Mòrchuid ga cur gu feum
Dè tha an SNP a' dol a dhèanamh leis a' mhòrchuid aca?
Fhuair sin beagan a bharrachd fiosrachaidh an-dè, agus am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh plana reachdais an riaghaltais airson na bliadhna romhainn.
Bha 15 bile ùr anns a' chlà r, agus am fear gus dèiligeadh ri grain-creidimh a chaidh fhoillseachadh ron t-samhradh.
Gabhaidh liosta dhe na bilean air fad a leughadh an seo (anns a' Bheurla).
Nam measg bha am plana gus bun-phrìs a stèidheachadh do dheoch là idir, agus bile ùr air à iteachas agus iasgaireachd.
Ach b' e am plana gus seirbhis poilis nà iseanta a stèidheachadh am fear a bu chonnspaidiche.
Dragh
Dhearbh mi air Aithris na Maidne an-dè gun tèid na h-ochd feachdan poilis a tha againn mar-thà a thoirt còmhla gus feachd poilis nà iseanta a stèidheachadh.
Air a' phrògram an-diugh, thuirt , gur e an rud as cudromaiche a-nis dèanamh cinnteach gun obraich an t-seirbhis ùr.
Ach tha cuid draghail mun bhuaidh a bheir seo air obair nam poileas, gu h-à raid ann an sgìrean dùthchail.
(Tha mi an dòchas bruidhinn ri cuid dhiubh an-diugh fhathast - bidh aithrisean air Aithris an Fheasgair aig 1700 agus An Là aig 2000).
Ach anns a' phà rlamaid fhèin tha taic airson seo bho na Là baraich agus na Tòraidhean. Tha na Lib Deamaich fhathast na aghaidh, ach le 5 ball a-mhà in, is beag an diofar.
Gu dearbh, leis a' mhòrchuid sin, 's urrainn don SNP rud sam bith a thogras iad fhaighinn tron phà rlamaid.
Eagal
Aon rud nach tèid troimhe fhathast, 's e am bile gus referendum a chumail air neo-eisimileachd.
Anns an deasbad as dèidh na h-òraid, thug na ceannardan dùbhlanach slaic air Mgr Salmond airson na dà lach.
Thuirt Iain Gray, Annabel Goldie agus Willie Rennie gum bu chòir gluasad air adhart leis cho luath 's a ghabhas agus gur e an t-adhbhar airson na dà lach gun robh eagal air Mgr Salmond gun cailleadh e e.
Ach tha fios aca nach atharraich sin.
Tha an SNP air a' chlà r-ama a dhèanamh soilleir, ag rà dh gun tèid an referendum a chumail anns an dà rna leth dhen phà rlamaid, ron ath thaghadh.
Anns an eadar-ama, tha iad airson toirt air an luchd-bhòtaidh creidsinn gu bheil iad a' dèanamh obair mhath leis na cumhachdan a tha aca mar-thà .