'S e seòrsa de stuth mì-nàdarra a ghabhas a chumadh gu furasta a th' ann am plastaig.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Cò leis a tha plastaig air a dhèanamh
- An t-adhbhar airson plastaig agus carson a thathar ga chleachdadh
- Carson a tha plastaig dona dhan àrainneachd
- Mar a chuidicheas sinn a' lùghdachadh cleachdadh plastaig
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Cò leis a tha plastaig air a dhèanamh?
'S àbhaist gu bheil plastaig air a dhèanamh à connadh-fosail: ola, gas no fiù 's gual. Tha an stuth air a theasachadh gus am bris e sìos ann am moileciuilean nas lugha. Tha iad sin an uair sin air an ceangal ri chèile ann an dòigh ùr, a' dèanamh plastaig.
Tha iomadh seòrsa plastaig ann agus tha am feum fhèin aca uile.
Carson a tha plastaig ga chleachdadh?
Tha iomadh seòrsa plastaig ann ach tha a' mhòr-chuid dhiubh à徱, aotrom agus mairidh iad ùine mhòr.
Cha bhi uisge gam milleadh agus seasaidh cuid de phlastaigean ri teas, milleadh ceimigeach agus dealan.
Faodaidh iad a bhith a' coimhead snog, agus air an dèanamh de dhiofar dhathan. 'S ann airson sin a tha iad air an cleachdadh airson rudan mar àirneis agus sgeadachadh.
Seo eisimpleirean de dhiofar phlastaigean, carson a tha iad air an cleachdadh agus dè cho furasta 's a tha e an ath-chuairteachadh:
1 of 7
Carson a tha plastaig dona dhan àrainneachd?
Nuair a thathar ga dhèanamh, tha ola, gas agus gual air an cleachdadh agus 's e connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail. neo-ath-nuadhachailStòrasan nàdarra nach urrainn dhuinn ath-nuadhachadh nuair a theirigeas iad. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail, mar gual, ola agus gas nan goireasan neo-ath-nuadhachail. a th' annta sin. Tha sin a' ciallachadh nuair a theirigeas iad gu bheil iad air falbh gu bràth tuilleadh.
Bidh factaraidhean a bhios a' dèanamh phlastaigean a' dèanamh tòrr toit togsaigPuinnseanta, cronail. agus eimiseanan carbonCarbon ga leigeil mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn. Tha seo a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìdeAn t-atharrachadh san t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air a bhith ag atharrachadh riamh ann an eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh a-mach air àrdachadh san teòthachd chruinneil..
Cha bhi iad a' bith-lobhadhA' briseadh sìos agus a' dol à bith thar ùine.. Tha seo a' ciallachadh nach bris iad sìos gu nàdarra, agus nas lugha na sgioblaicheas sinn iad, bidh iad mun cuairt gu bràth.
Tha sgudal plastaig uabhasach cronail do bheathaichean, an dà cuid air tìr agus anns a' mhuir.
Tha barrachd is barrachd millidh ga dhèanamh le sgudal plastaig agus thathar a' toirt rabhadh do dhaoine rudeigin a dhèanamh an-dràsta mus bi e ro fhadalach.
1 of 4
Ciamar a chuidicheas sinn gu bhith a' lùghdachadh buaidh plastaig?
Ma leanas sinn an riaghailt shìmplidh lùghdaich, ath-chleachd, ath-chuairtich le plastaig, cuidichidh sinn a' cur stad air plastaig bho bhith a' milleadh na h-àrainneachd.
'S e cleachdadh plastaig a lùghdachadh as fheàrr dhe na trì roghainnean.
ù岹 na tha sinn a' cleachdadh de phlastaig, gu h-àraidh plastaigean aon chleachdadh, mar botail agus cupannan plastaig.
Faodaidh sinn na tha sinn a' cleachdadh de phlastaig a lùghdachadh le bhith a' cleachdadh stuthan eile an àite plastaig mar bruis-fhiaclan bhambù, botal uisge meatailte no pocannan aodaich an àite phocannan plastaig.
Ath-chleachd plastaigean uiread 's a ghabhas mus ath-chuairtich thu iad.
Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu soitheach takeaway ath-chleachdadh na bhogsa-bìdh. Faodaidh tu cuideachd pocannan plastaig a th' agad aig an taigh ath-chleachdadh.
Ath-chuairtich plastaig nach fheum sinn tuilleadh. Ma dh'ath-chuairticheas sinn plastaig, tha e a' ciallachadh nach fheum sinn tuilleadh phlastaig a dhèanamh à stuthan neo-ath-nuadhachail agus bidh e mar sin nas fheàrr dhan àrainneachd.
Gabhaidh a' mhòr-chuid de phlastaigean ath-chuairteachadh ach glè thric cha bhi seo a' tachairt. Feuch gun ath-chuairtich thu seann bhotail plastaig, pacadh agus gnothaichean plastaig eile a bhios tu a' cleachdadh.
Cha ghabh plastaig ath-chuairteachadh ach beagan thursan. Tha e mar sin nas fheàrr gun uiread de phlastaig a cheannach agus a chleachdadh.
1 of 3
Buannachdan agus eas-bhuannachdan plastaig
Buannachdan
'S e stuth iol-chomasach a th' ann am plastaig a ghabhas a chumadh ann an diofar chruthan.
Tha e saor plastaig a dhèanamh.
Tha plastaig aotrom agus gu math buan. Cha bhi e a' cnàmh no a' meirgeadh mar a bhios meatailt, agus tha e mar sin math airson lionntan a ghiùlan.
Cha bhi plastaig a' giùlan teas no dealan, agus tha sin a' ciallachadh gun gabh a chleachdadh ann a bhith a' dèanamh bathar dealain.
Eas-bhuannachdan
Tha a' mhòr-chuid de phlastaig air a dhèanamh à stuthan nàdarra (gual, ola agus gas) nach eil ath-nuadhachail agus a bhios a' cur ri blàthachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde.
Bidh factaraidhean a tha a' dèanamh phlastaigean a' cruthachadh tòrr toit thogsaig a dh'fhaodas ar slàinte a mhilleadh. Bidh iad a' leigeil eimiseanan carbon mu sgaoil a bhios a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Cha bhi plastaig a' bith-lobhadh agus mar sin bidh plastaig a' faighinn a-steach dhan àrainneachd againn, a' truailleadh talamh, aibhnichean agus cuantan.
Faodaidh sgudal plastaig a bhith cunnartach do dh'fhiadh-bheatha, a' dèanamh cron air a h-uile seòrsa beathaich a dh'fhaodadh a bhith air an glacadh ann an sgudal plastaig no a dh'fhaodadh pìosan beaga plastaig ithe. Faodaidh beathaichean bàsachadh air sgàth seo. Chaidh iomadh eun agus iasg a lorg le tòrr plastaig nan stamagan.
Tha an uiread de phlastaig a tha sinn a' cleachdadh a' dol am meud agus tha tòrr dhen phlastaig seo air a chleachdadh aon turas. Tha seo a' ciallachadh gu bheil na tha de phlastaig air a shadail às air a dhol am meud agus ag adhbharachadh barrachd millidh air an àrainneachd.
connaidhean-fosail - 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan lùth neo-ath-nuadhachail againn. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho bheathaichean agus bho lusan marbh. Bidh na beathaichean agus na lusan sin air an dlùthadh fon talamh thar mhilleanan bhliadhnaichean agus bidh iad mu dheireadh a' dol nan connadh-fosail.
lùth neo-ath-nuadhachail - Stòran nàdarra de lùth nach tig air ais an dèidh an cleachdadh. Tha uiread suidhichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas air fad nan stòran neo-ath-nuadhachail.
eimiseanan carbon - Carbon a' dol mu sgaoil ann an àile na talmhainn agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh sa cheann fhada ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge msaa) air an Talamh, agus a' bhuaidh aca sin, mar eisimpleir tart agus tuiltean.
bith-lobhadh – An comas a tha aig stuth briseadh sìos agus a dhol à bith thar ùine. Bidh bacteria no eileamaidean bith-eòlachail eile ag eadar-sgaoileadh cuid dhe stuthan. Ma thèid aig stuth air bith-lobhadh, tha e a' ciallachadh gun urrainn do mheanbh-fhàs-bheairtean ithe. Tha e na phròiseas cudromach ann an eag-eòlas agus manaidseadh sgudail.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
Theirig a lorg plastaig!
- Lorg rudan plastaig a bhios tu a' cleachdadh san rùm agad, san taigh no san sgoil. Dèan beagan rannsachaidh agus faic an lorg thu roghainnean eile air-loidhne. Mar eisimpleir, ma tha bruis-fhiaclan phlastaig agad, an lorg thu tè nach eil de phlastaig?
Cuimhnich! Ma bhios tu airson atharrachadh gu rud nach eil de phlastaig gum feum thu aontachadh ris na h-inbhich agad dè na rudan a dh'fhaodadh tu atharrachadh. Smaoinich air dòighean eile air am faodadh tu fhèin agus do theaghlach an uiread de phlastaig a tha sibh a' cleachdadh a lùghdachadh.
More on Stuthan agus stòrasan
Find out more by working through a topic
- count4 of 7
- count5 of 7
- count6 of 7
- count7 of 7