Gainnead aonta air grà in-creidimh
Chan eil taic nan dùbhlanach a dhìth air riaghaltas an SNP airson am bile gus dèiligeadh ri grà in-creidimh fhaighinn troimhe.
Leis a' mhòrchuid ùir aca, thèid e troimhe co-dhiù.
Ach bha iad airson an taic sin fhaighinn airson a' phlana gus binnean còig bliadhna a chuir air daoine a tha ri grà in-creidimh aig a' bhall-coise air neo air loidhne.
Chan fhaigh iad i a-nis.
Tha na pà rtaidhean dùbhlanaich uile aig Holyrood a-nis air tighinn còmhla gus a rà dh nach deach argamaid an riaghaltais a dhèanamh agus nach bhòt iad air a shon.
Gu dearbh, tha cuid a-nis ag rà dh gum bu chòir cur às don bhile uile gu lèir.
Connspaideach
Cha tachair sin.
Rinn an riaghaltas glè shoilleir gun tèid air adhart leis a' bhile.
Ach bha iad an dòchas gun deigheadh aca air taic fhaighinn taobh a-staigh na pà rlamaid airson gnìomhan a tha air leth connspaideach taobh a-muigh.
Tha na h-eaglaisean, clubaichean buill-coise agus buidhnean luchd-leantainn uile air draghan a thogail mun bhile - bhiodh e na b' fhasa don riaghaltas dèiligeadh ris na draghan sin nan robh a' phà rlamaid fhèin air an aon rabh.
Chaidh clà r-ama a' bhile seo atharrachadh as dèidh gearain gun robh iad ga chur troimhe ro luath.
A-nis, tha e soilleir nach robh sin gu leòr.
Aonta
Chuir Ailig Salmond cuideam mòr air dèiligeadh ri grà in-creidimh nuair a chaidh ath thaghadh mar phrìomh mhinistear.
Rinn e iomradh air anns an òraid aige don phà rlamaid as dèidh an taghaidh.
Tha aonta aig Holyrood - agus taobh a-muigh na pà rlamaid - gu feum rudeigin a dhèanamh mu deidhinn.
Is coltach an-diugh ge-tà , nach eil aonta sam bith air dè.
A-nis, feumaidh an SNP obair gus dèanamh cinnteach gur iad na dùbhlanaich a bhitheas air taobh ceà rr beachd a' mhòrshluaigh air seo.
'S dòcha gu bheil sin an crochadh air na thachras nuair a thèid am bile troimhe agus a' bhuaidh a bheir e air cùisean gach disathairne.