Sgeulachd An t-Sionnaich Sheòilta
Cha deach cùisean a-rèir a' phlana.
Bha na Là baraich airson bhòtadh an aghaidh a' bhuidseit gus cothrom a thoirt dhaibh a' choire airson ghearraidhean a chur air an SNP.
Oidhche mhà irt, bha cuid dhiubh ag rà dh gun robh an coltas gum faigheadh Iain Swinney taic bho na Lib Deamaich agus na Tòraidhean ga dhèanamh nas fhasa dhaibh sin a dhèanamh.
Ach an uair sin chaidh rudeigin ceà rr.
Lorg Mgr Swinney an t-airgead gus à iteachan trèanaidh a bharrachd a chur a-steach don bhuidseat, an rud a bu mhotha a bha na Là baraich ag iarraidh anns na còmharaidhean.
Agus, ged nach robh taic nan Là barach a dhìth air aig a' cheann-thall, chum e seo anns a' bhuidseat aige co-dhiù.
Cleas
'S e cleas glic a bha seo bho Mhgr Swinney, a tha air cliù a thogail mar shionnach seòlta aig à m a' bhuidseit.
Thug e cothrom dha casaid cealgaireachd a chur air na Là baraich - an dà rna turas an t-seachainn-sa a chuir an SNP a' chasaid sinn orra.
Agus nì e nas duilghe do na Là baraich gan cur fhèin ron luchd-bhòtaidh mar phà rtaidh nan cosnaidhean as dèidh dhaibh bhòtadh an aghaidh airgid airson à iteachan trèanaidh a dh'iarr iad ro là imh.
Tha na Là baraich air a bhith gan dìon fhèin an-diugh, ag rà dh nach deach gnìomhan Mhgr Swinney air cosnaidhean fada gu leòr.
Agus thug iad slaic air an SNP airson bhòtadh le 'pà rtaidhean na co-bhanntachd'.
Ach ma tha sibh ag iarraidh fios air beachd Iain Gray mun bhùrach a tha seo, seall mar a dh'fheuch ceannard nan Là barach a' chùis a sheachnadh aig ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.
Gearraidhean
'S e buidseat duilich a bha seo do Mhgr Swinney agus do labhraiche ionmhais nan LÃ barach, Anndra Kerr.
Fon lagh, b' fheudar do dh'Iain Swinney buidseat fhaighinn tron phà rlamaid.
Chan eil cumhachd aige air meud a' bhuidseit sin ach air an iomall agus cha robh taic anns an t-seòmar airson cumhachdan na pà rlamaid a chleachdadh gus a' chìs cosnaidh a chur suas.
Mar sin, cha robh roghainn aige ach buidseat a chur troimhe a tha mu £1bn nas lugha na bha e an uiridh.
Agus mar mhinistear ann an riaghaltas gun mhòrchuid, b' fheudar dha taic a lorg far a b' urrainn dha - an turas-sa bhon dà phà rtaidh a tha a' cur nan gearraidhean an gnìomh aig Westminster.
B' e tuairmse nan Là barach gum fà gadh an dà rud sin gun tèid an SNP a choireachadh leis an luchd-bhòtaidh airson nan gearraidhean sin.
Ribe
'S dòcha gun tachair sin fhathast.
Ach aig deireadh na seachdainn seo, 's iad an SNP a tha a' coimhead nas toilichte.
Ann an dòigh, 's dòcha nach b' urrainn do na Là baraich taic a chur ri buidseat an SNP cho faisg air an taghadh.
As dèidh dhaibh rudan iarraidh air Iain Swinney a b' urrainn dha thoirt seachad - gu ìre co-dhiù - rinn iad ribe dhaibh fhèin a bha Mgr Swinney glè dhèonach chleachdadh.
Chan eil an taghadh oirnn fhathast.
Ach cha b' e seo an toiseach don iomairt aca a bha na LÃ baraich ag iarraidh.