Leudachadh air reòthadh na cìse comhairle?
Cumaibh do shùilean fosgailte airson naidheachd mun chìs chomhairle bhon SNP an-diugh.
Gu ruige seo, tha am pà rtaidh air a bhith gealltainn gun deidheadh a' chìs chomhairle a reòthadh fad dà bhliadhna eile ma bhuannaich na nà iseantaich an taghadh.
Ach chuala mise gur dòcha gum foillsich iad reòthadh nas fhaide air a' chìs agus an SNP a' cur a' mhanifesto aca air bog ann an Glaschu an-diugh.
Chan eil e soilleir am maireadh e gu deireadh na h-ath phà rlamaid - sin gu 2016 - ach tha e coltach gu faodadh dol na b' fhaide na dà bhliadha.
Chuireadh sin uallach as ùir air na là baraich, a ghabh ri polasaidh an SNP air reòthadh da bhliadhna o chionn goirid.
Bidh fios againn le cinnt as dèidh 11m.
BeachdanFÃ g beachd
Am bi Am Pà rtaidh Naiseanatach air mullach an liosta sa Ghà idhealtachd? Seo na bhotaichean gu ruige seo air Cunntas bheachd spòrsail air gurnnurn.com
How will Gurnshire vote in the elections for the Scottish parliament in May?
Con
33 (11%)
Green
19 (6%)
Lab
54 (18%)
LibDem
21 (7%)
SNP
139 (48%)
UKIP
14 (4%)
Other
4 (1%)
None of the above
3 (1%)
Votes so far: 287
Days left to vote: 19