ý

Tha iomadh feart-tìre air a dhèanamh de chreag ach chan eil a h-uile seòrsa creig an aon rud. Tha trì diofar sheòrsaichean chreagan ann: ù𲹳, teinnteach agus cruth-atharrachail.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a tha diofar sheòrsaichean chreagan air an cruthachadh
  • Dè tha ag adhbharachadh dhruimein ann an creagan ù𲹳
  • Mar a bheir pleataichean teactonaig air creagan gluasad

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean ܳٳ󲹲-ì airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad ag ionnsachadh mu dhiofar sheòrsaichean chreagan ann an Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu dhiofar sheòrsaichean chreagan.

Back to top

Seòrsaichean chreagan

Tha trì phrìomh sheòrsaichean chreagan ann:

  • ù𲹳
  • teinnteach
  • cruth-atharrachail
Na trì phrìomh sheòrsachan creige: creag ùeach, creag theinnteach agus creag chruth-atharrachail

Creag ùeach

Tha creagan ù𲹳 air an dèanamh de mhìrean beaga, bìodach de chreagan, criostailean no .

  • Bidh creag a' briseadh agus a' na mìrean beaga, bìodach agus bidh gaoth, deigh no uisge gan gluasad.
  • Bidh na pìosan chreagan air an an àiteigin eile.
  • Bidh gach tasgadh a' cruinneachadh nam fillidhean de ù.
  • Bidh na fillidhean ùe air am pronnadh agus air an ùٳ󲹻 gus an cruadhaich iad agus bidh creag ùeach air a cruthachadh. Faodaidh gun toir e na milleanan bhliadhnaichean mus tèid creagan ù𲹳 a chruthachadh.

Seo eisimpleirean de chreagan ù𲹳:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Teanamaintean de chlach-ghainmheach, Clach-ghainmhich 'S e seòrsa de chreag ùeach air a dèanamh le fillidhean gainmhich a th' ann an clach-ghainmhich. 'S e creag bhog a th' innte agus bidh i mar sin a' bleith gu math luath. Tha i math airson togail leatha agus tha i glè thric air a chleachdadh airson taighean a thogail, mar na teanamaintean seo ann an Dùn Èideann (deas). (Iain Masterton / M. Timothy O'Keefe / Alamy Stock Photo)

Druimeagan

Image caption,
Druimeagan tràghad nam fosailean ann an clach-ghainmhich (Ashley Cooper / Alamy Stock Photo)
  • Bidh druimeagan air an cruthachadh nuair a ghluaiseas gaoth no uisge ù sgaoilte, mar gainmheach. Bidh a' ghaoth no an t-uisge a' fàgail làraich sa ù.
  • Chithear druimeagan gu math tric air tràigh nuair a thig na tuinn suas air a' chladach agus a ghluaiseas a' ghainmheach.
  • Thar ùine, faodaidh na làraich sin a dhol nam fosailean. Tha sin a' ciallachadh gun deach na druimeagan a ghleidheadh. Bidh seo a' tachairt far an deach fillidhean ùe a dhlùthadh agus creag ùeach a chruthachadh, mar clach-ghainmheach. Ach chaidh na druimeagan fhàgail.
Image caption,
Druimeagan tràghad nam fosailean ann an clach-ghainmhich (Ashley Cooper / Alamy Stock Photo)

Creag theinnteach

  • Tha creagan teinnteach air an cruthachadh bho no .
  • Bidh creag bho rùsg agus bho fhallainn na Talmhainn a' leaghadh air sgàth atharraichean ann an teas agus ann am bruthadh.
  • Bidh pàirt dhen mhagma leaghte seo ag èirigh suas tro rùsg na Talmhainn.
  • Bidh am magma a' fuarachadh mar a bhios e ag èirigh. Bidh pàirt dheth a' cruadhachadh fon talamh. Bidh cuid eile ag èirigh chun an uachdair mar à mus cruadhaich e.

Seo eisimpleirean de chreagan teinnteach:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Basalt 'S e seòrsa de chreag theinnteach a th' ann an creag basalt. Chaidh a cruthachadh le à a tha air fuarachadh. Tha Eilean Stafa anns na h-Eileanan A-staigh ainmeil airson nan colbhan iongantach de chreag bhasalt. (Derek Croucher / Alamy Stock Photo)

Creag chruth-atharrachail

Bidh creag chruth-atharrachail a' tòiseachadh na h-aon seòrsa creige agus ag atharrachadh na seòrsa eile. Mar eisimpleir, faodaidh creag chruth-atharrachail a bhith air a cruthachadh air sgàth teas mòr no bruthadh mòr.

Seo eisimpleirean de chreagan cruth-atharrachail:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, , Schist 'S e creag chruth-atharrachail ghlas-uaine a th' ann an schist. Chaidh a cruthachadh nuair a chaidh creagan ù𲹳 a phronnadh agus atharrachadh le teas agus bruthadh. Gheibhear schist air feadh na Gàidhealtachd, mar na creagan aig Creag Farleitter ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. (Alan Wilson)

Pleataichean teactonaig

Image caption,
'S e creag chruth-atharrachail a th' ann an gneiss Leòdhasach a chaidh a chruthachadh nuair a chaidh pleataichean teactonaig fhorsadh ri chèile. (Clearview / Alamy Stock Photo)

Faodaidh diofar chreagan atharrachadh gu bhith nan creagan cruth-atharrachail nuair a bhruthas na chèile. Tha na creagan as sine ann an aon phleat teactonaig air am putadh suas agus thairis air creagan nas òige anns a' phleat eile.

'S ann mar seo a chaidh Gneiss Leòdhasach a chruthachadh. Gheibhear an Coimpleacs Leòdhasach ann an ceann an iar-thuath Alba agus tha cuid dhe na creagan as sine air an t-saoghal ann! Tha pàirt dhen chreig seo còrr is trì billean bliadhna a dh'aois.

Image caption,
'S e creag chruth-atharrachail a th' ann an gneiss Leòdhasach a chaidh a chruthachadh nuair a chaidh pleataichean teactonaig fhorsadh ri chèile. (Clearview / Alamy Stock Photo)
Back to top

  • geopark - Sgìre a tha aithnichte airson a bhith cudromach a thaobh geòlais. Canar geòlas ri sgrùdadh saidheansail chreagan is chlachan.
  • creag ùeach - Creag bhog air a dèanamh de phìosan beaga briste de chreagan 's de chriostailean.
  • clach-ghainmhich - Seòrsa de chreag ùeach.
  • tasgadh - Nuair a bhios ùean, ùir agus creagan air an gluasad le gaoth, deigh, uisge no grabhataidh agus air am fàgail.
  • ù - Stuthan leithid chlachan agus gainmheach a tha air an gluasad bho aon àite agus gan leagail ann an àite eile.
  • druimeag - Làraich stuaghach no dromannan beaga air am fàgail air gainmheach, poll no creag le gluasad uisge no le gaoth.
  • creag chruth-atharrachail - Creag a thòisich mar aon seòrsa creige ach a chaidh a h-atharrachadh. Mar eisimpleir, 's dòcha gun deigheadh creag chruth-atharrachail a chruthachadh air sgàth teas mòr no bruthadh mòr.
  • pleataichean teactonaig - Leacan mòra a tha a' fiotadh ri chèile agus a' dèanamh suas rùsg na Talmhainn.
  • magma - Creag leaghte a tha cho teth 's gu bheil i air a dhol na lionn. Nuair a ruigeas magma uachdar na Talmhainn, canar à ris.
  • fallainn - Am filleadh fo rùsg na Talmhainn. Tha a' chreag cruaidh anns a' chuid as àirde dhen fhallainn, ach tha a' chreag nas buige nas fhaide shìos agus a' tòiseachadh air leaghadh.
  • creag theinnteach - Creag air a dèanamh à magma.
  • ion-shàthadh teinnteach - Feart creige a bhios air a chruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas magma (creag leaghte) fo uachdar na Talmhainn.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

ù

Dèan postair mu sheòrsa de chreag.

Tagh bho chreagan ù𲹳, teinnteach no cruth-atharrachail agus dealbhaich postair mun t-seòrsa creige seo.

Beachdan airson a' phostair agad:

  • Ciamar a tha a' chreag air a cruthachadh?
  • Dè na h-eisimpleirean a th' ann dhen t-seòrsa creige seo?
  • Saoil càit an lorgadh tu an seòrsa creige seo?

Ma dh'fheumas tu cuideachadh a' dealbhachadh a' phostair, thoir sùil air an iùl seo: Mar a nì thu postair

Tuilleadh mu chreagan

Cruth-tìre clach-aoil. revision-guide

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh clach-aoil, seòrsa de chreag ùeach.

Cruth-tìre clach-aoil

Cruth-tìre teinnteach. revision-guide

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh feartan cruth-tìre teinnteach.

Cruth-tìre teinnteach
Back to top

More on ܳٳ󲹲-ì

Find out more by working through a topic