ý

Prìomh fhiosrachadh

Tha ceò nas buailtiche a bhith ann as t-fhoghar no sa gheamhradh. Ach dè na dòighean anns am bi ceò a' toirt buaidh air ar beatha làitheil?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a bhios ceò ga dhèanamh doirbh faighinn mun cuairt
  • Mar a bheir ceò buaidh air bàtaichean agus plèanaichean
  • Nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson bàtaichean aig muir a chuideachadh nuair a tha ceò ann
  • Mar a nì sinn e nas sàbhailte dhuinn fhèin nuair a tha sinn a-muigh a' coiseachd ann an ceò

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mar a bheir ceò buaidh air ar beatha làitheil.

Ciamar a bhios ceò a' toirt buaidh air còmhdhail?

  • Tha sinn nas buailtiche ceò fhaicinn as t-fhoghar no sa gheamhradh.
  • Bidh solais air an raon-laighe a' cuideachadh phlèanaichean gu bhith a' falbh agus a' laighe nuair a tha i dorcha no ceòthach. Nuair a tha a' cheò uabhasach dùmhail, faodaidh maill a bhith air iteal no 's dòcha gun tèid an cur gu puirt-adhair eile.
  • Faodaidh ceò dràibheadh a dhèanamh doirbh. Feumaidh dràibhearan a bhith faiceallach agus gabhail air an socair. 'S dòcha gum feum solais ceothaidh a bhith air aca. Tha na solais làidir sin a' cuideachadh dhràibhearan gu bhith a' faicinn nas fhaide air falbh ann an ceò. Bidh solais ceothaidh cuideachd ag innse do dhràibhearan eile gu bheil càraichean eile air an rathad.
  • Airson bàtaichean a chuideachadh nuair a tha ceò ann, bidh taighean-solais a' cur leus làidir solais a-mach thairis air a' mhuir.
  • Bidh conacagan ceothaidh cuideachd a' cuideachadh bhàtaichean aig muir. Bidh na conacagan a' dèanamh fuaim mòr, domhainn gu cunbhalach. Bidh sin a' toirt rabhadh do bhàtaichean nuair a bhios iad faisg air tìr no air bàtaichean eile.
  • Faodaidh soithichean agus bàtaichean radar a chleachdadh airson an slighe a lorg ann an ceò agus airson rabhadh a thoirt do chàch gu bheil iad ann.

Tha an taisbeanadh seo a' sealltainn cuid dhe na dòighean as urrainn dhuinn a' chùis a dhèanamh nas sàbhailte nuair a tha ceò dhùmhail ann.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Bidh taigh-solais a' deàrrsadh air an oidhche, Taigh-solais Nuair a tha ceò dhùmhail ann, faodaidh e a bhith doirbh do bhàtaichean agus do shoithichean faicinn ro mhath. Thèid aig taigh-solais air solas a dheàrrsadh fada a-mach gu muir agus air rabhadh a thoirt do bhàtaichean gu bheil iad faisg air tìr. (Sebastian Loram / Alamy)
Back to top

A' cumail sàbhailte ann an ceò

Feumaidh sinn smaoineachadh air dè tha sinn a' dol a chur oirnn nuair a tha i ceòthach. Bidh rud sam bith a chuidicheas daoine gu faicinn, agus a bhith air am faicinn ann an an ceò, a' cuideachadh an cumail sàbhailte.

  • Bidh aodach ann an dathan soilleir ga dhèanamh nas fhasa d' fhaicinn bho phìos air falbh tron latha.
  • Tha aodach High Vis (goirid airson high visibility) . Bidh uiread sam bith de sholas na grèine a' toirt coltas orra gu bheil iad a' deàlradh. Bidh iad mar sin uabhasach furasta am faicinn ann an ceò tron latha.
  • Bidh aodach soillseach ag ath-thilgeil an t-solais bho lampaichean chàraichean air ais a dh'ionnsaigh an dràibheir. Bidh e mar sin nas fhasa d' fhaicinn, gu h-àraidh air an oidhche.
  • Feumaidh luchd-baidhsagail solais shoillseach air an aghaidh agus air a' chùl airson gun tèid am faicinn ann an ceò air an oidhche. Ma chuireas tu solais air do bhaga no air d' aodach, bidh e nas fhasa d' fhaicinn fiù 's ged nach biodh tu ach a' coiseachd.
Boireannach ann an seacaid shoillseach air baidhsagal ann an ceò
Image caption,
Bidh aodach soillseach, dathach ga do chumail sàbhailte oir bidh thu a' seasamh a-mach nuair a tha i ceòthach. (Andrew Bret Wallis / Getty Images)
Back to top

A' glacadh ceò

Lìon ceothaidh, airson taiseachd a ghlacadh

Cha bhi ceò an-còmhnaidh a' dèanamh duilgheadas. Uaireannan, 's ann a tha i feumail.

  • Faodar lìn ceothaidh a chleachdadh airson na boinneagan beaga uisge ann an ceò a chruinneachadh.
  • Tha seo uabhasach feumail ann an àitichean anns nach eil ach glè bheag de .
  • Mar eisimpleir, tha lìn ceothaidh air an cleachdadh ann am pàirtean de Pheru, Boilibhia, Colombia agus Meagsago. Bidh an t-uisge air a chruinneachadh agus air a chleachdadh airson nigheadaireachd, còcaireachd agus uisgeachadh bharran.
Lìon ceothaidh, airson taiseachd a ghlacadh
Back to top

  • taigh-solais - Togalach àrd le lampa air a' mhullach. Bidh an lampa a' tionndadh agus a' cur a-mach leus cunbhalach solais a bhios a' deàlradh thar na mara a' toirt rabhadh do bhàtaichean gu bheil tìr faisg.

  • conacag ceothaidh - Uidheam a bhios a' dèanamh fuaim domhainn gu cunbhalach airson rabhadh a thoirt do bhàtaichean aig muir gu bheil iad faisg air tìr.

  • solais ceothaidh - Solais uabhasach làidir a bhios air càr airson gum bi e nas fhasa do dhràibhearan faicinn nuair a tha i ceòthach.

Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Lorg taigh-solais faisg ort.

Tha an solas bho thaighean-solais air a chleachdadh airson rabhadh a thoirt do bhàtaichean gu bheil iad a' tighinn faisg air tìr. Tha sin a' ciallachadh gun tèid aig bàtaichean air cumail air falbh bhon chunnart fiù 's ged a tha e doirbh faicinn air sgàth na ceothaidh.

Tha taighean-solais mun cuairt cladach Alba. Feuch am faigh thu a-mach càit a bheil an taigh-solais as fhaisg ort.

An dèan thu dealbh dheth?

De th' ann an ceò revision-guide

Faigh a-mach mar a tha ceò air a cruthachadh, na diofar sheòrsaichean ceothaidh a th' ann agus mar a bhios sinn ga tomhas.

De th' ann an ceò

Raibeart Stevenson agus Stevensons nan Taighean-solais. revision-guide

Faigh a-mach mu Raibeart Stevenson agus a theaghlach a dhealbh mòran dhe na taighean-solais air costa na h-Alba.

Raibeart Stevenson agus Stevensons nan Taighean-solais
Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic