An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach...
Tha Fiona Hyslop, a bha chun an-diugh ag obair mar Rùnaire an Foghlaim, air a dreuchd fhà gail.
Na h-à ite thèid Mìcheal Ruiseal, a bha roimhe na Mhinistear Cultair agus Chùisean Cèin.
Gheibh Fiona Hyslop dreuchd Mhgr Ruiseal ach gun an dleastanas a bha aige airson bun-reachd na dùthcha - gabhaidh am Prìomh Mhinistear fhèin sin os là imh.
Tha Fiona Hyslop air a' chaibineat fhà gail - a' chiad thuras a thachair seo fo riaghaltas an SNP.
Tha ceannard nan Là barach, Iain Gray, air a bheul a chnà mh ag rà dh gum bu chòir dhi falbh.
Bha mi a' bruidhinn ri Mgr Gray air a' mhadainn agus tha e gu math riaraichte an-diugh.
Cion-earbsa
Tha e a' creidsinn gun d' rinn e a' chùis air Ailig Salmond as dèidh dha ìmpidh a chuir air mu dhreuchd Fiona Hyslop fad mhìosan fada.
Rinn e a-rithist e aig Àm nan Ceist dìreach an t-seachdainn a chaidh.
Tha Mgr Gray ag rà dh gun robh e bruidhinn ri ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, Disathairne mu bhòt cion-earbsa innte.
A-rèir coltais bha na Lib Deamaich a' dol a thoirt gluasad fa chomhair na pà rlamaid an-diugh.
Chuala an SNP mu dheidhinn na bhòt, ach tha iad a' dol as à idhcheadh gur e sin am prìomh adhbhar airson an atharrachaidh.
Tha iad ag rà dh gun robh sùil ùr a dhith air polasaidh nan sgoiltean as dèidh eas-aonta le ùghdarrasan ionadail mu mheud chlasaichean.
Ach tha e coltach gun robh Mgr Salmond den bheachd nach b' urrainn dha Fiona Hyslop a dhìon na bu mhotha.
'S e ceum suas tha seo do Mhìcheal Ruiseal as dèidh dha a chur air adhart.
Ach 's e beachd Mhgr Gray gu bheil seo a' sealltainn gu bheil fios aig Mgr Salmond nach fhaigh an SNP bile an referendum troimhe.
Anns an eadar-ama, chan eil Fiona Hylop a' dol fada air falbh.
'S ann oirrese a-nis a tha an dleastanas airson na GÃ idhlig.
BeachdanFÃ g beachd
Inntinneach, chì sinn dè thachras leis na Là baraich ann an Alba aig an ath thagadh Westminster ge-tà .
Am bi sibh a-mach air cùisean sa Ghà idealtachd?
Am bi Danny Alexander sà bhailte gu leòr an turas seo?
Dè cho fad 's a mhaireas an rianachd indy-lib-lab an urra ri Comhairle na Gà idhealtachd?
#1 Graisg - Mar as trice 's ann air cùisean aig Holyrood a bhios mi a' blogadh, ach cumaidh mi sùil air na bhios a' tachairt ag ìre ionadail agus sgrìobhaidh mi mu dheidhinn nuair as urrainn dhomh!