Geò-tasgadh agus gnìomhachas ann an Dùn Dè
'S e Dùn Dè an ceathramh mòr-bhaile as motha ann an Alba. Tha na gnìomhachasan agus obraichean ann an Dùn Dè air atharrachadh iomadh turas thar nam bliadhnaichean.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- dè th' ann an geò-tasgadh
- mu dhiofar ghnìomhachasan ann an Dùn Dè
- mar a thug Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais buaidh air Dùn Dè
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd sa bhun-sgoil.
Bhidio - Geò-tasgadh agus gnìomhachas ann an Dùn Dè
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air Dùn Dè tro gheò-tasgadh. Tha iad ag ionnsachadh mu dhiofar ghnìomhachasan agus mar a thug Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais buaidh air Dùn Dè.
Dè th' ann an geò-tasgadh?
'S e seòrsa de lorg ionmhas a th' ann an geò-tasgadh.
Bidh e a' cleachdadh co-chomharran GPS, sanasan agus mapaichean airson leabhraichean-clàraidh falaichte a lorg. Faodaidh tu d' ainm a chur annta sin agus an cur air ais airson gun lorg rannsaichearan eile iad.
Dè th' ann an GPS?
Tha GPS a' ciallachadh Siostam Suidheachadh Cruinneil (Global Positioning System). 'S e saidealan a bhios e a' cleachdadh airson innse dhut càit a bheil thu no far a bheil thu airson a dhol.
Bidh saidealan GPS a' cur a-mach shiognalan a' sealltainn far a bheil iad os cionn na Talmhainn.
Bidh fònaichean agus uidheaman eile a' tragadh nan siognalan sin. Ma tha an t-uidheam agad a' faighinn shiognalan bho cheithir no barrachd shaidealan, obraichidh e a-mach far a bheil thu a rèir 's càit a bheil na saidealan agus an ùine a bheir na diofar shiognalan mus ruig iad thu.
Dè na sanasan a th' ann an geò-tasgadh?
Tha leantainn shanasan na phàirt cudromach de gheò-tasgadh. Bidh sanasan a' toirt dhut rud beag fiosrachaidh a stiùireas tu gu do cheann-uidhe.
Mar eisimpleir, b' e a' chiad shanas a fhuair Isla agus Connor, "Aig uisge nach eil na mhuir, ach fhathast le soitheach air, sin far an lorg thu mi".
Bhon a seo dh'obraich iad a-mach gum b' e RSS Discovery, bàta a chaidh a thogail ann an Dùn Dè, an ceann-uidhe. Faodaidh tu tadhal air Discovery Point, a tha ri taobh Abhainn Tatha.
Dè a th' ann am mapaichean?
Dh'fheumadh Isla agus Connor map a leantainn nuair a bha iad air chuairt ann an Dùn Dè.
'S e ìomhaigh dhà-thaobhach de sgìre a th' ann am map. Seallaidh GPS dhut far a bheil thu agus far a bheil thu ag iarraidh a dhol, ach cuidichidh map le bhith a' sealltainn rathaidean, togalaichean, aibhnichean agus feartan eile air am feumadh tu 's dòcha siubhal no a dhol timcheall.
Gnìomhachas ann an Dùn Dè
Tha iomadh seòrsa gnìomhachais air a bhith ann an Dùn Dè.
Mar a h-uile gnìomhachas, gabhaidh iad sin a roinn ann an seòrsaichean no seactoran gnìomhachais.
ܲ-ìdz
Bidh ܲ-ìdzan a' lorg no a' fàs stuthan amh.
Mar eisimpleir, bidh gnìomhachas na coilltearachd a' fàs chraobhan agus gan leagail airson fiodh, bidh tuathanachas a' fàs bharran no ag àrach bheathaichean, bidh èԲԱ a' cladhach gual, meatailtean no stuthan eile às an talamh.
Anns an àm a dh'fhalbh bha sealg na muic-mhara agus iasgach le chèile nam ܲ-ìdzan cudromach ann an Dùn Dè.
-ìdz
Bidh -ìdzan a' dèanamh bathar bho nithean bho na ܲ-ìdzan.
Mar a bha Dùn Dè a' fàs, bha dèanamh aodach clòimhe bho chlòimh agus anart bho lìon nan eisimpleirean tràth de dh'-ìdzan. Ann an linn Bhictòria, b' e dèanamh aodach diut an gnìomhachas a bu mhotha ann an Dùn Dè.
Am measg nan gnìomhachasan cudromach eile ann an Dùn Dè bha ٴDz-àٲ agus dèanamh marmailèid agus silidh.
Faigh a-mach mu shuidheachadh obrach ann am factaraidh diut ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria: Ag obair ann an Alba ann an Linn Bhictòria
-ìdz
Bidh -ìdzan a' lìbhrigeadh sheirbheisean. Mar eisimpleir, 's e -ìdzan a th' ann an gruagaireachd, an rèile, sgoiltean, taighean-dhealbh, ùٳٱ agus ospadail.
Dh'fhàs Dùn Dè mar phort malairt, le gluasad-bathair a-mach 's a-steach às a' chaladh, agus bha ceannach agus reic a' bhathair sin nan -ìdzan cudromach.
Tha obair naidheachdan agus dèanamh à-Բ agus chomaigean cuideachd air a bhith nan -ìdzan cudromach anns a' bhaile. Tha Taigh-tasgaidh V&A na eisimpleir nas ùire de dh'iomadh -ìdz ann an Dùn Dè.
Gnìomhachas na ceathramh ìre
Bidh gnìomhachasan na ceathramh ìre a' dèanamh rannsachadh no ag obair le, no a' sgaoileadh, fiosrachadh.
Mar eisimpleir, 's e seirbheisean na ceathramh ìre a th' ann an coimpiutaireachd, ICT (teicneòlasan fiosrachaidh is conaltraidh), dealbhadh làraich-lìn agus rannsachadh saidheansail.
'S e leasachadh gheamannan bhidio fear de ghnìomhachasan na ceathramh ìre ann an Dùn Dè.
Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ann an Dùn Dè
Canar Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ris an àm anns an tàinig atharrachadh mòr ann an gnìomhachas, teicneòlas agus saidheans. Thòisich e mu 1760 agus thachair mòran dhe na h-atharraichidhean a bu mhotha ann an linn Bhictòria.
Ro Mhòr-chaochladh a' Ghnìomhachais, bha mòran dhaoine ann an Alba a' fuireach ann an sgìrean dùthchail. Bha mòran ag obair air croitean no tuathanasan. Bha cuid de dhaoine a' dèanamh bathar aig an taigh, mar eisimpleir a' fighe aodach clòimhe no anart.
Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus faic mar a dh'atharraich Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais Dùn Dè agus Alba.
1 of 4
Ionnsaich tuilleadh mu Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais ann an linn Bhictòria: Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais
co-chomharran – Seat àireamhan a dh'innseas dhut suidheachadh cuideigin no rudeigin.
GPS – Siostam Suidheachaidh Cruinneil (GPS Global Positioning System). Siostam a tha a' cleachdadh shaidealan airson obrachadh a-mach càit a bheil rudeigin air uachdar na Talmhainn.
domhan-leud – Cho fada tuath no deas 's a tha àite bhon Chrios-meadhain.
domhan-fhad – Cho fada an ear no an iar 's a tha àite bhon Phrìomh Mheadhan-loidhne, a tha a' ruith tuath agus deas tro Ghreenwich ann an Lunnainn.
ܲ-ìdz – Gnìomhachas a bhios a' cladhach no a' fàs stuthan amh, mar eisimpleir èԲԱ no tuathanachas.
-ìdz – Gnìomhachas a bhios ag atharrachadh stuthan amh gu bathar ùr, mar eisimpleir ag atharrachadh fiodh gu bhith na àirneis no cruithneachd na aran.
-ìdz – Gnìomhachas a bhios a' lìbhrigeadh seirbheis, mar eisimpleir gruagaire no mòr-bhùth a' reic biadh.
gnìomhachas na ceathramh ìre – Gnìomhachas a bhios ag obrachadh le fiosrachadh agus teicneòlas, mar eisimpleir rannsachadh meidigeach no dealbhadh gheamannan coimpiutair.
anart – Aodach air a dhèanamh bho lus an lìn.
diut – Aodach làidir, garbh air a dhèanamh de shnàithleach lus an diut.
Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais – Àm anns an 18mh agus anns an 19mh linn nuair a dh'innlich an RA agus dùthchannan eile teicneòlas agus còmhdhail ùr, agus a dh'fhàs mòr-bhailtean mun cuairt air factaraidhean agus gnìomhachasan ùra.
Ceistean
ù
Thoir sùil air gnìomhachasan ionadail
An lorg thu eisimpleirean de bhun, iar, leas agus gnìomhachasan aig a' cheathramh ìre anns an sgìre ionadail agad?
Dèan liost de bhathar no de sheirbheisean a bhios tu a' cleachdadh tron latha. An tèid agad air iad sin a chur ann am buidhnean a rèir nan seòrsaichean ghnìomhachasan a bhios gan toirt dhuinn?
Tuilleadh ri ionnsachadh
Ionnsaich tuilleadh mu chruthan-tìre agus gnìomhachas ann a Dùn Dè le na h-artaigilean ý Bitesize seo airson sgoilearan sa bhun-sgoil.
Abhainn Tatha: an cùrsa ìochdrach. revision-guideAbhainn Tatha: an cùrsa ìochdrach
Siubhal sìos cùrsa ìochdrach Abhainn Tatha gu Dùn Dè agus a' Chuan a Tuath.
Obair ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria. revision-guideObair ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria
Faigh a-mach mu shuidheachadh obrach ann an factaraidh diut ann an Dùn Dè ann an linn Bhictòria.
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count10 of 24
- count11 of 24
- count12 of 24
- count13 of 24