Cable - agus a' cho-bhanntachd - nas laige
Abair là neònach.
Aig toiseach na maidne an-dè bha nà ire air Vince Cable as dèidh mar a ghlacadh e air tèip ag rà dh gum b' urrainn dha cuidhteas a dhèanamh air a' cho-bhanntachd.
Feasgar, bha Dà ibhidh Camshron agus Nick Clegg glaste ann an Srà id Dhowning a' beachdachadh air am b' urrainn dhaibh cuidhteas a dhèanamh air an Dtr Cable fhèin.
Aig a' cheann-thall, chuir iad romhpa nach b' urrainn - tha Vince Cable ro chudromach airson taic nan Lib Deamach a chumail ris a' cho-bhanntachd.
Mar sin, chum e a dhreuchd mar Rùnaire an Ghnothachais agus an t-à ite aige anns a' chaibineat.
Ach chaidh an dleastanas airson gabhail thairis BSkyB le Rupert Murdoch a thoirt gu Rùnaire a' Chultair, Jeremy Hunt.
Dleastanas
B' fheudar dha sin tachairt as dèidh mar a chaidh pà irt eile den chlà radh dhìomhair a thoirt don BhBC anns an tuirt an Dtr Cable gun robh e air 'cogadh a ghairm' an aghaidh Mhgr Murdoch.
B' ann leis an Dtr Cable a bhiodh am facal mu dheireadh air a' chùis.
'S e dleastanas laghail seach poileataigeach a tha seo agus cha b' urrainn do Vince Cable a cholionadh as dèidh dha na beachdan aige a dhèanamh cho soilleir.
Thuirt Ed Miliband gum biodh esan air a chur far a dhreuchd.
Tha a' cho-bhanntachd nas laige as dèidh seo, agus tha an Dtr Cable fortunach a bhith ann fhathast.
Ach am biodh ministear Tòraidheach na dhreuchd, saoil, as dèidh seo a dhèanamh?