Glaschu an Ear...a-rithist
Bha mi air ais ann an Glaschu an Ear an-diugh.
Chuir mi seachad grunn sheachdainnean anns an sgìre aig à m an fho-thaghaidh ann an 2008.
Agus tha cuimhne shoillear agam air an oidhche nuair a ghoid Iain Mason an sgìre airson an SNP airson a' chiad uair a-riamh.
Air an oidhche ud bha na nà iseantaich air an dòigh agus deòir ann an sùilean nan Là barach.
Ann an dòigh, cha do stad an iomairt airson Ghlaschu an Ear, ged a chaidh Mgr Mason a thoirt do Westminster airson an sgìre a riochdachadh.
Ach a-nis 's e blàs eadar-dhealaichte a tha oirre.
Airgead Eòrpach
An-diugh, bha Ailig Salmond agus Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, aig Colaiste Iain Wheatley ann an Easterhouse airson co-labhairt mu dheidhinn chosnaidhean.
Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear £34m de dh'airgead Eòrpach a bhios a' chruthachadh - da rèir-san - 193 dreuchd ann an Alba.
Thèid £18m dhiubh sin a chosnadh air pròiseactan air a' Ghà idhealtachd is anns na h-Eileanan.
Mhol Mgr Murphy na bha Riaghaltas Bhreatainn a' dèanamh gus taic a thoirt do chosnaidhean ann an Alba.
Thuirt an dithis gun robh iad airson poileataigs fhà gail aig an doras.
Cha robh i fad air falbh ge-tà .
Fìor dhuilich
Tha Mà iread Curran airson an sgìre fhaighinn air ais airson nan Là barach aig an taghadh.
B' ise a sheas an aghaidh Iain Mason anns an fho-thaghadh agus a bhios a' riochdachadh Baillieston ann am PÃ rlamaid na h-Alba.
Chan eil ach 365 bhòt eadar an dà phà rtaidh - cha b' urrainn dha bhith na b' fhaisge.
Gu ruige 2008 bha Glaschu an Ear na sgìre Là barach cha mhòr bhon a thà inig am pà rtaidh Là barach gu bith.
Dh'aidich duine ann an iomairt nan nà iseantach dhomh gum biodh e fìor dhuilich dhaibh grèim a chumail air an sgìre.
'S e seo tè dhe na sabaidean as cruaidhe a bhios ann an Alba nuair a thig an taghadh.