Tilleadh an t-seann nà baidh
Tha sgaradh bheachdan mu Thonaidh Blair.
Chan fhaigh e maitheanas a chaoidh bho fheadhainn airson Breatainn a thoirt do chogadh ann an Iorac air sgà th armachd lèir-sgrios nach robh ann.
Do dhaoine eile, b' e a cheannas a shà bhail iomadach duine bho sgrìos ann an Sierra Leone agus na dùthchanan Balcanach.
A-rèir cuid, b' esan an duine a bhris an ceangal eadar am pà rtaidh Là barach, an luchd-taic dualchasach aca agus seann chreideamh an taobh chlì.
Am beachd feadhainn eile, bu chòir a mholadh airson pà rlamaid a thoirt do dh'Alba agus sìth a thoirt do dh'Èirinn a Tuath.
Tha aon rud mun t-seann phrìomhaire mu nach eil deasbad sam bith - b' urrainn dha taghaidhean a bhuannachadh.
Ionndrainn
Aig a' cheann-thall, thugadh air Mgr Blair Àireamh a Deich fhà gail na bu trà ithe na dh'iarradh e.
Bha e air taic a chall air na cul-bheingean agus bu dhuiliche dha na polasaidhean aige fhaighinn troimhe.
Nuair a dh'fhalbh e, bha tòrr anns a' phà rtaidh Là barach glè thoilichte soraidh slà n a thoirt dha.
, 's dòcha gum bi cuid dhiubh ga ionndrainn.
Fad bhliadhnaichean, b' e an nà baidh aige air Srà id Dhowning - seach na Tòraidhean - an duine as coltaiche an ceannas a thoirt bhuaithe.
An-diugh, thill Mgr Blair airson ceannas an t-seann nà baidh sin - an seann nà mhaid sin - a shà bhaladh.
Atharrachadh
Dhìon e clà r nan Là barach bho 1997 agus ann am faclan soillear rinn e an argamaid airson an ceithreamh teirm de riaghaltas Là barach as dèidh taghadh na bliadhna-sa.
Mhol e na rinn Gòrdon Brown agus Alisdair Darling airson Breatainn fhaighinn tro thubaist na h-eaconomaidh.
(Airson dhaoine aig a bheil ùidh anns an leithid, chleachd e ainm a' phrìomhaire 4 tursan ann an òraid de sheachd duilleag.)
Agus rinn e droch chà ineadh air ceannardan ùr nan Tòraidhean, agus Dà ibhidh Camshron, ris an abair daoine 'Mac Bhlair'.
Dh'aidich e gun robh atharrachadh tarraingeach as dèidh 13 bliadhna de riaghaltas an aon phà rtaidh - ach, thuirt e, cha robh e idir soillear dè bhiodh anns an atharrachadh sin.
Bha dùbhlan cuideachd - mar a b' à bhaist do Thony Blair - don phà rtaidh aige fhèin, ge-tà .
°äà ¾±²Ô±ð²¹»å³ó?
Thuirt an seann phrìomhaire gun robh dùbhlain mhòra ron dùthaich anns an à m ri teachd.
Agus gun robh e an dòchas gur iad na Là baraich am pà rtaidh a bhiodh comasach dèiligeadh ris na dùbhlain sin.
Dè bha Mgr Blair a' ciallachadh? An robh cà ineadh anns na faclan air Gòrdon Brown, no rabhadh mun t-slighe an leanadh am pà rtaidh as dèidh an taghaidh?
Tha e dorbh dhomhsa creidsinn ach gun do chleachd òraidiche mar Thony Blair na dearbh fhaclan a dh'iarr e.
'S i a' cheist a-nis am bi tilleadh Mhgr Blair na chuideachadh do dh'iomairt nan Là barach agus an taghadh dìreach seachdainnean air falbh.
Thèid fà ilte a chur air na beachdan agaibhse, mar as à bhaist.