Bha Eliza Wigham ag iomairt air sràidean agus air cnuic Dhùn Èideann airson cur às do thràilleachd.
Cò bh' innte?
Rugadh Eliza Wigham ann an Dùn Èideann air 23 Gearran 1820.
Bha teaghlach Eliza nam pàirt de bhuidheann creideimh air an robh na Cuaigearan. Tha Cuaigearan a' creidsinn ann an ìٳ agus anns a' bheachd gu bheil a h-uile duine co-ionann.
Cleas Chuaigearan eile, bha Eliza agus an teaghlach aice dhen bheachd gun robh ٰà ceàrr. Bha iad airson crìoch a chur air ٰà anns na Stàitean Aonaichte, far an robh daoine dubha air an ceannach 's air an reic mar chuid-seilbh.
Chaidh Eliza an sàs ann am buidheann air an robh Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann. An seo tha saorsa a' ciallachadh a bhith a' leigeil saor agus bha an comann airson gun tigeadh crìoch air ٰà agus gun deidheadh tràillean Ameireaga a shaoradh.
An dèidh dhi gabhail dhan chomann, thug Eliza cuireadh do dhaoine a leithid an fhear ainmeil Frederick Douglass, a bha uair na thràill, tighinn a bhruidhinn ann an Dùn Èideann.
Chaochail Eliza ann am Baile Àtha Cliath air 3 Samhain 1899. Bha i 79.
Tràilleachd ann an Ameireaga
Bha ٰà ann an Ameireaga a' dol air ais gu na 1600an nuair a bha daoine air an toirt am bruid bhon dachaighean ann an Afraga an Iar. Bha iad air an cur dhan phrìosan agus air an cur air bàta a dh'Ameireaga.
Ann an Ameireaga bha aca ri obrachadh mar ٳà ann an àiteachan air an robh planntachasan. Bha rudan mar cotan agus tombaca a' fàs air na planntachasan sin.
Thàinig ٰà gu crìch ann an Ameireaga anns na 1860an. Aig an àm sin cha robh na Stàitean a Tuath a' ceadachadh ٰà, ach bha na Stàitean a Deas. B' e an deasbad seo air ٰà fear dhe na prìomh adhbhair gun do thòisich cogadh eadar Tuath agus Deas.
Canar Cogadh Catharra Ameireaga ris a' chogadh agus mhair e ceithir bliadhna.
B' e an Ceann-suidhe Abraham Lincoln, a bha os cionn a' Chinn a Tuath, a bhuannaich an cogadh ann an 1865. Agus anns a' bhliadhna sin, thàinig ٰà ann an Ameireaga gu crìch.
Tràilleachd agus Cogadh Catharra Ameireaga
1 of 6
Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann
Chaidh Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann a è ann an 1833.
Bha an comann airson crìoch a chur air ٰà ann an Ameireaga agus bha iad ag iomairt à Alba.
Airson innse do dhaoine dè bha a' tachairt, bhiodh an comann a' toirt cuireadh do dhaoine bruidhinn a-mach an aghaidh ٰà aig coinneamhan poblach.
Bha Comann Saoraidh Bhoireannaich Dhùn Èideann fhathast a' dol ann an 1870.
Saoghal Eliza Wigham - na daoine agus na h-àiteachan a bha cudromach dhi
1 of 4
More on Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh
Find out more by working through a topic
- count16 of 28
- count17 of 28
- count18 of 28
- count19 of 28