Faodaidh lùth niùclasach bho am broinn ataman a bhith air a chleachdadh airson uireadan mòra de dhealan a ghintinn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Cò às a tha lùth niùclasach a' tighinn
- Dè bhios a' tachairt ann an stèisean cumhachd niùclasach
- Dè th' ann an rèididheachd niùclasach
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth niùclasach
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Dè th' ann an lùth niùclasach?
Tha a h-uile càil sa chruinn-cè air a dhèanamh à atamMìrean beaga dhe bheil a h-uile nì sa chruinne-cè air a dhèanamh. Bidh diofar ataman a' dèanamh suas diofar stuthan, ris an canar eileamaidean.. Aig meadhan gach atam tha nucleusMeadhan atam. Tha an nucleus air a dhèanamh le mìrean nas lugha ris an canar protonon agus niutronan. agus tha seo air a chumail ri chèile le tòrr lùth.
Canar lùth niùclasach ris a seo.
A' cleachdadh lùth niùclasach
Tha cuid de stuthan, mar uranium, nach eil stèidheil. Tha sin a' ciallachadh gu bheil e nas fhasa na h-ataman aca a sgaradh bho chèile.
Tha slatan uranium air an cleachdadh mar connadhStòr lùtha. ann an stèisean cumhachd niùclasach.
Bidh mìr beag, bìodach ris an canar niutron ga losgadh air an uranium. Bidh seo a' sgaradh fear dhe na h-ataman uranium às a chèile.
Bidh an t-atam a' sgaradh na ataman nas lugha agus a' leigeil barrachd niutronan mu sgaoil. Bidh na niutronan seo a' bualadh ann an ataman eile agus gan sgaradh. Mar sin a h-uile turas a sgaras atam, bidh e a’ toirt air ataman eile sgaradh. Canar iom-obrachadh sèine ris a seo.
Bidh sgaradh nan ataman a' leigeil lùth mu sgaoil mar theas. Bidh an teas ga chleachdadh airson uisge a thionndadh na stiom.
Nuair a tha an stiom a' gluasad, tha e air a chleachdadh airson tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. a thionndadh. Bidh iad sin a' tionndadh gineadairInneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain. a bhios a' dèanamh dealan.
Cunnartan lùth niùclasach
Tha sgaradh ataman uranium a' leigeil rèididheachd niùclasachLùth agus mìrean gan cur a-mach nuair a sgaras nucleus atam. mu sgaoil.
Tha rèididheachd niùclasach mun cuairt oirnn anns gach àite. Bidh e a' tighinn thugainn à fànas, creagan, lusan agus beathaichean. Bidh sinn fhèin fiù 's a' leigeil a-mach rèididheachd.
Faodaidh uireadan mòra de rèididheachd a bhith uabhasach cunnartach do nithean beò, daoine nam measg. San àm a dh'fhalbh, bha trioblaidean mòra an lùib thubaistean aig stèiseanan lùth niùclasach.
Ann an 1986 san Ugràin, dhìobair a' chumhachd ann an stèisean cumhachd niùclasach Chernobyl. Bha sin a' ciallachadh gun deach an t-iom-obrachadh sèine bho rian, ag adhbharachadh spreadhaidhean.
Ann an 2011 dh'adhbharaich crith-thalmhainnCrith obann a' tighinn air an talamh air adhbharachadh le diofar phàirtean de rùsg na Talmhainn a' gluasad gu h-obann. agus tsunamiTonn mara uabhasach mòr, air adhbharachadh le crith-thalmhainn fon uisge, spreadhadh bholcànach no maoim-slèibhe a-steach dhan mhuir. spreadhaidhean agus iom-obrachaidhean niùclasach nach robh sàbhailte ann an stèisean cumhachd niùclasach Fukushima ann a' Iapan.
San dà shuidheachadh sin, chaidh tòrr rèidhidheachd mu sgaoil san t-saoghal agus rinn e cron air daoine a bha a' fuireach agus ag obair mun cuairt. Sgaoil rèididheachd à Chernobyl fad nam mìltean mhìltean mun cuairt - agus ràinig e fiù 's Alba.
Sgudal niùclasach
Cho math ri bhith a' gintinn dealan, tha stèiseanan cumhachd niùclasach a' cruthachadh sgudal rèidio-beò, niùclasach. Tha seo cunnartach do dhaoine agus dona dhan àrainneachd, do bheathaichean, solar uisge agus lusan. Tha pàirt dhen sgudal niùclasach cho cunnartach 's gu bheil e air a thiodhlacadh shìos domhainn fon talamh ann an stòran le seulachadh sònraichte.
Tha an dòigh a tha sinn a' coimhead às dèidh sgudal niùclasach cudromach oir faodaidh e bhith cunnartach fad mhìltean bhliadhnaichean.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth niùclasach
Buannachdan
Bidh lùth niùclasach a' toirt dhuinn dealan gun a bhith a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil no ag adhbharachadh truailleadh.
Tha lùth niùclasach earbsach agus a' gintinn dealan aig àm sam bith dhen latha agus ge bith ciamar a tha an t-sìde.
Bidh stèiseanan lùth niùclasach a' gintinn dealan saor aon uair 's gu bheil iad a' ruith.
Eas-bhuannachdan
Chan eil lùth niùclasach ath-nuadhachail. Tha uranium air a mhèinneadh bhon talamh agus teirigidh e.
Tha an rèididheachd a bhios uranium a' dèanamh cunnartach agus feumar smachd cùramach a chumail air iom-obrachaidhean niùclasach. Mar sin tha e uabhasach cosgail stèisean lùth niùclasach a thogail.
Tha an sgudal niùclasach bho uranium togsaigeach agus bidh e fhathast cunnartach an ceann nam mìltean bhliadhnaichean.
ataman – Mìrean beaga, bìodach bho bheil a h-uile càil sa chruinne-cè - thu fhèin cuideachd, air a dhèanamh. Tha diofar ataman a' dèanamh suas diofar stuthan, ris an canar eileamaidean.
uranium – Eileamaid cheimigeach a th' air a cleachdadh mar chonnadh ann an stèisean cumhachd niùclasach.
rèididheachd niùclasach – Lùth agus mìrean gan cur a-mach nuair a tha nucleus atam a' sgaradh.
stèisean cumhachd niùclasach – Seòrsa de stèisean cumhachd a bhios a' gintinn dealan le teas bho iom-obrachaidhean niùclasach.
tuirbin – Tha crann agus lannan air tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth. Bidh stiom a' putadh nan lannan agus a' tionndadh a' chroinn, a tha ceangailte ri gineadair. Bidh ceann a' ghineadair a' tionndadh airson dealan a ghintinn.
gineadair – Uidheam a th' air a chleachdadh airson dealan a dhèanamh. Nuair a thionndaidheas ceann a' ghineadair, thèid an lùth seo atharrachadh gu lùth dealain.
sgudal niùclasach – An sgudal a tha air a chruthachadh tron phròiseas a bhios a' dèanamh lùth niùclasach. Tha cuid dhen sgudal niùclasach uabhasach rèidio-beò agus feumaidh e bhith air a stòradh agus air cur às dha gu cùramach.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Dèan bileag
Smaoinich gu bheil stèisean cumhachd niùclasach ga thogail san sgìre ionadail agad.
Am biodh tu airson no an aghaidh seo? Dèan suas bileag ag innse do bheachd agus a' feuchainn ri toirt air daoine eile aontachadh riut. Beachdaich air na cuspairean mun cuairt air buannachdan agus eas-bhuannachdan, agus gach buaidh air an sgìre ionadail agad.
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count9 of 13
- count10 of 13
- count11 of 13
- count12 of 13