Prìomh fhiosrachadh
Tha an ٱòٳ gu math eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean air feadh an t-saoghail. Carson a bhios seo a' tachairt?
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Na h-àitichean as fhuaire agus as teotha air an t-saoghal
- Dè th' anns a' Chrios-meadhain agus a' bhuaidh aige air ٱòٳ
- Dè th' ann an domhan-leud
- Mar a tha a bhith faisg air a' mhuir a' toirt buaidh air ٱòٳ
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach carson a tha an ٱòٳ cho eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean.
Carson a tha an ٱòٳ cho eadar-dhealaichte ann an diofar àitichean?
Astar bhon Chrios-meadhain
- 'S e a' Ghrian a tha a' toirt teas dhuinn air an Talamh. Mar as motha a gheibh àite de sholas na grèine, 's ann as teotha as àbhaist dha a bhith.
- Tha uiread agus neart na grèine a rèir 's dè cho fada 's a tha sinn bhon Crios-meadhainLoidhne mhac-meanmnail a tha a' dol mun cuairt na Talmhainn. Tha an Crios-meadhain a' comharrachadh na loidhne a tha a' sgaradh na leth-chruinne a Tuath agus Deas..
- Nuair a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain, canaidh sinn domhan-leud ris.
Astar bhon mhuir
- Bidh an tìr a' blàthachadh agus a' fuarachadh gu math nas luaithe na bhios uisge.
- Tha àitichean a-staigh air an tìrÀite a tha astar air falbh bhon chosta. buailteach a bhith nas teotha as t-samhradh agus gu math nas fhuaire sa gheamhradh.
- Chan àbhaist àitichean faisg air a' chosta a bhith cho teth as t-samhradh chionn tha iad ri taobh uisge a tha nas fhuaire. Cha bhi iad cho fuar sa gheamhradh chionn tha iad faisg air muir a tha nas blàithe.
Àirde os cionn ìre na mara
- Bidh ìre na mara ag innse dè cho àrd 's as àbhaist dhan mhuir a bhith.
- Mar as àirde a thèid thu suas bho ìre na maraÌre chuibheasach na mara, 's ann as fhuaire a bhios i. Sin as coireach gu bheil mullaich bheanntan glè thric fuar agus le sneachd orra.
Teòthachdan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail
Dèan coimeas eadar na ٱòٳan ann an àitichean air feadh an t-saoghail. Am mìnich thu carson a tha na ٱòٳan nas àirde no nas ìsle?
1 of 4
End of image gallery
- ٱòٳ - Mar a bhios sinn a' tomhas dè cho teth no cho fuar 's a tha i. 'S àbhaist dhuinn a bhith a' tomhas ٱòٳ ann an ceuman Celsius.
- Crios-meadhain - Loidhne mhac-meanmnail a tha a' roinn na Talmhainn ann an dà phàirt. Tha àitichean os cionn a' Chrios-meadhain san Leth-chruinne a Tuath. Tha feadhainn fon Chrios-meadhain san Leth-chruinne a Deas.
- domhan-leud - Mar a bhios sinn a' tomhas an astair eadar àite agus an Crios-meadhain. Mar eisimpleir, tha Alba air domhan-leud mu 55-57° Tuath air a' chrios-meadhain.
- à - Filleadh èadhair a tha mun cuairt na Talmhainn. Feumaidh teas agus solas na Grèine tighinn tron à airson faighinn thugainn.
- ìre na mara – An àirde aig an àbhaist am muir a bhith. Mar as àirde a thèid thu os cionn ìre na mara, 's ann as taine a bhios an èadhar agus 's ann as fhuaire a bhios i.
Ceistean
Tomhais an ٱòٳ ann an diofar àitichean le teas-mheidh agus taisbean na ٱòٳan ann an clàr.
Seo cuideachadh airson faighinn gu dol:
- Cuimhnich gum feum am fiosrachadh a leanas a bhith anns a' chlàr:
- tiotalan a' leubaileadh gu soilleir fiosrachadh a tha thu a' taisbeanadh:
- an t-àite san do chlàr thu an ٱòٳ.
- an ٱòٳ a chaidh a chlàradh ann an ceuman Celsius.
- Nuair a bhios tu air na ٱòٳan a chlàradh, feumaidh tu smaoineachadh mun òܲ dhan cuir thu am fiosrachadh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu am fiosrachadh a chur ann an òܲ bhon rud as lugha chun an rud as motha.
- An smaoinich thu air dòighean eile air am fiosrachadh a thaisbeanadh? Dè mu dheidhinn graf no graf-cholbhan?
Ma bhios tu ag iarraidh cuideachadh le clàradh agus taisbeanadh dàta, faigh a-mach barrachd san artaigil seo air Matamataig agus Àireamhachd: Ciamar a bhios mi a' clàradh agus a' taisbeanadh dàta?
More on Aimsir
Find out more by working through a topic