DÃ cheist agus ceistean eile
Tha fios againn aig a cheann thall dè na ceistean a bhiodh air a' phà ipear-bhòtaidh ann an referendum an SNP.
Sin as dèidh mar a dh'fhoillsich Ailig Salmond a' chiad dhreach den .
Cha bhiodh aon ach dà phà ipear-bhòtaidh fa leth agus ceist air gach fear dhiubh.
Air a' chiad fhear, dheidheadh fhaighneachd am bu chòir cumhachdan a bharrachd a bhith aig pà rlamaid na h-Alba.
Air an darna fhear, dheidheadh fhaighneachd am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimilich.
Bidh cuimhne aig cuid gur e sin an aon chruth a bha air an referendum a thug fèin-riaghaladh do dh'Alba ann an 1997.
Barrachd chumhachdan
Chuir riaghaltas an SNP romhpa am bile fhoillseachadh mar chiad dhreach a-mhà in as dèidh mar a thuirt na dùbhlanaich gum biodh iad ga mharbhadh cho luath sa gheibh iad grèim air.
Nuair a thèid bile a chur fa chomhair na pà rlamaid, 's ann leatha a bhios e, agus caillidh an riaghaltas smachd air - agus air a' chlà r-ama air a shon.
Tha an riaghaltas ag rà dh gu bheil iad a' sìreadh bheachdan air na bhios 'barrachd chumhachdan' a' ciallachadh.
An e na molaidhean Chalmain a bhiodh ann, no là n fhèin-riaghalaidh le tòrr chumhachdan a bharrachd a' dol gu Holyrood?
Ach tha Ailig Salmond airson an referendum a chumail beò mar chuspair tro iomairt an taghaidh.
Agus tha e an dòchas gun atharraich cùisean aig Holyrood as a dhèidh cuideachd.
Taic
Tha na Là baraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile air a rà dh gum bhòt iad aghaidh a' bhile.
Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir cha robh Iain Gray, Annabel Goldie no Tavish Scott fiù 's airson bruidhinn mun chùis.
As aonais taic bho fhear dhe na pà rtaidhean sin, cha tèid am bile troimhe.
Ach tha Mgr Salmond an dòchas gum bi na Lib Deamaich deònach smaointinn a-rithist as dèidh an taghaidh.
'S e polasaidh nan Lib Deamach cumhachdan a bharrachd a thoirt do Holyrood.
Tha am bile seo a' toirt cothrom do Mhgr Scott sin a dhèanamh - cho fad 's a bhios misneachd aige nach bhòt muinntir na h-Alba airson neo-eisimileachd.
Aig an ìre-sa, tha Mgr Scott ag rà dh gum bhòt iad leis na pà rtaidhean dùbhlanach eile airson am bile a mharbhadh.
Chì sinn dè thachras nuair a thèid am bile a chuir fa chomhair na pà rlamaid ron t-samhradh.