Atharrachadh beachd an SNP air Nato?
Tha mi a' tuigsinn gu bheil ceannas an SNP airson polasaidh a' phà rtaidh air Nato atharrachadh.
Dh'innis neach a tha faisg air a' Phrìomh Mhinistear dhomh gun robh iad a' beachdachadh air seo a mholadh don phà rtaidh, 's dòcha cho trà th ris an t-samhradh-sa.
An-drà sta, 's e poileasaidh an SNP nach biodh Alba neo-eisimeileach na ball dhen bhuidhinn dìon.
Ach a-nis, tha ceannas a' phà rtaidh airson taic fhaighinn airson poileasaidh ùir, far am biodh Alba fhathast taobh a-staigh na buidhne, ach as aonais armachd niuclasaich.
Tha iad a' creidsinn gum biodh seo na chuideachadh mòr dhaibh inntinn dhaoine a churÌýgu fois mu shà bhailteachd Alba neo-eisimeiliche.
Ach cha bhi seo furasta.
Cnap-starra
Dh'fheuch iad ri seo a dhèanamh turas eile, ach cheumnaich iad air ais as dèidh mar a nochd fearg a-measg ballrachd a' phà rtaidh.
An turas-sa, tha an duine ris an do bhruidhinn mi fhìn ag rà dh gu faodadh daoine coiseachd a-mach bhon SNP mar thoradh air seo, ach gun gabh am pà rtaidh ris aig a' cheann thall.
Cleachdaidh iad eisimpleir Nirribhidh - an dùthaich as fheà rr leis an SNP an-drà staÌý- a tha na ball Nato ach aig nach eil armachd niuclasach.
Do chuid air là mh chlì a' phà rtaidh, tha am poileasaidh gus Nato fhà gail na shamhla dhen t-seòrsa dùthcha a tha iad ag iarraidh.
Ach do cheannas a' phà rtaidh dh'fhaodadh e a bhith na chnap-starra eatorra agus neo-eisimeileachd fhèin.
'S coltach gu bheil sabaid mhòrÌýair fà ire.