Abair seachdain
Tha seachdain leithid nach fhaca sinn a-riamh a' tighinn gu crìoch.
An-diugh, tha am prìomhaire, Dà ibhidh Camshron, ann an Alba airson coinneimh leis a' phrìomh mhinistear, Ailig Salmond.
Bidh Mgr Camshron an dòchas gun cuidich Rùnaire ùr na h-Alba, an Lib Deamach Danny Alexander, leis an trioblaid Albannach aige.
Nan aonar, chan eil ach aon bhall-pà rlamaid aig na Tòraidhean ann an Alba, ach leis na Lib Deamaich, tha 12.
Bidh Mgr Alexander còmhla ris a' phrìomhaire an-diugh - ach bidh fios aige gu faodadh an cà irdeas ùr eadar an dà phà rtaidh cron a dhèanamh air na Lib Deamaich aig an ath- thaghadh.
Chan eil an taghadh sin - don a' phà rlamaid Albannaich - ach bliadhna air falbh.
LÃ ithean duilich
Tha Mgr Camshron ag iarraidh cà irdeas ùr eadar Westminster agus Holyrood.
Ach ged a dh'obraichidh Mgr Salmond leis nuair a bhios aonta eatorra, tha là ithean duilich roimhe.
Tha Mgr Salmond airson 's gun tèid an dà chuid cumhachd agus airgead a bharrachd a thoirt do Holyrood.
Gluaisidh Mgr Camshron air a' chumhachd - tha e airson na molaidhean a rinn Coinneach Calman a chur an gnìomh - ach tha sabaid air fà ire mun airgead.
Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun do chuir an easbhaidh sgà il air a h-uile rud.
Ach bidh Mgr Salmond airson gearraidhean à Westminster a chleachdadh airson toirt air daoine bhòtadh airson neo-eisimileach.
Tha mise a-nis a' dol air saor-là ithean agus mar sin dheth bidh am blog seo sà mhach fad greis.
Ach airson Dhà ibhidh Chamshroin, Nick Clegg agus a h-uile duine ann am poileataigs Bhreatainn, tha an obair dìreach a' tòiseachadh.
BeachdanFÃ g beachd
Tapadh leibh air son nan aithisgean uile