´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

5 gu 3

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-02-05, 9:54

Cha robh e gu bhith mar seo.

Nuair a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh còrr is 10 bliadhna air ais bha cùisean gu bhith diofraichte.

An àite na sabaid ris an robhÌýsinn cleachte aig Westminster, bha gnothaichean aigÌýHolyrood gu bhith stèidhichte air aonta eadar na diofar phàrtaidhean, agus an siostam-bhòtaidh ga dhèanamh duilich do phàrtaidh sam bith mòr-chuid fhaighinn.

Cha do thachair sin, agus 's dòcha nach e rud dona a tha seo - uaireannan 's e rud fallain a tha ann an sabaid.

Ach bha na comataidhean gu bhith eadar-dhealaichte.

Chan ann mar sin a tha cùisean coimhead an-diugh.

AontaÌý

Tha Comataidh a' Cheartais air fhoillseachadh.

Cha b' urrainn dhaibh aonta a ruighinn air tòrr.

Cha b' urrainn dhaibh fiù 's aontachadh gum bu chòir dhaibh a' chùis a sgrùdadh anns a' chiad dol a-mach.

Chaidh iarraidh air a' chomataidh sin a dhèanamh le ceannard nan Làbarach às dèidh an deasbaidÌýshònraichte anns a' phàrlamaid san t-Sultain, a lean saoradh Mhegrahi an t-seachdain roimhe.

Bhòt Bill Aitken (Tòraidh), Robert Brown (Lib Deamach), Bill Butler (Làbarach), Cathie Craigie (Làbarach) agus Paul Martin (Làbarach) airson gabhail ri moladhÌýIain Gray.

Bhòt Angela Constance (SNP), Nigel Don (SNP) agus Stewart Maxwell (SNP) na aghaidh.

LoidhnicheanÌýpàrtaidhÌý

'S dòcha gum bu chòir dhuinn cuimhneachadh dè mu dheidhinn a tha sinn bruidhinn.

Ann an 1988 -Ìýmurt 270 duine san ionnsaigh ceannairc a bu mhiosa am Breatainn riamh.

Ann an 2009Ìý-Ìýshaoradh an aon duine a chaidh a dhìteadh air a shon, airÌýbheil aillse, agus tòrr daoine fhathast teagmhach mu chiont - ciont nach do dh'aidich e a-riamh.

A bharrachd air sin -Ìýan co-dhùnadh a bu dhuilghe o thoiseach fèin-riaghalaidh agus sùilean an t-saoghail air Alba.

Ma bheir muinntir na h-Alba sùil air pàrlamaid na dùthcha an-diugh, dè chì iad?

Agus dè smaoinicheas iad mu bhuill a' bhòtadh air loidhnichean pàrtaidh air cùis mar seo?

IomchaidhÌý

Cha robhÌýa' chomataidhÌýa' sgrùdadh a' cho-dhùnaidh fhèin ach an dòigh anns an deach a làimhseachadh.

AchÌýthaÌýan aon phatran a leantainn tro aithisg na comataidh - 5 airson, 3Ìýan aghaidh.

Thuirt an aithisg nach robh e iomchaidh do Mhgr MacAsgail tadhail air Megrahi aig prìosan Ghrianaig - 5 gu 3.

Thuirt an aithisg gur dòcha gum bu chòirÌýdo Rùnaire a' Cheartais beachdÌýeile a' lorg mu shlàinte Mhegrahi - 5 gu 3.

Cha mhòr gur e an aon rudÌýair anÌýtàinig iad gu aonta a' chomhairle a fhuair Mhgr MacAsgail bho Sheirbhis Prìosan na h-Alba

Cha robh, am beachd na comataidh gu lèir, a' chomhairle sin soillear gu leòr.

Sgaraidhean

Dh'aidich cathraiche na comataidh, Bill Aitken, gun robh am pròiseas air sgaraidhean adhbhrachadh.

Chaidh an t-seann phrìomh mhinistear, Henry McLeish, na b' fhaide, ag ràdh gun dèanadh dol a-mach mar seo cronÌýair deamocrasaidh agus don phàrlamaid anns an àm ri teachd.

Is cinnteach gu bheil sgaradh bheachdan air saoradh Mhegrahi tron dùthaich.

Ach a bheil na beachdan sin air an sgaradh air loidhnichean pàrtaidh?

Gu dearbh, an e beachdan poileataigeach a tha annta idir?

'S ann air a' cheist sin, 's dòcha, a tha cliù Holyrood an crochadh an-diugh.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.