Prìomh fhiosrachadh
Bidh gach ràith a' toirt thugainn diofar sheòrsaichean ì. Carson a bhios seo a' tachairt agus ciamar a bhios e a' toirt buaidh air an t-saoghal mun cuairt oirnn?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Carson a bhios na àٳ ag atharrachadh
- An seòrsa ì a bhios againn anns gach ràith
- Mar a bhios na àٳ a' toirt buaidh air beathaichean agus lusan
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a bhios an t-ì ag atharrachadh leis na àٳ.
Dè bhios a' toirt air na àٳ atharrachadh?
- Tha an dòigh a tha an Talamh ag aomadh ag adhbhrachadh nan àٳ.
- Tha na pàirtean dhen Talamh a tha ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine a' faighinn barrachd de theas agus de sholas na grèine.
- Tha na pàirtean dhen t-saoghal a tha ag aomadh air falbh a' faighinn nas lugha de theas agus de sholas na grèine.
- Bidh an Talamh a' toirt bliadhna shlàn (365 làithean) a' cur cuairt air a' ghrèin.
- Mar a bhios an Talamh a' siubhal mun cuairt na grèine, bidh àitichean a tha ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine ag atharrachadh. Canar àٳ ris na h-atharraichean sin.
- Tha ceithir àٳ ann: an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh.
Faigh a-mach barrachd mun ghrèin agus carson a tha i cudromach dhuinn a seo.
Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn eisimpleirean a tha fìor dhe na àٳ ann an Alba agus an seòrsa ì a bhios gach ràith a' toirt thugainn.
1 of 4
End of image gallery
- An Crios-meadhain - Loidhne mhac-meanmnail a tha a' roinn na talmhainn na dà leth: an Leth-chruinne a Tuath agus an Leth-chruinne a Deas.
- An Leth-chruinne a Tuath - An leth dhen talamh a tha eadar am Pòla a Tuath agus an Crios-meadhain.
- An Leth-chruinne a Deas - An leth dhen talamh a tha eadar am Pòla a Deas agus an Crios-meadhain.
- ٱòٳ - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho fuar no cho teth 's a tha e. 'S àbhaist dhuinn a bhith a' tomhas ٱòٳ ann an ceuman Celsius.
- cadal-geamhraidh - Nuair nach bi beathach a' dèanamh dad ann am mìosan a' gheamhraidh airson an lùths a chaomhnadh. Bidh an t-analachadh agus reat a' chridhe aca a' slaodachadh agus bidh ٱòٳ am bodhaig a' tuiteam.
Ceistean
Dealbhaich postair mun ràithe as fheàrr leat.
Tagh an ràith as fheàrr leat: an t-earrach, an samhradh, am foghar no an geamhradh. Am mìnich thu cuid de dh'fheartan na ràithe seo?
Seo beagan bheachdan airson faighinn gu dol:
- Dè an seòrsa ì a bhios ann rè na ràithe as fheàrr leat?
- A bheil an RA ag aomadh a dh'ionnsaigh na grèine no air falbh bhon ghrèin rè na ràithe seo?
- Dè tha a' tachairt do bheathaichean agus do lusan rè na ràithe seo? A bheil tòrr lusan a' fàs? A bheil beathaichean a' dèanamh cadal-geamhraidh no a bheil beathaichean beaga gam breith?
Ma tha thu a' cur feum air cuideachadh leis a' phostair agad, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh a seo: Mar a nì thu postair.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic