Ag obrachadh a-mach beàrnan ùine
A' cunntadh air adhart
Cuimhnich a' cheist a bh' agad:
Tha Daniel a' tòiseachadh san sgoil aig \(8.25m\) agus a' crìochnachadh aig \(3.15f\). Dè cho fada 's a tha e san sgoil?
Seo mar a dh'obraicheas tu a-mach e le 'cunntadh air adhart'.
Ceum a h-Aon
Tòisich aig 8.25m agus obraich a-mach an àireamh mhionaidean gu 9m.
\(8.25m - 9m = 35\,mionaidean\)
Ceum a Dhà
An uair sin obraich a-mach cia mheud uair a thìde a tha eadar 9m agus 3f.
\(9m - \,\text{meadhan-là} = 3\,uairean\)
\(\text{meadhan-là} - 3f = 3\,uairean\)
Ceum a trì
A-nis obraich a-mach an àireamh mhionaidean a tha eadar 3f agus 3.15f.
\(3f - 3.15f = 15\,mionaidean\)
Ceum a ceithir
Mu dheireadh, cuir-ris gach beàrn ùine.
\(35\,mion + 3\,u + 3\,u + 15\,mion = 6\,u + 50\,mion = 6\,u\,50\,mion\)
Eisimpleirean
Question
Chleachd Amy an t-eadar-lìon bho \(10.08\) gu \(14.57\). Dè cho fada 's a bha i air an eadar-lìon?
Cuir-ris na beàrnan ùine:
\(52\,mion + 1\,u + 2\,u + 57\,mion = 3\,uairean + 109\,mion\)
Ach tha \(109\,mionaidean\) nas fhaide na \(60\,mionaid\) (aon uair a thìde)
\(109\,mionaidean = 1\,uair\,49\,mionaidean\)
Mar sin tha \(3\,uairean + 1\,uair\,49\,mionaidean\) againn a-nis.
Chuir Amy seachad \(4\,uairean\,49\,mionaidean\) air an eadar-lìon.
Uaireannan bidh againn ri beàrn ùine obrachadh a-mach thairis air meadhan-oidhche.
Question
Ghabh Karen trèan air an oidhche. Thòisich an turas aig \(21.10\) agus chrìochnaich e aig \(07.30\). Dè cho fada 's a thug an turas?
Ùine an turais:
\(50\,mion + 2\,u + 7\,u + 30\,mion = 9\,uairean + 80\, mionaidean\)
\(80\,mionaid = 1\,uair\,20\,mionaid\)
Ùine an turais \(= 9\,uairean + 1\,uair\,20\,mionaid = 10\,uairean\, 20\,mionaid\)