Amadain
Ruth Davidson bhochd. Bha fios aice nuair a fhuair i a dreuchd mar cheannard nan Tòraidhean Albannach gum biodh e doirbh dhi ìomhaigh a' phà rtaidh a thogail an sùil an t-sluaigh. Dè smaoinich i nuair chuala i na h-aithrisean gun robh Oileanaich Tòraidheach air ìomhaigh Bharack Obama a losgadh? 'S e an Comunn Tòraidheach aig Oilthigh Chill Rìmhinn fear dhe na buidhnean as sine dhen t-seòrsa an Alba. Tha iad air leisgeul a thoirt seachad, ach cha dèan seo cron air cliù a' Chinn-suidhe. Nach do thuig iad gur e an ìomhaigh aca fhèin a bha iad a' cur na theine?