ý

'S e stuth feumail a th' ann an glainne agus tha i air a bhith mun cuairt o chionn nam mìltean bhliadhnaichean.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a tha glainne air a dèanamh
  • Carson a tha glainne air a cleachdadh
  • A' bhuaidh a tha aice air an àԲԱ𲹳

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Image caption,
Tha ò lùth ga chleachdadh airson na stuthan a dh'fheumar airson glainne a leaghadh. (Traimak Ivan / Alamy Stock Photo)

Ciamar a tha glainne air a dèanamh?

Tha glainne air a dèanamh à gainmheach, clach-aoil agus sodium carbonat.

Tha na stuthan air an teasachadh gus an leagh iad, agus an uair sin air an cumadh agus air am fuarachadh.

Tha pròiseas an teasachaidh a' cleachdadh ò lùth teas. Tha a' mhòr-chuid dhen seo bho losgadh gas. Bidh seo ag adhbharachadh eimiseanan carbon a tha a' cur ri teasachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde.

Chan eil uiread de dh'eimisean ann nuair a tha glainne air a dèanamh bho bhith ag ath-chuairteachadh seann ghlainne seach a bhith ga dèanamh bho stuthan amh. Tha seo a' ciallachadh gu bheil sinn a' lùghdachadh ar buaidh air an àԲԱ𲹳 a h-uile turas a dh'ath-chuairticheas sinn glainne seach glainne ùr a dhèanamh.

Gu dearbh, tha gach tunna de ghlainne air a h-ath-leaghadh a' sàbhaladh 246 kg de dh'eimiseanan carbon dà-ogsaid an taca ri bhith a' dèanamh glainne ùr. Tha e nas fheàrr buileach glainne a chleachdadh a-rithist nuair as urrainn dhut. Tha sin a' sàbhaladh ò lùth.

Image caption,
Tha ò lùth ga chleachdadh airson na stuthan a dh'fheumar airson glainne a leaghadh. (Traimak Ivan / Alamy Stock Photo)

Carson a tha glainne air a cleachdadh?

Tha iomadh feum ann airson glainne. Seo eisimpleirean:

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 7, , Stòradh bìdh Gabhaidh glainne a stearalaidhseadh agus a seulachadh airson biadh agus deoch a ghleidheadh airson gum bi e sàbhailte ithe no òl. (Danny Smythe / Alamy Stock Photo)
Back to top

A bheil glainne math dhan àԲԱ𲹳?

Tha e rud beag toinnte.

Mar a chunnaic sinn gu h-àrd, tha ò lùth teas ga chleachdadh airson glainne a dhèanamh. Tha a' mhòr-chuid dhen seo a' tighinn bho bhith a' losgadh chonnaidhean-fosail. Nuair a bhios stuthan gan cladhach às an talamh airson glainne a dhèanamh, faodaidh gun tèid an àԲԱ𲹳 a mhilleadh agus gun adhbharaich e truailleadh.

Tha botail agus crogain ghlainne nas truime agus nas motha na cointèanaran plastaig, meatailt no cairt-bhòrd. Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gun tèid barrachd connaidh a chleachdadh a' giùlan bathar ann an cointèanaran glainne.

Cha bhi glainne a' bith-lobhadh thar ùine. Tha seo a' ciallachadh mura tèid a h-ath-chuairteachadh gum bi i againn gu bràth.

Ach ge-tà, nas lugha na sgàineas i no a bhriseas i, gabhaidh glainne a h-ath-chleachdadh a-rithist agus a-rithist gun fheum a sadail às.

Gabhaidh a' mhòr-chuid de ghlainne a h-ath-chuairteachadh a-rithist agus a-rithist (ach a-mhàin rudan mar bolgain solais agus sgàthain). Bidh am pròiseas ath-chuairteachaidh a' cleachdadh nas lugha de lùth agus tha e mar sin nas fheàrr dhan àԲԱ𲹳. San RA, tha mu 70% de ghlainne bho thaighean air a h-ath-chuairteachadh bho bhancaichean nam botail ghlainne agus bho bhionaichean.

Tha e uabhasach cudromach glainne ath-chuairteachadh air leth bho stuthan eile. Gabhaidh a h-ath-chuairteachadh aig banca bhotail ghlainne no bu chòir gum bi a' chomhairle ionadail a' togail glainne son a h-ath-chuairteachadh a dhà no trì thursan sa mhìos.

Cuimhnich

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Faodaidh sgudal glainne fiadh-bheatha agus daoine a leòn Tha e cudromach glainne ath-chuairteachadh no a chur dhan bhiona gu faiceallach. (EyeEm / Alamy Stock Photo)
Back to top

Buannachdan agus eas-bhuannachdan glainne

Buannachdan

  • Gabhaidh glainne a h-ath-chuairteachadh agus gabhaidh a cleachdadh a-rithist agus a-rithist gun i càileachd a chall.

  • Gabhaidh cha mhòr a h-uile seòrsa glainne ath-chuairteachadh. Chan eil e gu diofar dè an cruth, an dath no am meud, gabhaidh a h-uile seòrsa botal is crogan glainne ath-chuairteachadh.

  • 'S e glè bheag de sgudal a tha air a chruthachadh ann a bhith a' dèanamh agus ag ath-chuairteachadh glainne. Gabhaidh glainne a chaidh ath-chuairteachadh a chleachdadh airson na h-aon rudan a dhèanamh a-rithist, cho math ri bathar ùr mar ionsuilèisean.

  • Tha gach tunna de ghlainne a thèid ath-leaghadh a' caomhnadh 246 kg de charbon dà-ogsaid an taca ri tunna de ghlainne ùr a dhèanamh.

  • Gabhaidh glainne a agus tha i mar sin math airson biadh, deoch, cungaidhean-leigheis agus cosmeataigs a ghleidheadh.

Eas-bhuannachdan

  • Cha bhi glainne a' lobhadh, tha i mar sin a' cur srèan mòr air lìonadh-talamhainn agus chan eil sin math dhan àԲԱ𲹳.

  • Tha glainne ùr air a dèanamh à ceithir phrìomh stuthan: gainmheach, sòda, luath agus clach-aoil. Ged nach eil gin dhe na stuthan sin gann an-dràsta, chaidh iad uile a chladhach às an talamh agus faodaidh sin an cruth-tìre a mhilleadh, buaidh a thoirt air an àԲԱ𲹳 agus barrachd lùth a chleachdadh.

  • Tha cointèanaran glainne nas truime agus nas motha na stuthan eile, agus tha mar sin barrachd connaidh air a chleachdadh gan giùlan.

  • Cha ghabh a h-uile seòrsa bathar glainne ath-chuairteachadh. Cha ghabh rudan mar sgàthain, glainneachan òil agus bolgain solais agus feumar cur às dhaibh gu faiceallach.

Back to top

bith-lobhadh - A' briseadh sìos agus a' dol à bith thar ùine.

stearalaidhseadh - A' toirt air falbh no a' cur às do bhacteria agus meanbh-fhàs-bheairtean beò eile.

seasmhach - A' dèanamh rudeigin nach dèan milleadh, no co-dhiù glè bheag, air an àԲԱ𲹳 agus mairidh e airson ùine mhòr.

eimiseanan carbon - Seo nuair a tha carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na talmhainn far am bi e a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dealbh postair a bhrosnaicheas daoine gu bhith ag ath-chuairteachadh na glainne a chleachd iad

Feumaidh tu fìrinnean agus fiosrachadh cudromach a chur air a chuidicheas iad gu bhith a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e glainne ath-chuairteachadh agus carson a bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Tha ath-chuairteachadh glainne math ach tha ath-chleachdadh nas fheàrr!

Lorg dòighean air seann bhotail is chrogain ghlainne a chleachdadh airson rudan a chumail annta no sgeadaich iad agus dèan suas iad airson rudeigin eile!

Back to top

More on Stuthan agus stòrasan

Find out more by working through a topic