Chan ann furasta ach ceart
Bha teachdaireachd shìmplidh aig cridhe na h-òraid a thug Nick Clegg seachad aig co-labhairt nan Lib Deamach an-diugh. 500 là o chaidh am pà rtaidh a-steach don riaghaltas leis na Tòraidhean, tha an leas-phrìomhaire fhathast a' mìneachadh a' cho-dhunaidh sin. Agus, tha am mìneachadh sin fhathast a dhìth. B' e am plana - 's e am plana fhathast - gum faigheadh a' cho-bhanntachd na gearraidhean as duilghe a-mach anns an rathad trà th anns a' phà rlamaid. An uair sin, dh'fhà sadh an eaconomaidh, agus staid a' phà rtaidh anns na cunntasan-bheachd, nas fheà rr ron ath thaghadh ann an 2015. B' e sin an argamaid a rinn Mgr Clegg gus toirt air a' phà rtaidh aige taic a chur ris an aonta leis na Tòraidhean. Rabhadh Aig an dà rna cho-labhairt on taghadh an uiridh, tha cùisean fhathast a' coimhead doirbh. Gu dearbh, as dèidh mar a thug an IMF rabhadh seachad mu dhroch staid na h-eaconomaidh Breatannaich, dh'fhaodadh tu rà dh gu bheil iad nas miosa buileach. A dh'aindeoin sin - air neo leis nach eil roghainn eile aige - dh'innis Mgr Clegg ris an talla gum b' fheudar dhaibh cumail orra, leis na gearraidhean agus leis a' cho-bhanntachd. B' e an teachdaireachd aige nach robh an obair a bha iad a' dèanamh furasta, ach gu robh i ceart. Ceart airson an eaconomaidh a chà radh as dèidh nam bliadhnaichean Là barach. Agus ceart gus dùthaich nas libearalaich a chruthachadh airson an à m ri teachd. Iomagain Dh'aidich Mgr Clegg gur e bliadhna dhuilich a th' air a bhith aig a' phà rtaidh - ciamar a b' urrainn dha cà il eile a rà dh? Ach, thuirt e gu robh bliadhna nas duilghe aig an dùthaich agus gur e sin an rud as cudromaiche. Thuirt Mgr Clegg gum b' fheudar dhaibh obrachadh nas cruaidhe gus an obair a bha iad a' dèanamh anns an riaghaltas a mhìneachadh don t-sluagh. A dh'aindeoin toraidhean uabhasach a' Chèitein, nuair a chaill na Lib Deamaich comhairlichean, buill-pà rlamaid na h-Alba agus referendum air AV, cha robh cus iomagain ri fhaicinn ann am Birmingham an t-seachdain-sa. Is coltach gu bheil muinntir a' phà rtaidh deònach plana Mhgr Clegg a leantainn fhathast. Ach, fà saidh iad nas iomaganaiche mura faic iad adhartas anns na cunntasan-bheachd nuair a choinneachas iad airson na co-labhairt aca an ath-bhliadhna.