´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2009-11

Dùbhlan do na Dùbhlanaich

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-11-30, 11:39

Beachdan (0)

Nuair a thèid leabhar-eachdraidh ar làithean a sgrìobhadh, am bi duilleag shònraichte ann mu Là Naomh Anndra 2009? 

Tha Ailig Salmond an dòchas gum bi. 

Aig deireadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an SNP an dòchas gu bheil neo-eisimileachd a' tilleadh do dh'Alba. 

An-diugh, dh'fhoillsich iad agus iad airson a chumail mun àm seo an ath-bhliadhna. 

An-dràsta, chan eil taic aig an riaghaltas airson bile fhaighinn tron phàrlamaid agus na trì pàrtaidhean dùbhlannach mòra na aghaidh.

An e sin deireadh na cùise? Chan e idir.

Anns a' phྱ±è±ð²¹°ù gheal, tha an riaghaltas a' mìneachadh ceithir roghainnean airson an àm ri teachd bhon status quo gu làn neo-eisimileachd.

Cumhachdan Ùra

'S i neo-eisimileachd roghainn an SNP fhèin. Ach tha iad ag ràdh gum biodh iad deònach ceist a chur air a' phྱ±è±ð²¹°ù-bhò³Ù²¹¾±»å³ó air roghainn eile.

Eadar an status quo agus neo-eisimileachd fhèin, nochd dà roghainn eile sa phྱ±è±ð²¹°ù gheal - cumhachdan a' bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba fo phlana Choinnich Chalmain no tòrr a' bharrachd chumhachdan fo sgeama ris an canar 'Devolution Max'.

Thuirt Mgr Salmond an-diugh gun robh an deasbad mu bhun-reachd na h-Alba air gluasad air falbh bhon status quo gu dè na cumhachdan as còir toirt do dh'Alba bho Westminster.

Tha an Riaghaltas Làbarach aig Westminster air plana fhoillseachadh gus cumhachdan ùra a thoirt do dh'Alba fo sgeama Chalmain - ach as dèidh an ath-thaghaidh.

Tha na Tòraidhean air a ràdh gum foillsicheadh iadsan pྱ±è±ð²¹°ù geal fa leth air a' chùis nam faigheadh iad na h-iuchraichean do Àireamh a Deich an ath-bhliadhna.

Taghadh coitchean

A-nis tha gach sùil air Tavish Scott agus na Lib Deamaich. Tha Mgr Scott air a bhith mì-thoilichte leis na pàrtaidhean eile airson dàil a chur air a' phròiseas agus tha iad air a ràdh gu bheil iad airson a dhol nas fhaide na plana Chalmain.

An ath-bhliadhna, thèid Gòrdon Brown do lùchairt Bhuckingham airson iarraidh air a' bhàn-righ a' phàrlamaid a' sgaoileadh gus taghadh coitcheann a chumail.

As dèidh sin, dh'fhaodadh riaghaltas Tòraidheach a bhith ann an Westminster gun ach beagan bhall ann an Alba.

Tha Ailig Salmond a' creidsinn gun atharraicheadh cùisean gu mòr an uair sin. Agus tha e a' toirt dùbhlan do na pàrtaidhean eile bhòtadh an aghaidh referendum agus taghadh Holyrood gu bhith ann an 2011.

Tha an t-sabaid cheart a-nis air tòiseachadh.

¹óྱ±ô³Ù±ð

¹óྱ±ô³Ù±ð don bhlog ùr againn, far am bi mi a' sgrìobhadh mu phoileataigs na h-Alba. Tha mise stèidhichte aig Holyrood, ach cumaidh mi sùil air cùisean aig Westminster cuideachd, agus nì mi mo dhìcheal fhaighinn thall is a-bhos nuair as urrainn dhomh.

'S e bliadhna mhòr a bhios ann airson poileataigs ann an h-Alba.

Thig taghadh Westminster ron t-samhradh. Eadar a-nis agus an uair sin bidh luchd-poileataigs a' strì gus taic - ur taic-se - fhaighinn airson nam polasaidhean aca, airson nan diofar seallaidhean a tha aca airson an àm ri teachd.

An-diugh fhathast, foillsichidh Riaghaltas na h-Alba na planaichean aca gus referendum a chumail air neo-eisimileachd do dh'Alba.

An-dràsta, chan eil taic gu leòr aca airson am bile fhaighinn tron phàrlamaid agus na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich gu tur na aghaidh.

Ach dh'fhaodadh sin atharrachadh.

Dè ur beachd fhèin?

'S e àite a tha seo far am faigh sibh cothrom na beachdan agaibh fhèin a chur ris na pìosan. A bheil beachd làidir agaibh air an eaconamaidh, leasachadh na croitearachd, suideachadh na Gàidhlig, Alba agus Breatainn?

A bheil co-dhùnaidhean poileataigeach a' toirt buaidh air an sgìre agaibh fhèin, bho Ghlaschu gu Leòdhas? Innsibh dhuinn mu dheidhinn.

Agus nì mise mo dhìcheal na sgeulachdan as cudromaiche a thoirt dhuibh.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.