ý

Prìomh fhiosrachadh

An t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh. Dè na ràithean a th' ann? Ciamar a bhios iad a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mu na ceithir ràithean agus mar a dh'aithnicheas tu iad
  • Mar a tha na ràithean a' toirt buaidh air ar beatha
  • Mar a tha na ràithean a' toirt buaidh air lusan agus beathaichean

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mu na ràithean.

Back to top

An t-earrach

  • San RA, bidh an t-earrach a' tòiseachadh sa ѳà agus a' crìochnachadh deireadh a' Chèitein.
  • Bidh an ag èirigh às dèidh fuachd a' gheamhraidh.
  • Bidh na làithean a' faireachdainn nas fhaide chionn bidh sinn a' faighinn barrachd de sholas na grèine tron latha.
  • Bidh mòran chraobhan is lusan, mar lusan a' chrom-chinn agus craobhan siriste, a' tòiseachadh air fàs agus a' tighinn fo bhlàth.
  • Bidh àl, beathaichean òga, aig mòran bheathaichean. Bidh uain agus laoigh air am breith. Bidh losgainn agus ܾ𲹳-à a' sìolachadh ann am pollagan.
  • Bidh mòran bheathaichean a' dùsgadh à agus bidh cuid de bheathaichean a' tilleadh dhan RA an dèidh a bhith air a dhèanamh a dh'àite nas blàithe fad a' gheamhraidh.
  • Bidh tuathanaich a' cur sìol agus a' tòiseachadh air à fhàs.
Caoraich agus uain ann an achadh le lusan a' chrom-chinn ris an aghaidh
Image caption,
As t-earrach, bidh an t-sìde a' fàs nas blàithe, bidh na làithean a' fàs nas fhaide agus bidh beatha a' tòiseachadh ri fàs. Coimhead am faic thu uain anns na h-achaidhean agus lusan buidhe a' chrom-chinn fo bhlàth. (Roger Mardon / Alamy Stock Photo)
Back to top

An samhradh

  • Tha an samhradh san RA eadar an -Ò󾱴Dz agus an Lùnastal.
  • Bidh sìde nas blàithe agus làithean grianach ann as t-samhradh.
  • Bidh mòran againn a' cur seachad barrachd ùine a-muigh.
  • Bidh tòrr beatha a' dèanamh gu math anns a' ghrèin. Mar sin chì thu fiadh-bheatha gu leòr agus lusan agus craobhan fo làn bhlàth.
  • Bidh tuathanaich aig an àm seo a' coimhead às dèidh gach à a th' aca airson biadh fhàs.
Daoine a-muigh sa ghrèin air Tràigh na Gualainn
Image caption,
As t-samhradh, bidh na ٱòٳ󲹳an ag èirigh san RA agus 's àbhaist dhuinn barrachd ùine a chur seachad a-muigh. Tha grian an t-samhraidh a' còrdadh ris na daoine seo air Tràigh na Gualainn ann an Lodainn. (Richard Newton / Alamy Stock Photo)
Back to top

Am foghar

  • Bidh na ٱòٳ󲹳an nas fionnaire as t-fhoghar agus bidh na làithean nas giorra.
  • Bidh mòran bheathaichean ag ullachadh airson cadal-geamhraidh as t-fhoghar le bhith ag ithe tòrr bìdh agus a' lorg àite blàth sàbhailte mus tig an geamhradh.
  • Bidh cuid de bheathaichean a' deanamh imrich bhon RA gu àitichean nas blàithe mus tig an geamhradh fhuar.
  • 'S àbhaist dha na tuathanaich a bhith ri fogharadh, a' buain no a' togail nam barran, as t-fhoghar. Nuair a bhios am à air a bhuain no air a thogail, bidh e a' dol gu bùithtean agus supermarcaitean airson gum faigh daoine a cheannach, no bidh e air a ghiullachd (ga chur ann an tionaichean no ga thioramachadh) airson gum faigh daoine air ithe fad na bliadhna.

Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar a bhios biadh a’ dèanamh a shlighe bho thuathanasan gu ar truinnsearan an seo ann am : Biadh agus Slàinte: Tuathanas gu truinnsear

Carson a bhios dath nan duilleagan ag atharrachadh as t-fhoghar?

  • Bidh dathan brèagha a bhios a' còrdadh rinn a' nochdadh as t-fhoghar, mar orains, ruadh agus buidhe.
  • Tha ceimig ris an canar clorofail ann an duilleagan lusan agus bidh e a' sùghadh solas na grèine. Sin a tha a' fàgail gu bheil na duilleagan uaine.
  • Tha tòrr cheimigean dathach eile ann an duilleagan, ach tha fada a bharrachd annta dhen chlorofail uaine. Tha an dath uaine gu math nas làidire as t-earrach agus as t-samhradh agus tha e a' falach nan dathan eile.
  • As t-fhoghar, nuair a dh'fhàsas an t-sìde nas fhuaire, bidh na làithean nas duirche agus cha bhi uiread de sholas na grèine aig na duilleagan a shùghas iad.
  • Bidh craobhan a' sgur a dhèanamh clorofail agus mar sin bidh na duilleagan a' call an dath uaine.
  • Nuair a dh'fhalbhas an dath uaine, chì sinn na dathan a bha am falach: an t-orains, an ruadh, an donn agus am buidhe a chì sinn as t-fhoghar.
Image caption,
Bidh ٱòٳ󲹳an nas fionnaire agus mòran dhathan brèagha ann as t-fhoghar: orains, ruadh agus buidhe. Chaidh an dealbh dhe na craobhan òr-bhuidhe seo a thogail anns a' phàirc seo anns na Crìochan ann an Alba. (Rod Sibbald / Alamy Stock Photo)
Back to top

Image caption,
Bidh ٱòٳ󲹳an nas ìsle againn anns a’ gheamhradh agus tha e mar sin nas buailtiche gum faigh sinn sneachd. Tha sneachd math airson sleidseadh, ach faodaidh e siubhal a dhèanamh nas dorra. (picturesbyrob / Alamy Stock Photo)

An geamhradh

  • 'S e an geamhradh an ràith as fhuaire agus bidh e a' maireachdainn bho mu thimcheall meadhan an ù chun a' Ghearrain.
  • Tha na làithean nas giorra anns a' gheamhradh agus cha bhi uiread de sholas na grèine againn tron latha.
  • Tha ٱòٳ󲹳an nas ìsle a' ciallachadh gu bheil e nas buailtiche gum faigh sinn sneachd, deigh agus reothadh.
  • Feumaidh sinn aodach blàth a chur oirnn mar adan, seacaidean, sgarfaichean agus miotagan.
Image caption,
Bidh ٱòٳ󲹳an nas ìsle againn anns a’ gheamhradh agus tha e mar sin nas buailtiche gum faigh sinn sneachd. Tha sneachd math airson sleidseadh, ach faodaidh e siubhal a dhèanamh nas dorra. (picturesbyrob / Alamy Stock Photo)

Fiadh-bheatha a' gheamhraidh anns an RA

  • Tha gu math nas lugha de dh'fhiadh-bheatha ri fhaicinn agus nas lugha de lusan fo bhlàth. Bidh mòran chraobhan a' call nan duilleagan agus bidh mòran bheathaichean a' dèanamh imrich no cadal-geamhraidh anns a' gheamhradh.
  • Tha cuid de dh'eòin, de chraobhan agus de lusan eile air freagrachadh gu bhith beò agus a' dèanamh gu math anns a' gheamhradh.
  • Tha craobhan-daraich anns a' gheamhradh ach feumaidh an sìol aca ٱòٳ󲹳an ìosal a' gheamhraidh airson tòiseachadh air fàs.
  • Bidh meacain, mar 𲹱-à agus brògan na cuthaig, cuideachd a' tòiseachadh air fàs anns a' gheamhradh airson a bhith deiseil airson dìthean tighinn orra as t-earrach.
  • Bidh cuid de dh'eòin, mar uiseagan an t-sneachda, smeòraich an t-sneachda agus lùth-eòin, a' dèanamh dhan RA bhon a tha e fiù 's nas fhuaire anns na dùthchannan aca fhèin (àitichean mar Innis Tìle agus na dùthchannan Lochlannach) agus tha e nas fhasa dhaibh biadh a lorg.
Back to top

Na ràithean agus atharrachadh na gnàth-shìde

  • Tha an Talamh a' dol tro chuairt de dh'atharrachadh sa ghnàth-shìde. Tha a' teasachadh air sgàth teasachadh na cruinne agus tha seo a' toirt atharrachadh air an aimsir, air ìre an uisge agus air na ràithean.

  • Tha na geamhraidhean againn a' fàs nas blàithe agus nas fliche, agus tha na samhraidhean a' fàs nas teotha agus nas tiorama.

  • Tha atharrachadh na gnàth-shìde cuideachd a' ciallachadh gu bheil an t-àm a tha na ràithean a' tighinn air atharrachadh. Mar esimpleir, tha atharrachadh san t-sìde agus ann an ٱòٳ󲹳 a' ciallachadh gu bheil an t-earrach a' tighinn nas tràithe sa bhliadhna na chleachd.

  • Tha na h-atharrachaidhean seo a' toirt buaidh mhòr air fiadh-bheatha agus air sreathan-bìdh.

Back to top

  • ٱòٳ󲹳 - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho teth no cho fuar 's a tha e. Bidh sinn mar as trice a' tomhas ٱòٳ󲹳 ann an ceuman Celsius.
  • à - Lusan air am fàs mar bhiadh do dhaoine, mar gràn, lusan no measan.
  • imrich - Nuair a bhios beathach a' siubhal bho aon àite gu àite eile. 'S àbhaist gu bheil seo air sgàth atharrachadh nan ràithean.
  • cadal-geamhraidh - Nuair a bhios beathach na thàmh tro mhìosan a' gheamhraidh airson lùth a chaomhnadh, bidh an t-analachadh aca agus reat an cridhe a' fàs slaodach agus bidh ٱòٳ󲹳 am bodhaig a' tuiteam.
  • fogharadh - A' buain, a' togail agus a' cruinneachadh a h-uile à a tha abaich agus deiseil airson a stòradh no ithe.
Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Dèan postair mu bheathach a bhios ag atharrachadh a dhòighean nuair a dh'atharraicheas na ràithean.

Smaoinich mu bheathaichean a bhios a' dèanamh cadal-geamhraidh no imrich nuair a dh'atharraicheas na ràithean. Cuin a bhios iad a' dèanamh seo? Carson? Ciamar a bhios iad ag ullachadh?

Back to top

Barrachd mu na ràithean

Biadh ràitheil. revision-guide

Bidh diofar sheòrsaichean sìde anns na diofar ràithean. Tha seo a' toirt buaidh air a' bhiadh a bhios sinn a' fàs agus ag ithe. Faigh a-mach barrachd mu bhiadh ràitheil.

Biadh ràitheil
Back to top