Dà ibhidh Camshron na phrìomhaire
Le beagan fhaclan taobh a-muigh Àireamh a Deich thòisich am prìomhaire ùr an dreuchd aige.
Rinn Dà ibhidh Camshron luaidh air an t-seann phrìomhaire agus thuirt e gun robh e airson co-bhanntachd là n a chruthachadh leis na Lib Deamaich.
Tha duil ri barrachd naidheachd mu dheidhinn sinn ro dheireadh na h-oidhche.
Ach dìreach dà uair on a dh'fhà g Gòrdon Brown, chaidh Mgr Camshron tron doras dhubh le bhean, Samantha, agus bha riaghaltas ùr againn.
Anns na là ithean a tha romhainn ionnsaichidh sinn tuilleadh mun riaghaltas ùr agus na tha roimhe.
Ach 's e oidhche eachdraidheil a tha againn a-nochd.
Eachdraidh
Airson a' chiad uair o 1979, tha prìomhaire Tòraidheach ann an Àireamh a Deich.
Agus as dèidh 13 bliadhna ann an cumhachd bidh aig buill-pà rlamaid Là barach ri suidhe air na beingean dùbhlanach.
Ceud bliadhna on a chaidh an riaghaltas Libearalach mu dheireadh a thaghadh, fo cheannas H.H. Asquith, 's choltach gum bi Lib Deamaich aig bòrd a' chaibineit.
Chì sinn dè a' bhuaidh a bheir sin air na Lib Deamaich aig an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.
Bidh Ailig Salmond agus an SNP an dòchas gun toir barrachd Albannach taic do neo-eisimileachd agus riaghaltas Tòraidheach aig Westminster.
Chrìoch linn ann an eachdraidh Bhreatainn a-nochd - agus tha te eile a-nis a' tòiseachadh.