An òraid reachdais...mu dheireadh?
Mar dhearbhadh gun bheil samhradh ro ghoirid na h-Alba seachad, bha an t-uisge a' dòrtadh nuair a dh'èirich mi gus tilleadh don Phà rlamaid Albanaich an-dè.
Agus, nan robh tuilleadh dearbhaidh a dhìth, 's ann an-diugh a dh'fhoillsicheas an SNP na bilean a tha iad airson toirt air adhart am bliadhna-sa.
Tha dùil ri 9 bilean ùra, nam measg rudan a dh'fheumas a bhith ann, leithid bile a' bhuidseit, ged nach tig fios mu na gearraidhean a tha air fà ire do bhuidseat na h-Alba gus am foillsich an Seansalair, Seòras Osborne, na figearan aigesan anns an Damhair.
A bharrachd air sin, thu dùil ri bile air mar a thèid dèiligeadh ri taghaidhean, air taghaidheas prìbhiteach agus air daoine a thèid toirt orra pòsadh an aghaidh an toil.
Tha fios nuair a sheasas Ailig Salmond suas gus an òraid aige a ghabhail, gur e seo an turas mu dheireadh a nì e sin ron taghadh Albanach an ath-bhliadhna.
'S i a' cheist an e seo an òraid reachais mu dheireadh aige mar phrìomh mhinistear.
Taghadh
'S ann mu dheidhinn an taghaidh sin a bhios gach facal a thèid a rà dh aig Holyrood bho an-diugh a-mach.
Bhiodh dùil nach biodh na dùbhlanaich cho deònach taic a thoirt do phlanaichean an SNP agus iad airson là mh an uachdair fhaighinn orra mus tèid daoine do na bogsaichean-baileit.
Ach bi na nà iseantaich ris an aon gheama, agus iadsan airson an taghadh a chleachdadh gus uallach a chur air na pà rtaidhean eile na planaichean aca a leigeal troimhe.
'S bliadhna gu math frionasach a tha romhainn.
Their Ailig Salmond an-diugh gu bheil planaichean an SNP a' sealltainn gu bheil an riaghaltas aige là n neart, ach canaidh na dùbhlanaich gun do dh'fhàs na nà isteantaich sgìth.
Chan fhada gus am faigh an luchd-bhòtaidh cothrom cur romhpa cò tha ceart.
TUIILLEADH 0830
Tha an riaghaltas dìreach air innse dhuinn gun tèid 10 bilean ùra - seach 9 - fhoillseachadh an-diugh, sin bile a' bhuidseit agus 9 eile.