'S e aibhnichean mòra, mòra de dheigh a bhios a' gluasad thar talamh a th' ann an eigh-shruthan. Faodaidh iad an cruth-tìre atharrachadh agus feartan eigheadail mar êٱs agus coireachan a chruthachadh air beanntan.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an eigh-shruth
- Mar a tha coireachan agus êٱs air an cruthachadh
- Mar a tha stùc phioramaideach air a cruthachadh
- Mar a chumas tu thu fhèin sàbhailte a' sreap nam beann
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' dìreadh Bheinn Nibheis agus a' coimhead air feartan bleith eighichte.
Dè th' ann an eigh-shruth?
- 'S e tomad mòr deighe a' gluasad gu mall air an talamh a th' ann an eigh-shruth.
- Feumaidh eigh-shruth teòthachdan uabhasach fuar agus tòrr sneachda airson a chruthachadh.
- Bidh teòthachd na h-èadhair a' fàs nas ìsle mar as àirde a thèid thu os cionn ìre na maraÌre chuibheasach na mara. Sin as coireach gum faic thu sneachd glè thric air mullaich nam beann.
- 'S àbhaist gum bi eigh-shruthan air an cruthachadh shuas gu h-àrd air beanntan bhon a tha an teòthachd gu math nas ìsle.
Eigh-shruthan ann an Alba
Anns an Linn na DeigheÙine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna. mu dheireadh, bha Alba glè thric air a còmhdach le eigh-shruthAbhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall.. Bha iad air an cruthachadh shuas àrd air beanntan agus bhiodh iad a' sruthadh sìos na beanntan, a' cruthachadh choireachan, êٱ agus stùcan pioramaideach.
Dè th' ann an coire?
- 'S e lag air chruth sèithear mòr, gàirdeanach air cliathaich beinne a th' ann an coire. Sin an t-àite anns an deach eigh-shruthAbhainn mhòr, mhòr de dheigh a' gluasad gu mall. a chruthachadh uaireigin.
- Chaidh a' mhòr-chuid de choireachan a chruthachadh ann an Linn na DeigheÙine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna..
- Bidh bleideagan-sneachda a' cruinneachadh ann an lag. Mar a bhios barrachd sneachda a' tuiteam, bidh an sneachd air a dhlùthadh agus bidh an èadhar air a fàsgadh a-mach às.
- Thar nam mìltean bhliadhnaichean, bidh an sneachd a chaidh a dhlùthadh a' dol na dheigh chruaidh eigh-shruth.
- Bidh an deigh chruaidh eigh-shruthach a' fàs cho trom 's gum bi i a' tòiseachadh air sruthadh sìos a' bheinn. Bidh deigh a leagh agus a tha a-nis na h-uisge fodha a' cuideachadh an eigh-shruth gu gluasad.
- Mu dheireadh, bidh gluasad an eigh-shruth a' bleithCaitheamh thar ùine. uachdar a' choire. Sin bleith eighichte.
Bidh bleith eighichte a' tachairt ann an dà dhòigh:
- Bidh ìDzԲ a' dèanamh balla-cùil a' choire nas caise.
- Bidh è a' dèanamh lag a' choire nas doimhne.
Dè bhios a' tachairt nuair a thèid coire a chruthachadh cùl-ri-cùl?
- Nuair a thèid dà choire a chruthachadh cùl-ri-cùl, thèid rids cas ris an canar êٱ a chruthachadh.
- Nuair a bhleitheas trì coireachan no barrachd beinn cùl-ri-cùl, bidh na h-êٱs a' cruthachadh stùc phioramaideach. Seo an cruth clasaigeach beinne a tha coltach ri pioramaid.
1 of 3
- eigh-shruth - Abhainn mòra, mòra de dheigh a bhios a' gluasad gu mall.
- feartan eigheadail - Feartan cruth-tìre a chruthaich eigh-shruthan.
- coire - Lag air chruth sèithear mòr a bhios air cliathaich beinne. Seo far an deach eigh-shruth a chruthachadh uaireigin.
- êٱ - Rids cas air a chruthachadh nuair a thèid dà choire a chruthachadh cùl-ri-cùl.
- stùc phioramaideach - Nuair a bhleitheas trì coireachan no barrachd beinn cùl-ri-cùl, bidh êٱs a' cruthachadh stùc phioramaideach. Seo an cruth clasaigeach beinne a tha coltach ri pioramaid.
- ùٳ - Nuair a tha dà nì no barrachd air am pacadh còmhla gu dlùth, chan eil rùm eatarra. Mar eisimpleir, faodaidh sneachd a bhith air a dhlùthadh agus chan eil rùm eadar na bleideagan airson èadhar.
- bleith - Caitheamh.
- ìDzԲ - Nuair a bhios creagan no clachan a' reothadh ri taobhan eigh-shruth. Bidh na creagan agus na clachan air an ìDzԲ às an talamh no às aghaidh creige nuair a bhios an t-eigh-shruth a' gluasad. Bidh ìDzԲ a' fàgail cruth-tìre eagach às a dhèidh.
- è - Nuair a bhios creagan agus clachan a' steigeadh ri bonn agus taobhan eigh-shruth. Bidh na creagan agus na clachan a' suathadh san fho-chreig (aig bonn an eigh-shruth) agus ann an aghaidhean chreagan (aig taobhan an eigh-shruth) nuair a bhios an t-eigh-shruth a' gluasad.
- Linn na Deighe – Ùine fhada ann an tìm nuair a chaidh teòthachd na Talmhainn sìos gu mòr. Bha uachdar na Talmhainn air a thiodhlacadh fo chlàran mòra deighe. Bha e aig àirde o chionn mu 22,000 bliadhna.
- Rothach - Beinn a tha còrr is 3,000 troigh (914 meatairean) a dh'àirde ann an Alba.
A' sreap bheanntan gu sàbhailte
Sa bhidio aig mullach na duilleig, dhìrich Isla agus Connor Beinn Nibheis airson gun sgrùdadh iad bleith eigheadail.
Faodaidh sreap bheanntan a bhith uabhasach cunnartach agus cha bu chòir dhut uair sam bith fheuchainn leat fhèin. Feuch an-còmhnaidh gum bi inbheach ciallach còmhla riut a tha eòlach air sreap.
Bu chòir dhut an-còmhnaidh innse do chuideigin:
- Càit a bheil thu a' dol
- An t-slighe a tha thu a' gabhail
- Cuin a tha dùil agad a bhith air ais
Cuimhnich gun toir thu leat:
- Aodach blàth a tha dìonach air uisge
- Greimean-bìdh sa bheil lùth gu leòr agus deoch
- ì
- Toirds
- Stuth ciad chobhair
- Map
- Combaist
Faigh a-mach tuilleadh:
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Dealbhaich fhèin beinn 3sh.
Cuir do sgilean ealain agus dealbhachaidh gu feum agus cruthaich stùc beinne 3sh. Feuch an tèid agad air feartan eigheadail, mar coireachan agus êٱs, a chur air a' bheinn agad?
Smaoinich dè an seòrsa stuthan a dh'fheumas tu.
Seo beagan cuideachaidh le dòighean dealbhaidh a' cleachdadh pàipear: Design techniques: Paper cutting
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count14 of 24
- count15 of 24
- count16 of 24
- count17 of 24