´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dà shealladh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-17, 14:22

Fhuair sinn dà shealladh eadar-dhealaichte mu staid na h-eaconomaidh an-diugh.

Chaidh figearan fhoillseachadh an-diugh airson nan trì mìosan gu deireadh 2009.

A-rèir nam figearan seo chaidh an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann am Breatainn sìos le 33,000.

Tha sin a' fàgail an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann am Breatainn aig 2.45m no 7.8%.

Deagh naidheachd a tha seo, ged a tha tòrr dhaoine fhathast a' fuilling.

Ach chan eil deagh naidheachd sam bith anns na figearan airson Alba.

Cion-cosnaidh

Chaidh an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann an Alba suas le 16,000.

Tha sin a' fàgail an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann an Alba aig 205,000 no 7.6%.

Tha sin fhathast beagan fon ìre Bhreatanaich ged a tha cìon-cosnaidh an Alba air a dhol suas ann an Alba agus sìos anns an rìoghachd air fad.

Mu dheas, chuir Rùnaire na h-Obrach, Yvette Cooper, fàilte air na figearan ùra.

Ach thuirt i gun robh an eaconamaidh fhathast cugallach, agus nach biodh e ceart gearraidhean tràth a dhèanamh mar a tha na Tòraidhean a' moladh.

Ach ann an Alba, tha eas-aonta mu cò as coireach airson an àrdachaidh.

Cunnart

Chuir ceannard nan Làbarach, Iain Gray, a' choire air a' phrìomh mhinistear, ag ràdh nach robh Ailig Salmond agus an riaghaltas aige air gu leòr a dhèanamh airson cosnaidhean a dhìon no a chruathachadh.

Ach ann an dòigh, bha an SNP fhèin an-diugh ag ràdh rudan gu math coltach ri na thuirt co-obraichean Mhgr Gray aig Westminster.

Airson nan nàiseantach, thuirt am ball-pàrlamaid airson Ghlaschu an Ear, Iain Mason, gun robh gearraidhean bho Westminster a' cur eaconomaidh na h-Alba ann an cunnart.

Chuir esan a' choire air an riaghaltas Làbarach as dèidh mar a dhiùlt iad airgead a thoirt air adhairt airson eaconomaidh na h-Alba a chuideachadh.

Ach, tha na Làbarach, na nàiseantaich agus na Lib Deamaich uile ag ràdh gum biodh gearraidhean tràth cunnartach don eaconomaidh.

'S e beachd nan Tòraidhean gum biodh e cunnartach an cur dheth.

Roinn phoblach

Tha fios aca uile, ge-tà, gu bheil gearraidhean a' tighinn.

Bho na figearan ùra a chaidh fhoillseachadh an-diugh tha e coltach gu bheil an ìre de chion-cosnaidh ann an Alba agus an ìre airson na Rìoghachd Aonaichte a' tighinn còmhla.

Tha nas motha de dhaoine ann an Alba ag obair anns an roinn phoblaich, rud a bha gar dìon nuair a thòisich crìonadh na h-eaconomaidh.

A-nis, ge-tà, tha dragh draghail gun dèan sin nas duilghe do dh'Alba tighinn a-mach às an staing.

Sin am beachd a bha aig Liz Chamshron, bho Sheòmraichean Malairt na h-Alba.

Dh'fhaodadh tuilleadh droch naidheachd a bhith air fàire.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.