan-uisge Gheibhear gobhachain-uisge glè thric faisg air aibhnichean bras. Bidh na h-eòin seo a' dàibheadh fon uisge agus iad a' lorg larvae bhiastagan agus charrain-uisge a dh'itheas iad.
Back to top

Ìomhaigh le 'Prìomh fhacail' sgrìobhte air
  • bun - Far am bi abhainn a' tòiseachadh. Bidh sneachd a' leaghadh, no uisge a' tuiteam air talamh àrd, mar bheinn, agus a' tòiseachadh air sruthadh sìos a' bheinn. Tha bun Abhainn Tatha faisg air mullach Beinn Laoigh.
  • an cùrsa uachdrach - A' chiad earrann de dh'abhainn. 'S àbhaist gum bi an cùrsa uachdrach cas agus cumhang.
  • sruth - Sruthadh an uisge, ann an abhainn no allt, air a tharraing le grabhataidh nuair a bhios an t-uisge a' gluasad sìos a' bheinn.
  • bleith - Nuair a bhios stuth, mar creag, a' caitheamh thar ùine. Bidh cumhachd, no neart, an uisge ann an cùrsa uachdrach aibhne ag adhbhrachadh tòrr bleith tìre.
  • eas - 'S e uisge a tha seo a bhios a' tuiteam thairis air stalla chreagach a-steach a lòn-easa. Bidh easan air an cruthachadh nuair a bhios uisge a' sruthadh bho chreag chruaidh gu creag bhog. Bidh creag bhog a' caitheamh nas luaithe na creag chruaidh ann am pròiseas ris an canar bleith. Bidh stalla de chreag chruaidh air a chruthachadh nuair a bhios a' chreag bhog a' bleith agus a' cruthachadh lòn-easa. Thar ùine, tuitidh a' chreag chruaidh dhan lòn-easa.
  • gil - Gleann cumhang le taobhan creagach. Thar mhìltean bhliadhnaichean, bidh bleith a' toirt air easan gluasad suas an abhainn agus a' cruthachadh gil.
  • gleann air chumadh V - Gleann le taobhan uabhasach cas, a tha coltach ris an litir ‘V'. Mar easan agus gilean, thèid gleann air chumadh V a chruthachadh air sgàth bleith bho abhainn no allt thar ùine mhòr.
  • bras-shruth - Uisge a tha a' sruthadh gu luath ann an earrann cas, ao-domhainn de dh'abhainn.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Feuch na ceistean goirid seo agus faic dè nas aithne dhut mun chùrsa uachdrach.

Ìomhaigh air a bheil am facal 'ù' sgrìobhte

Rannsaich an sgìre agad fhèin agus faigh a-mach dè an abhainn as fhaisge air an dachaigh agad. An tèid agad air map a dhèanamh dhen abhainn?

'S e dealbh de sgìre a th' ann am map. Bidh sinn a' cleachdadh map airson an t-slighe bho aon àite gu àite eile obrachadh a-mach, no airson feartan sònraichte a lorg mar caistealan no beanntan.

Seo eisimpleir de mhap de dh'Abhainn Tatha.

Map de dh'Abhainn Tatha le Loch Tatha, Peairt is Dun Dè air an sealltainn

Seo cuid de rudan a bhiodh tu 's dòcha airson a chur air a' mhap:

  • Combaist. 'S e tuath a tha aig bàrr a' mhòr-chuid de mhapaichean, agus faodaidh tu combaist a chleachdadh airson an àird a tuath a lorg.
  • Far am bi an abhainn a' tòiseachadh (am bun). A bheil seo shuas àrd air beinn no cnoc? An cleachdadh tu airson seo a shealltainn?
  • Far a bheil an abhainn a' crìochnachadh. Mar as trice 's e sgìr'-uisge eile a bhios an seo mar loch, muir no abhainn eile.
  • no àپ𲹲 cudromach air slighe na h-aibhne. A bheil bailtean mòra no bailtean beaga ann a tha thu airson a shealltainn air a' mhap agad? An cleachdadh tu samhla airson an sealltainn air a' mhap?
  • Ma chleachdas tu samhlan, 's dòcha gum biodh tu airson a chur air a' mhap airson gun tuig daoine dè tha na samhlan a' ciallachadh.
Back to top