Atharrachadh beachd air Stuart MacLennan
Ìý
Tha sinn air tòrr a chluinntinn mun bhuaidh a bheireadh Twitter air iomairt an taghaidh.
An-diugh, thug e fìor bhuaidh oirre.
Anns a' mhadainn, chaidh aithris gun robh tagraiche nan Là barach ann am Moireabh air slaic a thoirt air luchd-poileataigs agus daoine eile tron chùnntas Twitter aige.
Cha gabh tòrr de na thuirt e ath-aithris an seo, ach bha e là n fhaclan le ceithir litrichean agus rudan eile nach gabhadh a chur an clò.
Anns a' mhadainn, ge-tà , chuir am pà rtaidh taic ri Stuart MacLennan.
Sin a dh'aindeoin gairm bho phà rtaidhean eile a chur far a dhreuchd.
DÃ each
Bha mise ann an Sruighlea anns a' mhadainn, far an robh Iain Gray agus Jim Murphy a' foillseachadh sanas ùr a' phà rtaidh Là baraich.
Anns an t-sanas - a rinn iomradh air a' Ghrand National a-mà ireach - bha dà each, agus na Là baraich ag rà dh nach robh ach dà phà rtaidh a bha cudromach aig an taghadh seo.
Dh'fhaighnich mi do Mhgr Murphy an robh iomairt nan LÃ barach anns an Ear Thuath air tuiteam aig a' chiad fheansa.
Thuirt e nach robh, agus gum biodh Mgr MacLennan a' fuireach mar thagraiche.
Nuair a fhuair mi air ais gu oifis a' BhBC ann an Glaschu, bha e air falbh.
Dè bha air atharrachadh anns an uair gu leth sin?
Cron
Fhuair mi grèim air Mgr Murphy a-rithist as dèidh dha bruidhinn mun chùis ri Sianal Naidheachd a' BhBC.
Thuirt e nach robh fios aige nuair a bhruidhinn e riumsa ann an Sruighlea mu gach rud a thuirt Mgr MacLennan.
Cho luath agus a dh'ionnsaich, b' fheudar dha falbh.
Tha na Tòraidhean, an SNP agus na Lib Deamaich air a' phà rtaidh Là barach a chà ineadh airson seo, ag rà dh gu bheil e air cron a dhèanamh air iomairt a' phà rtaidh ann an Alba.
ThaÌýluchd-poileataigs air a bhith a' feuchainn ri Twitter agus a leithid a chleachdadhÌýairson an teachdaireachd acasan a sgaoileadh, ach 's urrainn dha cron a dhèanamh orra cuideachd - bidh iad nas faiceallaiche as dèidh seo.
(Mothaichidh cuid gu bheil ceangal don chùnntas TwitterÌýfhìn a-nis air prìomh dhuilleag a' bhloig).