Freagairt Albannach do cheist nan oilthighean
Cò a bu chòir pà igheadh airson foghlaim à rd-ìre?
Tha a' cheist seo air ùpraid a thogail mu dheas anns gach taigh den phà rlamaid, agus air na srà idean.
An-diugh, chaidh a' cheist a thogail aig Holyrood, agus ministear an fhoghlaim a' foillseachadh air a' chùis.
Tha Mìcheal Ruiseal airson 's gum bi freagairt eile, "freagairt Albannach", don cheist sin.
'S e an aon rud ris nach gabh e stèidheachadh chìsean oideachaidh as ùir ann an Alba.
Ach, mura pà igh na h-oileanaich fhèin, cò phà igheas?
¶Ùù²ú³ó±ô²¹²Ô
An-diugh, dh'fhoillsich an riaghaltas grunn roghainnean gus dèiligeadh ri maoineachadh nan oilthighean.
Tha dùbhlan mòr air fà ire dhaibh agus na gearraidhean a chuireas a' cho-bhanntachd an sàs mu dheas gan toirt air adhart tro fhormula Bharnett.
Dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air oileanaich bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte barrachd a phà igheadh ma chuireas iad romhpa tighinn gu Alba airson an cuid foghlaim.
An-drà sta, bidh iad a' pà igheadh chìsean de £1820 gach bliadhna ach dh'fhaodadh gum bi aca ri suas gu £6000 a phà igheadh anns an à m ri teachd.
(Pà ighidh riaghaltas na h-Alba na cìse air sgà th oileanach Albannach, is mar sin cha phà igh iadsan ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô idir.)
Leis fhèin, ge-tà , cha bhiodh sin gu leòr airson a' bheà rn ann an ionmhas nan oilthighean a lìonadh.
³§²µ°ùù»å²¹»å³ó
Mar sin, dh'fhaoidte gum bi aig oileanaich ri rudeigin a phà igheadh as dèidh dhaibh ceumnachadh.
Tha Mìcheal Ruiseal an dòchas gum faigh iad airgead gu leòr bho à iteachan airson sin a sheachnadh.
Thèid buidheann-obrach a stèidheachadh airson gach roghainn a sgrùdadh agus cosg gach fear a dhearbhadh.
An uair sin thig an SNP an adhart le moladh a nochdas ann a' mhanifesto aca - bhiodh dùil gun dèanadh na pà rtaidhean eile an aon rud.
'S e an ath riaghaltas Albannach a ghabhas an co-dhunadh mu dheireadh air seo, as dèidh an taghaidh an ath-bhliadhna.
Is coltach gur e seo tè dhe na ceistean as connspaidiche a thèid a dheasbad aig an taghadh sin.