Murphy a' toirt taic ri Brown
Tha mi dìreach as dèidh bruidhinn ri Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy mu cheannas a' phà rtaidh Là baraich.
Sin as dèidh mar a chaidh aithris gun do dh'iarr dithis seann mhinistearan, Geoff Hoon agus Patricia Hewitt, bhòt dhiamhar air am bu chòir Gòrdon Brown fuireach mar cheannard.
Tha iad air litir a chur gu gach ball Là barach aig Westminster a' sìreadh taic airson a leithid.
On uair sin tha Teà rlach Clarke, Frank Field agus eile air taic a thoirt don iarrtas.
Cha chuir sin iongnadh air duine sam bith.
Tha sinn a' feitheamh air beachdan bho mhinistearan a' chaibineit.
Aire a' phà rtaidh
Fhuair mi grèim air fear dhiubh agus e a' tadhail air luchd-obrach a' feuchainn ris an t-sneachda a sgaoileadh.
Thuirt Mgr Murphy nach robh bhòt a dhìth mu cheannas a' phà rtaidh.
Bu chòir, am beachd Mhgr Murphy, aire a' phà rtaidh a bhith air an eaconamaidh.
Na bheachd, bu chòir dhaibh sabaid leis na Tòraidhean seach eadar iad fhèin.
Tha tòrr an crochadh air na thachras anns na beagan uairean a thìde a tha romhainn.
Leigidh mi fios.Â