Bùn-phrìs ann an staing
Chaidh buille a thoirt air planaichean an riaghaltais prìs as ìsle a stèidheachadh do gach cuibhrean de dheoch là idir.
Bhòt buill-pà rlamaid na h-Alba airson Bile na Dibhe a thoirt troimhe don ath ìre - a-nis thèid a dheasbad le comataidhean na pà rlamaid.
Ach bhot iad airson atharrachaidh a dh'iarr air an riaghaltas cur às don pholasaidh airson bùn-phrìs a stèidheachadh.
Bhòt 54 buill airson an atharrachaidh bhon bhall Thòraidheach Murchadh Friseal - bhòt am ball Malcolm Chisholm leis an riaghaltas, ach thug an còrr de na Là barach taic don atharrachadh.
Cha do bhòt na Lib Deamaich idir, agus tha an SNP fhathast an dòchas gum faigh iad taic bhuapa aig a' cheann thall.
A-nochd, ge-tà , tha am polasaidh ann an staing.
Trioblaid
Tha Rùnaire na Slà inte, Nicola Sturgeon, den bheachd gu bheil trioblaid shònraichte aig Alba leis an deoch.
Na beachd, bhiodh bùn-phrìs a' lùghdachadh na bhios daoine ag òl agus bhiodh buannachd mhòr do shlà inte na dùthcha.
Tha am polasaidh a' faighinn taic bho dhotairean, agus bho na poilis.
Ach a-nochd 's coltach nach eil taic gu leòr aig an riaghaltas bho dhaoine taobh a-staigh na pà rlamaid fhèin.
Am beachd an fheadhainn a tha an aghaidh a' pholasaidh, cha bhiodh e cothromach do dhaoine nach eil ag òl cus.
Tha aig an riaghaltas gu ruige an fhoghair airson an inntinn atharrachadh.