Dè a' phrìs air taic Rupert?
Is tric a thèid Rupert Murdoch a chà ineadh na là ithean seo.
As dèidh scaineal farchluais nam fònaichean, a thug air fear dhe na pà ipearan-naidheachd aige a dhùnadh,Ìýis beag an t-iongnadh.
Ach bidh daoine ag èisteachd ris fhathast.
'S e an Sun a reiceas an à ireamh as motha de phà ipearan ann an Alba.
Mar sin, tha gach duine aig Holyrood a' bruidhinn an-diugh mu rudeigin a thuirt Mgr Murdoch air Twitter a-raoir.
Cha do sgrìobh e ach ochd faclan ach chuir iad an ceòl air feadh na fìdhle.
Buannachd
'S fheà rr leibh fhèin.
Ach 's coltach gu bheil Mgr Murdoch co-dhiù a' creidsinn gum biodh buannachd do ghnìomhachas nam biodh Alba neo-eisimeileach.
'S i a' cheist a-nis, dè a' bhuaidh a bheir seo air beachd deasachaidh nam pà ipearan aige - an Sun, agus an Times cuideachd.
Agus dè mu dheidhinn an Sun on Sunday, a nochdas Didòmhnaich?
Chuir labhraiche a' Phrìomh Mhinisteir fà ilte air beachd Mhgr Murdoch, mar a bhiodh dùil.
Ach, as dèidh na connspaid uile aig News Corporation, 's dòcha gun tig an taic sin aig prìs.
BeachdanFÃ g beachd
Cha smaoin duine sam bith go bheil "neach-naidheachd" cutromach ach neach-naidheachd eile. ( Duilich, a Niall ).
Tha cumhachd agus buaidh aig am bumaileir seo chionn is gu bheil e beairteach. Tha an aon chumhachd ag daoine bheairteacha eile.
Chan eil ach samhail buaidh nas notha aig Robert.