Cleachdadh-fearainn anns a' Ghaidhealtachd
Faodaidh diofar bhuidhnean dhaoine an aon uimhir de dh'fhearann a chleachdadh airson diofar adhbharan. Tha e ag obrachadh nas fheàrr nuair a tha daoine a' smaoineachadh air daoine eile, air an fhiadh-bheatha agus air an àԲeachd, ach chan eil seo an-còmhnaidh cho furasta sin.
San artaigil seo, gheibh thu a-mach mu:
- na diofar sheòrsaichean cleachdadh-fearainn agus na duilgheadasan a dh'fhaodadh èirigh
- còd ciallach do luchd-coiseachd agus luchd-tadhail ann an sgìrean fo dhìon
- turasachd linn Bhictòria air a' Ghàidhealtachd agus an dìleab aig a sin
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 –An Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Cleachdadh-fearainn ann an Gleann Feisidh
Thig còmhla ri Isla agus Connor air chuairt tro Ghleann Feisidh, far a bheil iad a' faighinn a-mach mar a tha diofar obraichean dhaoine a' toirt buaidh orra uile agus air an dealbh-tìre.
Càite bheil Gleann Feisidh?
'S e oighreachd spòrs air iomall Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a th' ann an Gleann Feisidh.
Tha e a' tarraing luchd-tadhail air sgàth bòidhchead nàdair, agus spòrs dùthchail air a' bhlàr a-muigh mar sealg agus iasgach. Faodaidh luchd-tadhail teachd-a-steach a thoirt dhan sgìre oir bidh iad a' toirt airgead leotha airson a chosg, ach faodaidh duilgheadasan a bhith ann nuair a tha diofar bhuidhnean dhaoine airson an aon phìos fearainn a chleachdadh.
Seo eisimpleirean de na dh'fhaodadh luchd-tadhail ann an sgìre mar Gleann Feisidh a dhèanamh.
1 of 4
Dè a th' ann an còir air fàrsan?
Ann an Alba, tha 'a' chòir air fàrsan' aig daoine. Tha seo a' ciallachadh gum faod iad an tìr a rannsachadh gun chead bho uachdaran an fhearainn, fhad 's a tha iad gan giùlan fhèin gu math. Tha trì prionnsapalan sìmplidh ann an Còd Slighean na h-Alba airson a bhith cùramach ann a bhith a' faighinn toileachas a-muigh:
- A' toirt spèis do dh'ùidhean dhaoine eile
- Cùram dhan àԲeachd
- A' gabhail uallach airson na nì thu fhèin
Feumaidh manaidsearan fearainn cuideachd na prionnsapalan seo a leantainn airson a bhith cinnteach gum faigh daoine toileachas air a' bhlàr a-muigh gu sàbhailte.
Bhictòrianaich agus luchd-tadhail
Dh'fhàs daoine measail air a' Ghàidhealtachd mar cheann-uidhe do luchd-turais ann an Linn na Banrigh Bhictòria. 'S dòcha gun robh na seallaidhean ‘gun mhilleadh' a bha luchd-turais an dùil fhaicinn brèagha airson coimhead orra, ach bha iad cuideachd nam fianais air Fuadach nan Gàidheal nuair a chaidh teaghlaichean fhuadach às an dachaighean airson àite a dhèanamh do chaoraich no fèidh.
'S e dealbh ainmeil leis an neach-ealain Sir Edwin Landseer a th' ann am 'Monarch of the Glen'. Tha e a' sealltainn damh ruadh air fearann falamh agus tha cuid dhen bheachd gu bheil an dealbh-tìre stèidhichte air Gleann Feisidh.
Tha an dealbh co-cheangailte ri sealladh romantaigeach dhen Ghàidhealtachd. Tha seo a' ciallachadh gu bheil daoine a chì an dealbh no a thadhaileas air a' Ghàidhealtachd dhen bheachd gu bheil an dealbh-tìre na fhàsach nàdarra. Ach tha a' mhòr-chuid dhen dealbh-tìre a chì sinn ann an Alba an-diugh mar thoradh air obair dhaoine, mar eisimpleir a' leagail choilltean, tuathanachas agus turasachd.
Tha an dealbh a' sealltainn bòidhchead nàdair, gun a bhith a' sealltainn càil eile mu fhìor bheatha anns an sgìre.
Agus seo aon adhbhar airson 's gu bheil feum air stiùireadh soilleir mar Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Tha e a' cuimhneachadh do luchd-tadhail gu bheil daoine a' fuireach agus ag obair air feadh an deilbh-tìre seo, agus tha e ag innse dhuinn mar a bheir sinn spèis dhan dealbh-tìre agus dha na daoine.
Fiadh-bheatha agus lusan
'S e cùis chudromach a th' ann an èٱDìon na -àԲeachd nàdarra. agus manaidseadh fiadh-bheatha ann an àiteachan mar Gleann Feisidh. Tha an sgìre na àԲFar am bi lus no beathach a' fuireach. do chòrr is 5,000 eun is beathach le mu 1,000 dhiubh air am meas 'tearc gu nàiseanta' no 'gann'.
Cuin a thòisich ath-fhiadhachadh Ghleann Feisidh?
Tràth anns an 19mh Linn, dh'fhàs stalcaireachd ann an Gleann Feisidh gu bhith na chur-seachad cudromach air oighreachdan spòrs. Chàidh àireamhan an fhèidh a chumail àrd gu mì-nàdarra airson luchd-tadhail a thàladh gu stalcaireachd agus sealg an fhèidh.
Ach chuir àireamhan an fhèidh bacadh air lusan òg bho thighinn air adhart agus chuir sin stad air a' choille bho fhàs. Ann an 2004, chaidh àireamh mhòr de dh'fhèidh a tanachadh. Bheagaich seo an àireamh de dh'fhèidh agus thug e cothrom dha na lusan sin fàs.
Canar ath-fhiadhachadhGnìomhan airson àԲean nàdarra a thilleadh dhan staid thùsail aca. ris a' phròiseas a tha a' leigeil le lusan dùthchasach fàs, no nuair a tha lusan dùthchasach air an cur a dh'aon ghnothaich.
Tha diofar bheachdan ann mu ath-fhiadhachadh:
- Tha cuid de dhaoine ag iarraidh sgìrean mar Gleann Feisidh ath-fhiadhachadh airson gum bi àԲ shàbhailte ann do lusan dùthchasach agus do bheathaichean.
- Tha cuid a' cumail a-mach gun cuidich cur barrachd choilltean le beagachadh carbon anns an àile agus gun cuidich e a' cur bacadh air atharrachadh na gnàth-shìde.
- Tha cuid eile dhen bheachd gu bheil ath-fhiadhachadh a' ciallachadh nach bi uiread de dh'fhearann ann airson tuathanachas no gum bi sgìrean ath-fhiadhaichte air an dùnadh dheth bho luchd-tadhail agus a' toirt air falbh an ‘còir air fàrsan'.
- Tha cuid mì-thoilichte gu bheil fèidh gam marbhadh mar phàirt dhen phròiseas seo.
Tha an deasbad fhathast a' dol air adhart mun dòigh as fheàrr air an àԲ lusan is fhiadh-bheatha chudromach seo a mhanaidseadh.
1 of 3
tanachadh – nuair a thèid beathaichean a mharbhadh airson an àireamh aca a chumail fo smachd
èٱ – dìon ghnèithean no àԲ nàdarra
coille – sgìre mhòr air a còmhdach san fharsaingeachd le craobhan agus pris
ath-fhiadhachadh – pròiseas a bhios a' leigeil le lusan dùthchasach fàs a-rithist ann an sgìre, uaireannan le bhith a' tanachadh bheathaichean
stalcaireachd an fhèidh – spòrs dùthchail anns a bheil daoine a' leantainn agus a' sealg fhèidh fhiadhaich
oighreachd – sgìre mhòr fearainn a tha le aon neach no companaidh. Bidh taigh mòr am badeigin air fearann mòran oighreachdan
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
ù
Ciamar as urrainn diofar bhuidhnean an aon àite a cho-roinn?
Smaoinich air àite air a cho-roinn anns a' choimhearsnachd agad – pàirce, talla no àite sam bith eile anns am bi daoine a' cruinneachadh.
An smaoinich thu air trì buidhnean a dh'fhaodadh an t-àite a chleachdadh airson diofar adhbharan?Smaoinich air dè tha iad airson fhaighinn a-mach às an àite seo. Ciamar a dh'fhaodadh seo a bhith diofraichte bho dhaoine eile?
Feuch ri smaoineachadh air fuasgladh a dh'fhàgas a h-uile duine toilichte a bhith a' cleachdadh an àite.
Saor-làithean agus cur-seachad ann an Alba ann an linn Bhictòria
Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar a rinn na Bhictòrianaich saor-làithean còrdte.
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count3 of 24
- count4 of 24