ý

Canar an cùrsa ìochdrach ris an earrann mu dheireadh de dh'abhainn. Seo far am bi an abhainn a' sruthadh a-steach a dh'uisge eile, mar a' mhuir no abhainn eile.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Na feartan ann an cùrsa ìochdrach aibhne
  • Mar a thèid eilean a chruthachadh ann an abhainn
  • Dè th' ann an raon-tuile
  • Beatha ris a' mhuir

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean ܳٳ󲹲-ì airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh cùrsa meadhain Abhainn Tatha.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu na feartan aig cùrsa ìochdrach aibhne.

Dè th' ann an abhainn?

  • 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh bho a-steach a sgìre-uisge eile, mar a' mhuir, a th' ann an abhainn.
  • Tha trì earrannan ann an abhainn: an cùrsa uachdrach, an cùrsa meadhain agus an cùrsa ìochdrach.
Cala Irbhinn
Image caption,
Tha cùrsa ìochdrach aibhne domhainn agus leathann, mar a chì thu san dealbh seo de dh'Abhainn Irbhinn a' sruthadh a-mach gu muir.
Back to top

Dè tha sa chùrsa ìochdrach?

  • Canar an cùrsa ìochdrach ris an earrann mu dheireadh de dh'abhainn. Bidh i a' sruthadh à seo a sgìre-uisge eile mar loch, a' mhuir, cuan no abhainn eile.
  • Sa chùrsa ìochdrach, tha na h-aibhne domhainn agus leathann agus làn ùisge.
  • Tha an cruth-tìre sa chùrsa ìochdrach òԲ, agus mar sin tha leathann aige.
  • Nuair a ruigeas abhainn deireadh na slighe, chan eil uiread a neart innte agus bidh an a' slaodachadh.
  • Sa chùrsa ìochdrach, chan eil neart gu leòr aig an uisge airson stuth, leithid gainmheach agus grùid, a ghiùlan agus mar sin bidh an abhainn ga leigeil sìos. Bidh an seo a' cruthachadh fheartan mar eileanan.
  • Canar beul-aibhne ris a' phàirt far am bi abhainn a' crìochnachadh agus a' coinneachadh ri sgìre-uisge eile, mar a' mhuir.

Feartan fiosaigeach sa chùrsa ìochdrach

Chì thu eisimpleirean de fheartan a' chùrsa ìochdrach anns na dealbhan.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Bruaichean Uisge Spè a' cur thairis, Raointean-tuile Tha raon-tuile leathann aig cùrsa ìochdrach aibhne. Nuair a tha tòrr uisge no uisge-aiteimh ann, faodaidh abhainn cur thairis. Faodaidh uisge farsaingeachd mhòr dhen raon-tuile a chur fo uisge bhon a tha e cho òԲ.

Beatha aig beul-aibhne

Bidh mòran aibhnichean a' sruthadh a-mach gu muir. Faigh a-mach mu bheatha aig beul-aibhne, no inbhir, san taisbeanadh seo.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Bàtaichean aig port, Obar Dheathain, Bàtaichean, puirt agus malairt Bidh bàtaichean mòra a' giùlan bathar bho air feadh an t-saoghail gu puirt. San àm a dh'fhalbh, shoirbhich le bailtean mar Dùn Dè agus Obar Dheathain (san dealbh) air sgàth malairt nam bàtaichean. Chaidh mòran phuirt bhàtaichean a thogail aig beul aibhnichean agus chanàlan bhon a bha e furasta faighinn gu muir no gu bailtean na b' fhaide shuas an abhainn.
Back to top

Ìomhaigh le 'Prìomh fhacail' sgrìobhte air
  • an cùrsa ìochdrach - An earrann mu dheireadh de dh'abhainn a bhios a' sruthadh a sgìre-uisge eile mar loch, a' mhuir, cuan no fiù 's abhainn eile. Tha cùrsa ìochdrach aibhne nas slaodaiche agus chan eil uiread de neart ann airson stuth mar ghainmheach no grùid a ghiùlan.
  • tasgadh - Nuair nach bi uiread de chumhachd aig an uisge, leigidh e às an stuth a bha e a' giùlan, mar ghainmheach agus grinneal.
  • eilean - Fearann a tha air a chuartachadh gu tur le uisge. Thar ùine, bidh abhainn a' leigeil sìos tòrr gainmhich agus grùid. Tòisichidh lusan agus pris a' fàs anns na sgìrean sin agus bidh na freumhaichean aca a' dèanamh an eilein stèidheil.
  • raon-tuile - Ma bhios cus uisge ann, bidh an talamh faisg air abhainn a' dol fo thuil. Nuair a thachras seo, bidh an abhainn a' cur thairis air an sgìre mun cuairt. Tha an cruth-tìre mu chuairt a' chùrsa ìochdrach òԲ agus nas buailtiche a bhith fo thuil.
  • beul-aibhne - Far a bheil abhainn a' coinneachadh ris a' mhuir, cuan no loch. Bidh an abhainn a' tasgadh tòrr dhen ghrinneal, gainmheach, eabar agus crèadh a bha i a' giùlan aig beul na h-aibhne.
  • port - Àite sa bheil bàtaichean air an luchdachadh 's air am falamhachadh. Seo far am faigh daoine agus cargu a dhol eadar muir agus tìr.
  • cala - Àite sàbhailte far am faod bàtaichean docadh.
Back to top

Feuch na ceistean goirid seo mun chùrsa ìochdrach.

Ìomhaigh air a bheil am facal 'ù' sgrìobhte

ìDz faidhle fiosrachaidh mu phort no cala faisg ort.

'S e aithisg ghoirid a th' ann am faidhle fiosrachaidh. Bidh am fiosrachadh as cudromaiche mu aon chuspair ann. Faodaidh gur e nì, àite no fiù 's cuideigin an cuspair a bhios ann.

Seo eisimpleirean de phuirt 's de chalachan ann an Alba: Obar Dheathain, Glaschu, Grianaig, Lìte agus Dùn Dè.

Taic airson aithisg a sgrìobhadh:

  • Mus sgrìobh thu faidhle fiosrachaidh, tha e cudromach gun rannsaich thu an cuspair. Dèan notaichean rianail mar ullachadh airson am faidhle fiosrachaidh deireannach a sgrìobhadh.
  • Nuair a tha thu deiseil airson am faidhle fiosrachaidh a sgrìobhadh, tòisich le tiotal mòr soilleir.
  • ìDz ro-ràdh goirid airson innse dhan leughadair cò mu dheidhinn a tha thu a' sgrìobhadh.
  • Cuir am fiosrachadh ann an òrdugh le fo-thiotalan.
  • A' cleachdadh an rannsachaidh a rinn thu, sgrìobh paragrafan soilleir mionaideach fo gach fo-thiotal.
  • Cuir ann dealbhan airson am faidhle a dhèanamh nas inntinniche.
  • Bu chòir cànan foirmeil a bhith san fhaidhle agus cha bu chòir do bheachdan-sa a bhith ann.

Ma dh'fheumas tu tuilleadh cuideachaidh a' sgrìobhadh na faidhle fiosrachaidh, gheibh thu barrachd fiosrachaidh a seo: Mar a sgrìobhas tu aithisg

Back to top