ý

Tha luchd-turais a tha airson eachdraidh agus cruthan-tìre dràmadach a rannsachadh air fàs measail air costa a Tuath Alba. Tha seo a' toirt bhuannachdan, ach tha e cuideachd a' dèanamh dhuilgheadasan dhan sgìre agus na daoine a tha a' fuireach a seo.

Prìomh phuingean

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • shiubhal air costa a tuath Alba
  • na buannachdan agus na ceistean a dh'fhaodas a bhith an lùib turasachd
  • na diofar chruthan-tìre air a' chosta a tuath
  • eachdraidh a' chosta a tuath

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Bhidio

Coimhead Isla agus Connor a' rannsachadh ceann a tuath Alba air baidhsagal.

Back to top

Siubhail air costa a tuath Alba

Gun loidhne rèile, chan eil dòigh air siubhal air costa a tuath Alba ach air an rathad, ach tha diofar sheòrsachan còmhdhail ann a dh'fhaodas tu a chleachdadh. Tha cuid dhe na dòighean sin nas fheàrr dhan àrainneachd na cuid eile.

Back to top

Turasachd air costa a tuath Alba

'S e gnìomhachas mòr a th' ann an turasachd air costa a tuath Alba agus tha an sgìre a' tàladh luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail.

Cliog tron taisbeanadh agus chì thu cuid dhe na tàlaidhean a th' ann do dhaoine.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Fear a' surfadh air costa a tuath Alba, Spòrs uisge Bidh suailichean mòra a' tàladh luchd-surfaidh a dh'Inbhir Theòrsa. Tha e a' còrdadh ri mòran a bhith a' falbh nam bearraidhean 's nan òban air a' chosta a tuath air bòrd-pleadhaig no caidheag. Tha fiù 's cuairtean ann airson snàmh fiadhaich (agus fuar)! (David Pressland / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus duilgheadasan turasachd

Tha turasachd na ghnìomhachas cudromach ann an Alba. Faodaidh iomadh buannachd a bhith ann an sgìre a tha a' tàladh luchd-turais, ach faodaidh duilgheadasan a bhith ann cuideachd. Cliog air gach ceann gus faighinn a-mach mu chuid dhiubh sin:

Buannachdan turasachd

Duilgheadasan turasachd

Back to top

ܳٳ󲹲-ì air costa a tuath Alba

Bidh mòran dhaoine a' tadhal air costa a tuath Alba airson nan seallaidhean àlainn.

Tha iomadh seòrsa cruth-tìre ann a chòrdas ri luchd-tadhail:

Image source, Mark ferguson / Alamy Stock Photo
Image caption,
Bearraidhean Clò Mòr
  • Bearraidhean agus costan creagach – Tha na mìltean de bhearraidhean agus de chostan creagach air costa a tuath Alba. Tha cuid dhe na bearraidhean as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte ann an Clò Mòr faisg air a' Pharbh. 'S dòcha gum faic thu eòin-mhara a' neadachadh bho na bearraidhean mun cuairt costa a tuath Alba!
Image source, Mark ferguson / Alamy Stock Photo
Image caption,
Bearraidhean Clò Mòr
Image source, imageBROKER / Alamy Stock Photo
Image caption,
Bàgh Sango ann an Diùranis
  • հà󲹲ԲԲ agus muir – Tha tràghannan brèagha gainmhich le uisge soilleir mun cuairt costa a tuath Alba. Tha àitichean mar tràigh Faithir Mòr ann an Ros an Iar math airson fois a ghabhail no fiù 's airson beagan spòrs uisge!
Image source, imageBROKER / Alamy Stock Photo
Image caption,
Bàgh Sango ann an Diùranis
Image source, Dave Neil / Alamy Stock Photo
Image caption,
Eisimpleir de bhoglach mhòr
  • Boglach mhòr – Tha mòran bhoglaichean air costa a tuath Alba. 'S e seòrsa de mhòinteach a tha seo a gheibhear, mar as trice, far a bheil gnàth-shìde fhliuch, fhionnar. 'S e Dùthaich nam Boglaichean ann an Gallaibh a' bhoglach mhòr as motha anns an Roinn Eòrpa.
Image source, Dave Neil / Alamy Stock Photo
Image caption,
Eisimpleir de bhoglach mhòr
Image caption,
Eisimpleir de Mhachair
  • Machair – 'S e talamh ìosal, torrach, feurach a th' ann am machair. 'S e ann glè ainneamh a chithear an cruth-tìre seo agus chan fhaighear e ach air taobh an iar Alba agus Èirinn.
Image caption,
Eisimpleir de Mhachair
Back to top

Eachdraidh air costa a tuath Alba

Tha mòran dhaoine dhen bheachd gur e sgìre fhiadhaich a th' ann an ceann a tuath Alba. Ged a tha an àireamh-sluaigh beag agus sgapte an-diugh, tha daoine air a bhith a' fuireach an seo agus a' cumadh a' chruth-tìre fad mhìltean bhliadhnaichean.

Back to top

  • àٳ𾱱 - Rud nach bi a' tachairt ach aig àm sònraichte dhen bhliadhna. Mar eisimpleir, 's e obair àٳ𾱱 a th' ann am buain mheasan chionn cha bhi e a' tachairt ach deireadh an t-samhraidh no as t-fhoghar.

  • eimiseanan carbon - Carbon ga sgaoileadh a dh'àile na talmhainn agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

  • connaidhean-fosail - 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan lùth neo-ath-nuadhachail. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh de bheathaichean is de lusan marbh.

  • Cruithnich - An t-ainm a bha air na daoine a bha a' fuireach ann an ceann a tuath Alba bho Linn nan Ròmanach gu Linn nan Lochlannach, mu 300 AD gu 900 AD.

  • croit - Pìos fearainn air am bi croitear a' fuireach, a' fàs bharran agus a' cumail bheathaichean. Bidh iad a' dèanamh seo airson biadh dhaibh fhèin agus air airson pàirt dhen bhathar a reic.

  • mòinteach mhòr - Fearann fliuch a tha na bhoglach far am bi còinneach agus lusan boglaich eile a' lobhadh gu mall agus a' cruthachadh fhillidhean de mhòine.

  • machair - Àrainn thearc nach faighear ach ann am pàirt de dh'Èirinn agus Alba. Tha sligean air am pronnadh agus gainmheach a' sèideadh air an talamh ga dhèanamh uabhasach torrach. Tha seo a' ciallachadh gum bi dìtheanan fiadhaich a' fàs agus a' còmhdach an fhearainn a h-uile samhradh.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top