Post sgudail?
Ìý
Seo na bileagan a thà inig tron doras agam air an deireadh-sheachdainn:
Am bi sibh fhèin a' leughadh stuth mar seo, neo ga chur anns a' bhiona?
Ged a tha dòighean conaltraidh ùra air tighinn gu bà rr o chionn goirid, tha na pà rtaidhean poileataigeach fhathast a' cur cuideam mòr air an t-sanasachd sheann-fhasanta seo.
Anns an sgìre far a bheil mi-fhìn a' fuireachd 's iad na Là baraich agus an SNP a tha a' strì gus là mh an uachdair fhaighinn.
Leis gur e sgìre targaid a tha innte, tha an stuth acasan air a bhith a' tighinn tron doras fad greis mhòir mar-thà .
Ach a-nis tha mi air bileag fhaighinn bho na prìomh phà rtaidhean uile.
Targaid
Ged a tha na bileagan fhèin a' coimhead car seann fhasanta ann an saoghal TwitterÌýagus Facebook, tha cuid dhe na pà rtaidhean gan cleachdadh ann an dòigh gu math ùr.
Tha iad a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre glè ionadail.
Nuair a thig iad don doras, mar as trice bi dà cheist aca: cò dha a bhòtas tu, agus dè na rudan as motha a tha cudromach dhut.
('S e iongnadh a bhitheas orra nuair a nochdas iad aig an doras agam agus their mi nach urrainn dhomh freagairt agus mi nam fhear-naidheachd, ach am fuiricheadh iad dà dhiog gus am faigh mi an leabhar-nòta agam.)
Cleachdaidh iad am fiosrachadh seo gus faighinn a-mach cò na daoine a chuireas taic riutha agus dèanamh cinnteach gun tig iad a-mach air an là .
Agus, airson dhaoine nach eil cinnteach, dè an dòigh as fheà rr airson an taic fhaighinn.
Ionadail
Ann an oifis ionadail gin dhe na pà rtaidhean sheall duine bileag dhomh a bha iad a' cur mun cuairt nan taighean faisg orm fhìn.
'S eÌýbileag shònraichte don roinn-chomhairle a bha seo, a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre air leth ionadail.
A-rèir coltais, bha iad air tighinn air ais bho bhruidhinn ri luchd-bhòtaidh anns an sgìre agus chuir iad a' bhileag ri chèile stèidhichte air na draghan a chuala iad aig na dorsan.
Chaidh a clo-bhualadh agus a cur a-mach anns an sgìre an ath là .
Sin fianais - nan robh i a dhìth - gu bheil an iomairt seo a' tachairt aig ìre ionadail agus gum b' urrainn do chùisean ionadail diofar mòr a dhèanamh air toradh an taghaidh.
Agus, gur dòcha gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air bileagan an taghaidh mus cuir sinn iad anns a' bhiona.