Crith-thalmhainn
Cha robh dùil agam ri seo - ach, cha robh aig duine.
Dh'innis na cunntasan-bheachd dhuinn gun robh an SNP air thoiseach.
Ach cha b' urrainn dhaibh a' chrith-thalmhainn a tha seo ro-innse.
Tha e soilleir a-nis gur iad an SNP a tha air an taghadh seo a bhuannachadh.
Agus, tha e soilleir gur e oidhche uabhasach a bha seo do na Lib Deamaich agus fiù 's nas miosa 's dòcha do na Là baraich.
Tha an taghadh seo air crathadh a thoirt air mapa poileataigeach na h-Alba a tha a-nis a' coimhead gu tur eadar-dhealaichte.
Anasach
Nuair a bhuannaich an SNP ann an 2007 shaoil cuid gur e rud anasach a bha ann nach tachradh a-rithist, agus gun tilleadh Alba do na LÃ baraich aig a' chiad chothrom.
Tha e follaiseach a-nis gun robh sin ceà rr.
A-nis, tha buill nà iseantach air feadh Ghlaschu - ann an Shettleston, Anniesland, Cathcart.
Chum Iain Gray grèim air Lodainn an Ear - dìreach - ach chan eil teagamh agam gu feum e falbh.
Tha cùisean a' coimhead uabhasach do Thavish Scott cuideachd. Feumaidh sinn feitheamh airson deilbh soilleir dhe stait na Tòraidhean - agus na h-Uainich.
Tuilleadh tron là .