Bidh abhainn a' tòiseachadh aig a' bhun. Tha cùrsa uachdrach cas aice agus an uair sin cùrsa meadhain. Tha an cùrsa meadhain leathann agus domhainn le uisge a tha a' sruthadh gu luath.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- Na feartan ann an cùrsa meadhain aibhne
- A' bhuaidh aig bleith agus tasgadh
- Mar a tha ù-Ա agus loch bogha-daimh air an cruthachadh
- Mu na bìobhairean ann an Alba
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean ܳٳ-ì airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh cùrsa meadhain Abhainn Tatha.
Dè th' ann an abhainn?
- 'S e sgìre-uisge ghluasadach a bhios a' sruthadh bho bunFar am bi abhainn a' tòiseachadh. 'S àbhaist gur ann shuas àrd, 's dòcha air mullach beinne, a bhios sin. a-steach a sgìre-uisge eile, mar a' mhuir, a th' ann an abhainn.
- Tha trì earrannan ann an abhainn: an cùrsa uachdrach, an cùrsa meadhain agus an cùrsa ìochdrach.
Dè th' anns a' chùrsa meadhain?
- Tha barrachd lùth agus barrachd uisge anns a' chùrsa meadhain na th' anns a' chùrsa uachdrach a tha cas agus cumhang.
- Tha e leathann agus domhainn. Bidh tòrr leas-abhainnAllt no abhainn a bhios a' sruthadh a-steach a dh'allt no a dh'abhainn eile an àite a bhith a' dol dhan mhuir. a' sruthadh a-steach dhan chùrsa meadhain, a' cur tuilleadh uisge ri cladhan na h-aibhne.
- Tha cladhan aibhne nas motha a' ciallachadh gu bheil nas lugha de ùٳ-ܲٳForsa a tha ga dhèanamh doirbh do rudeigin gluasad air uachdar rud eile. ann agus bidh an t-uisge a' sruthadh nas luaithe.
- Bidh uisge a' sruthadh nas luaithe air taobh a-muigh ù-Ա agus gu mall air taobh a-staigh na lùib.
- Bidh uisge a tha a' sruthadh gu luath bleithCaitheamh thar ùine. nam bruaichean a-muigh. Bidh uisge a tha a' sruthadh gu mall tasgadhNuair a bhios uisge a' call cumhachd, bidh e a' leigeil sìos an stuth a bha e a' giùlan leithid gainmheach agus grinneal. stuth, leithid gainmheach is grinneal, air a' bhruaich a-staigh.
- Tha bleith air a' bhruaich a-muigh agus tasgadh air a' bhruaich a-staigh a' cuideachadh gus feartan leithid ù-ԱLùb mòr san abhainn air a cruthachadh le bleith agus tasgadh. agus loch bogha-daimhLoch air chumadh U air a chruthachadh nuair a choinnicheas lùban ri chèile. Bidh uisge na h-aibhne a' briseadh a-steach agus a' dèanamh cladhan ùr. Thèid an lùb a dhùnadh le gainmheach agus grinneal agus thèid e na loch bogha-daimh. a chruthachadh.
Feartan fiosaigeach a' chùrsa meadhain
Chì thu eisimpleirean de fheartan a' chùrsa meadhain anns na dealbhan.
1 of 2
End of image gallery
Fiadh-bheatha aibhne: bìobhairean ann an Alba
Anns a' bhidio aig mullach na duilleig, chunnaic Isla bìobhair air Abhainn Tatha. Gheibh sinn a-mach barrachd mu bhìobhairean ann an Alba.
- 'S e am Bìobhair Eoràisianach an dara gnè radain as motha air an t-saoghal.
- Mar as trice 's fheàrr le bìobhairean a bhith ann an siostaman fìor-uisge mar aibhnichean, uillt, lochan agus pollagan.
- Tha iad nan gnè ùٳ san Rìoghachd Aonaichte. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad air a bhith beò a seo gu nàdarra gun daoine a bhith an sàs. Chaidh iad à bith o chionn cheudan bhliadhnaichean air sgàth sealg, ach shoirbhich len toirt air ais dhan RA ann an 2009.
- Tha bìobhairean ainmeil airson nan sgilean innleadaireachd a th' aca. Bidh iad a' cladhach àCladhan a chaidh a chladhach airson gum faigheadh uisge troimhe. air bruaichean aibhnichean agus lochan, agus gan cleachdadh airson biadh agus stuthan togail a ghiùlan.
- Tha bìobhairean cuideachd ainmeil airson a bhith a' togail loidsichean agus damaichean airson iad fhèin a chumail sàbhailte bho creachadairBeathach a bhios ag ithe bheathaichean eile..
- Còd Slighean Dùthchail na h-Alba - Stiùireadh bhon riaghaltas air ar còraichean agus ar dleastanasan nuair a bhios sinn air a' bhlàr a-muigh ann an Alba.
- an cùrsa meadhain - An earrann dhen abhainn a tha eadar an cùrsa uachdrach agus an cùrsa ìochdrach. 'S àbhaist gum bi e nas leatha agus nas doimhne na an cùrsa uachdrach agus gum bi an t-uisge a' sruthadh gu mall.
- leas-abhainn - Allt no abhainn a bhios a' sruthadh a-steach a dh'allt no a dh'abhainn eile an àite a bhith a' dol dhan mhuir. Bidh leas-aibhnichean a' cur tòrr uisge dhan abhainn agus bidh i a' fàs nas leatha agus nas doimhne mar a bhios i a' dol air adhart.
- allt - Sruth mòr no abhainn bheag.
- bleith - Nuair a bhios stuth, mar creag, a' caitheamh thar ùine. Bidh cumhachd an uisge ann an cùrsa uachdrach aibhne ag adhbhrachadh tòrr bleith tìre.
- tasgadh - Nuair a bhios uisge a' call cumhachd, bidh e a' leigeil sìos an stuth a bha e a' giùlan leithid gainmheach agus grinneal.
- ù-Ա - Lùb san abhainn air a dèanamh le bleith agus tasgadh.
- loch bogha-daimh - loch air chumadh U air a chruthachadh nuair a choinnicheas lùban ri chèile. Bidh uisge na h-aibhne a' briseadh a-steach agus a' dèanamh cladhan ùr. Thèid an lùb a dhùnadh le gainmheach agus grinneal agus thèid e na loch bogha-daimh.
Feuch na ceistean goirid seo mun chùrsa meadhain.
Dealbhaich postair a chuidicheas clann eile gu bhith a' tuigsinn Còd Slighean Dùthchail na h-Alba.
'S e stiùireadh bhon riaghaltas a th' ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Tha e ag innse mu ar còraichean agus ar dleastanasan nuair a bhios sinn air a' bhlàr a-muigh ann an Alba.
'S e na trì phrìomh riaghailtean:
- urram a thoirt do mhath dhaoine eile
- coimhead às dèidh na h-àrainneachd
- uallach a ghabhail airson na bhios tu fhèin a' dèanamh
Beagan bheachdan airson tòiseachadh:
- Bu chòir dhan phostair a bhith tarraingeach agus fiosrachadh cudromach a bhith air. Dè am fiosrachadh a bu chòir a bhith air?
- Smaoinich mun luchd-amais. Cò dha a tha am postair?
- Ciamar a ghlacas coltas agus stoidhle a' phostair agad aire cuideigin? Cò ris a bhios an teacsa coltach? Dè an seòrsa dhealbhan a dh'fhaodadh tu a chleachdadh?
Ma dh'fheumas tu cuideachadh leis a' phostair, gheibh thu barrachd fiosrachaidh a seo: Mar a nì thu postair
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count24 of 24
- count3 of 24