Air cùl nan dorsan
Tha na Tòraidhean ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba buidseat èiginneach ullachadh - sin a' bharrachd air .
Aig an à m-sa den bhliadhna bidh còmhraidhean a' dol air cùl dhorsan agus an riaghaltas a' sìreadh taic airson a' bhuidseit aca.
As aonais, chan eil tòrr as urrainn don riaghaltas a dhèanamh.
Ach leis nach eil mòr-chuid aig an SNP aig Holyrood tha aca ri aonta a ruighinn le co-dhiù cuid de na pà rtaidhean eile.
'S e seo poileataigs aig an ìre as sìmplidhe - diofar bhall ag argamaid mu dheidhinn airgid.
An turas-sa, ge-tà , chan eil an argamaid sin mu na bhios an riaghaltas a' cosg, ach mu na bhios iad a' gearradh.
Lùghdachadh maoineachaidh
An uiridh, fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean as dèidh dhaibh gealltanasan a dhèanamh air à ireamhan oifigearan poileis agus airgead airson leasachadh bhailtean.
An triop-sa, ge-tà , 's e sà bhalaidhean a tha pà rtaidh Annabel Goldie ag iarraidh.
Agus, tha iad ag rà dh gu feum an riaghaltas a bhith deiseal airson ghearraidhean a bharrachd ma thig lùghdachadh maoineachaidh à Westminster as dèidh an taghaidh.
Tha dùil ri ath-sgrùdadh air ionmhas Riaghaltas na h-Alba am bliadhna co-dhiù.
Ach dh'fhaodadh gearradh do bhuidseat an riaghaltais tighinn nas luaithe ri linn buidseit èiginnich bhon t-seansalair ùr.
Carson mar sin, tha na Tòraidhean ag rà dh ri Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, nach seall sibh sinn gu bheil sibh deiseal airson dèiligeadh ri seo ma thig e?
Ã’°ù»å³Ü¾±²µ³ó±ð²¹²Ô-³¦³Ü²Ô²µ²¹¾±»å³ó
Cha ghabh Mgr Swinney - gu poblach co-dhiù - a' chomhairle seo bho na Tòraidhean agus tha fios acasan nach gabh - 's e cleas a tha seo.
Tha am pà rtaidh ann an Alba - mar a tha Dà ibhidh Camshron aig ìre Bhreatannach - ag iarraidh sealltainn gur iad as motha a tha airson grèim fhaighinn air ionmhas na dùthcha.
Chan eil Mgr Swinney, ge-tà , dol a dh'innse do Roinn an Ionmhais ann an Lunainn gu bheil e deònach barrachd ghearraidhean fhulang no dè iad.
Tha fios aige, ge-tà , gur dòcha gum bi aige ris na planaichean aige atharrachadh a-rèir na theireas an seansalair ùr.
Anns an eadar-à ma, tha sùil nan Tòraidhean air polasaidhean leithid lùghdachaidh agus cur às do dh'òrduighean-cungaidh is iadsan a' cumail a-mach gu bheil iad fada ro chosgail.
Bidh iad ag iarraidh gluasad air choireigin bhon riaghaltas mus toir iad taic don bhuidseat.
Bliadhna an taghaidh
Thig a' chiad bhòt air a' bhuidseat an ath-sheachdainn.
Tha dùil an uairsin gun bhòt na Là baraich na aghaidh is iad mì-thoilichte mu chur às do cheangal-rèile puirt-adhair Ghlaschu
Tha na Lib Deamaich ag iarraidh gearradh do na tuarastalan as à irde anns an roinn phoblaich.
Tha na h-Uainich - a bu choireach gu ìre mhòr gun do dh'fhà ilig am buidseat a' chiad uair an uiridh - mì-thoilichte leis a' bhuidseat cuideachd.
Tha uallach air an riaghaltas an suidheachadh sin a sheachnadh an turas-sa.
Ach ann am bliadhna an taghaidh, chan ann gu furasta a gheibh iad an taic a tha dhìth orra bho na pà rtaidhean eile.