Leigidh Gòrdon Brown a dhreuchd seachad
Dìreach air ais aig Millbank as dèidh dhomh innse do luchd-èisteachd Radio nan Gaidheal gun leig Gòrdon Brown a dhreuchd seachad.
Chuala sinn dìreach ro 1700 gum biodh Mgr Brown a' bruidhinn agus beagan mhionaidean as dèidh sin, thuirt e gum fà gadh e.
Tha tòrr dhaoine - feadhainn dhiubh anns a' phà rtaidh aige fhèin - air a bhith feuchainn ri a thoirt far a dhreuchd cha mhòr o chaidh e na phrìomhaire ann an 2007.
Aig a' cheann thall ge-tà , b' e bhòt a' mhòr-shluaigh a thug air Mgr Brown a dhreuchd fhà gail.
Sin agus fios bho na Lib Deamaich gun robh iad fhathast ag iarraidh soilleireachadh bho na Tòraidhean mus tigeadh iad gu aonta leothasan.
Thuirt Mgr Brown gun do dh'iarr na Lib Deamaich còmharraidhean foirmeal leis na Là baraich agus gun seasadh e sìos airson na còmharraidhean sin a chuideachadh.
°äò³¾³ó²¹°ù°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô
Anns an eadar-ama, tha Gòrdon Brown a' fuireach mar phrìomhaire, ach thuirt e nach biodh e a' fuireach na b' fhaide na bha a dhìth.
Cha shoilleir fhathast dè cho fada a bhios e ann ach tha dùil gum fà g e ro cho-labhairt a' phà rtaidh as t-fhoghar.
Tòisichidh còmharraidhean foirmeal eadar na Là baraich agus na Lib Deamaich a dh'aithgheà rr - leanaidh na còmharraidhean eadar na Lib Deamaich agus na Tòraidhean cuideachd.
A dh'aithgheà rr chì sinn cò na daoine a chuireas iad fhèin air adhart gus dol an à ite Mhgr Brown mar cheannard nan Là barach.
A-nis tha roghainn fìor dhuilich ro Nick Clegg.
Tuilleadh air An LÃ aig 8f.