´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-03

Geall Chamshroin

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-23, 14:49

Beachdan (0)

Chan fhurasta a bhith nad Thòraidh ann an Alba anns an là an-diugh.

Anns an òraid aige ro cho-labhairt Albannach a' phàrtaidh air a' mhadainn, dh'aidich Dàibhidh Camshron sin.

Cha do chuir Alba ach aon bhall-pàrlamaid Tòraidheach gu Westminster ann an 2011 agus chunnaic iad an toradh Albannach a bu mhiosa a-riamh an-uiridh.

A dh'aindeoin sin,Ìýthàinig dòchas gu leòr bhon phrìomhaire nuair a bhruidhinn e ri a chàirdean Albannach anns an Truthail.

Tha Mgr Camshron dòchasach gum buannaich taobh an Aonaidh an referendum air neo-eisimeileachd.

Agus, as dèidh sin, tha e an dòchas gu bheil cothrom aig a' phàrtaidh aige fàs ann an Alba a-rithist.

MisneachdÌý

As aonais Alba, bhiodh e na b' fhasa dha mòrchuid Thòraidheach fhaighinn ann an Taigh nan Cumantan.

Gu dearbh, b' urrainnÌýaÌýràdh gur eÌýfàiligeadh nan Tòraidhean Albannach cur ris na bha aca de sheataichean a thug air Mgr Camshron taic Nick CleggÌýiarraidh gus faighinn tro dhoras dubh Àireamh a Deich.

Ach 's e fear-taic an Aonaidh a tha ann - na chridhe agus na cheann.

Chan eil Mgr Camshron airson àite a choisinn dha fhèin anns na leabhraichean-eachdraidh mar phrìomhaire mu dheireadh Rìoghachd Aonaichte anns an robh Alba.

Tha misneachd gu leòr aig Mgr Camshron gun gabh an referendum a bhuannachadh.

Ach, tha fios aige nach bi sin gu leòr.

Moraltachd

Fhad 's tha cothrom aig pàrtaidh an Rìoghachd Aonaichte a' riaghladh gun thaic na h-Alba, thig ceist neo-eisimeileachd gu bàrr.

Tha sin a' fàgail gu bheilÌýceangal eadar ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð a' phàrtaidh Thòraidhiche ann an Alba agus neart an Aonaidh eadar Alba agus Sasainn.

Tha Mgr Camshron a' tuigsinn sin.

Mar sin, tron òraid aige an-diugh dh'fheuch e ri ceangal aÌýdhèanamh eadar feallsanachd nan Tòraidhean agus cultar, fiù 's moraltachd na h-Alba.

Thuirt e gun robh prionnsabail Tòraidheach - leithid stuaim, cathranais agus gnìomhachais - nam prionnsabail Albannach cuideachd.

B' e an dùbhlan toirt air daoine gabhail ri sin, agus dachaigh fhaighinn leis a' phàrtaidh aigesan.

Geall

NuairÌýa bhios Mgr Camshron a' coimhead air na cunntasan-bheachd, chì e nach eil neo-eisimeileachd a' faighinn taic bho mhòrchuid de dh'Albannaich.

Mura gluais iad -Ìýagus tha Ailig Salmond a' creidsinn gun gluais - tha duais mhòr air fàire dha:

Bhiodh esan na phrìomhaire a shabhail an Rìoghachd Aonaichte fhèin.

ChanÌýeil e a' creidsinn gu feum pasgan soilleir de chumhachdan a thabhainn do dh'Albannaich gus toirt orra an duais sin a thoirt dha, agus e ag ràdh an-diugh gun robh sin na cheist airson na h-ùine as dèidh an referendum.

Ach tha Mgr Camshron a' cur geall mòr air a mhisneachd gu bheil e ceart.

Agus tha an nàmhaid aige anns an t-sabaid seo gu math measail air na h-eich cuideachd.

Droch naidheachd ga cur am falach?

Carson a nochdadh aonta air Bile na h-AlbaÌýair Là a' Bhogsa Dheirg?

Bha beachd aig aonÌýbhall Chaibineit na h-AlbaÌýann an loidhne an t-seòmair-bidhe an seo aig Holyrood na bu tràithe:

"Gus cur am falach dèÌýcho dona 's a tha Bile na h-Alba."

Cha b' e "dona" am facal a chleachd e, ged a bha ceithir litreachan ann.

Ach a dh'aindeoin a' bheachd sin, tha an SNP air cur romhpa gabhail ri bile na h-Alba.

Carson?

Cumhachdan

Cha d' fhuair iad ach aon dhe na rudan a dh'iarr Ailig Salmond as dèidh an taghaidh an-uiridh.

Chan fhaigh Alba - tro Bhile na h-Alba co-dhiù - smachd air a' chìs chorpaidÌýis ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô bathair, cumhachd air craoladh, an t-airgead bho Oighreachd a' Chrùin air neo smachd a bharrachd air polasaidh Eòrpach.

Dhe na sia rudan a dh'iarr iad, cha d' fhuair an SNP ach aonÌýdhiubh - cumhachdan iasaid.

A-rèir a' bhile, bidh cothrom aig Riaghaltas na h-AlbaÌýsuas guÌý£2.7bn a ghabhail air iasad, ged a tha iad air a bhith a' cumail a-mach gum bu chòir don àireamh sin a bhith na b' àirde.

Aig a' cheart àm, gheibhÌýHolyrood smachd air 10sg anns an not de bhun-ìre na cìse cosnaidh agus an t-airgead a gheibh Alba bho Westminster gu bhith air an gearradh aig a' cheart àm.

Gu ruige seo, tha an SNP air a bhith a' cumail a-mach gun dèanamh seo cron air Alba agus ionmhas na dùthcha an crochadh air neart na h-eaconomaidh, gun na h-innleanan aig Holyrood gus spionnadh a thoirt dhi.

Aonta

Aig a' cheann thall, ge-tà, ghabh iad ri seo - tha mi a' tuigsinn gun deach aonta a ruighinn air an deireadh sheachdain.

An toiseach, tha iad ag ràdh gun do dh'aontaich Riaghaltas Westminster dòigh eile a chleachdadh gus an t-airgead a gheibh Alba bhuapa a dhearbhadh.

Tha iad a' cantainn gum fàg seo nach bi Alba nas miosa dheth mar thoradh air an atharrachadh.

Nas cudromaiche, ge-tà, fhuair iad aonta le Westminster nach tèid a chur an gnìomh gun chead bho Holyrood.

Tha dùil ri bhòt anns a' Phàrlamaid Albannaich as dèidh na Càisge.

Thèid e troimhe a-nis, le taic bho na buill nàiseantach.

Doirbh

Gu poileataigeach, bha seo daonnan doirbh do dh'Ailig Salmond.

As bith dè am beachd air a' bhile, bhiodh e duilich do riaghaltas nàiseantach cumhachdan ùra sam bith a dhiùltadh.

Agus, tha feum aca air na cumhachdan iasaidÌý- thaÌýiad air cuid a chleachdadh mar-thà gus drochaid ùr Uisge Fhoirthe a mhaoineachadh.

Tha dùil a-nis gun tèid na cumhachdan sin a thoirt do Riaghaltas na h-Alba an ath-bhliadhna ach nach tèid an siostam cìse ùr a chur an gnìomh ro 2016.

An uair sin, tha an SNP a' creidsinn nach bi e gu diofar leis gum bi Alba neo-eisimeileach co-dhiù.

An toiseach, ge-tà, tha aca ri referendum a bhuannachadh.

Beachd MhicChonaill

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-14, 7:13

Beachdan (0)

ThaÌýJack MacConaill air a dhol a-steachÌýanns anÌýdeasbad air an referendum air neo-eisimeileachd.

A' tabhainn beachd don dà cho-chomhairleachadh gan ruith leis an dà riaghaltas, tha an seann phrìomh mhinistear ag ràdh gu feum aonta a ruighinn air sgàth eaconamaidh na h-Alba.

Air a' cheist, tha am Morair MacConaill ag ràdh gum bu chòir roghainn a bhith aig Albannaich eadar dà abairt.

'S iad 'an aontaich thu gum bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich' agus 'am bu chòir Alba fuireachÌýanns anÌýRìoghachd Aonaichte'.

Bhiodh aig an luchd-bhòtaidh ri taic a chur ris an abairt a b' fheàrr leotha.

Tha am Morair MacConaill a' creidsinn gum biodh seo cothromach don dà thaobh agus gun dèanadh e soilleir dè an roghainn a tha ron luchd-bhòtaidh.

Teachdaireachd

Air a' chlàr-ama, tha e a' cumail a-mach gun gabh an referendum a chumail taobh a-staigh ochd mìosan deug, ag ràdh gu faod eas-aonta air seo cron a dhèanamh air an eaconomaidh.

Chan eil am Morair MacConaill a' faicinn adhbhar airson cead-bhòtaidh a leudachadh do dhaoine a tha 16 agus 17 bliadhna dh'aois, mar a tha riaghaltas na h-Alba a' moladh.

Agus - ao-choltach ri seann phrìomh mhinistear eile - chan eil e airson dàrna ceist fhaicinn air a' phàipear-bhòtaidh.

Coltach ri a chàirdean Làbarach aig Holyrood, tha Jack MacConail ag ràdh gu feum dèiligeadh ri ceist àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte leatha fhèin.

Ach bha teachdaireachd shìmplidh aige don dà riaghaltas - thig còmhla gus aonta a ruighinn.

Chì sinn dè cho fada 's aÌýbheir sin.

Gluasad na h-argamaid

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-13, 7:43

Beachdan (0)

Cleas gleusta bho Ailig Salmond anns an òraid aige gu co-làbhairt an SNP ann an Glaschu disathairne.

Bha am pàrtaidh ann an deagh thriom - agusÌýis beag an t-iongnadh.

As dèidh cridh-thalmhainn Holyrood an-uiridh, tha sùil an SNP airÌýna taghaidhean ionadail anns a' Chèitean, agus as dèidh sin, air a' bhòt air neo-eisimeileachd a tha am prìomh mhinistear airson a chumail ann an 2014.

Tha muinntir an SNP air a bhith a' strì airson seo fad bhliadhnaichean nuair nach bu choltach gun tachradh e.

A-nis, aig a' cheann-thall, tha cothrom an lèirsinn aca a thoirt gu buil.

Chan eil teagamh gu bheil iad deiseil agus deònach airson na sabaid a tha romhpa.

Argamaid

Ach tha fios aig Mgr Salmond nach eil mòrchuidÌýde dhaoine nach robh anns an talla air an deireadh-sheachdain deiseil fhathastÌýa leantainn air an t-slighe gu neo-eisimeileachd.

Tha fios aige cuideachd gu bheil fèin-riaghlaidh a' còrdadh ri Albannaich agus - a-rèir nan cunntasan-bheachd co-dhiù - gu bheil a' mhòrchuid dhiubh airson an tuilleadh fhaighinn.

Anns anÌýòraid aige Disathairne, cha robh guth air fèin-riaghlaidh.

An àite sin, bhruidhinn am prìomh mhinistear air 'beagan neo-eisimeileachd', 'blasad neo-eisimileachd' no 'cuid de neo-eisimeileachd'.

Bha an argamaid aige sìmplidh:

Mas toil leibh beagan neo-eisimeileachd, nach toil leibhÌýbarrachd dhiÌýairÌýneo fiù 's neo-eisimeileachd làn?

Roghainn

Tha pàrtaidhean an AonaidhÌýag ràdh nach eil an dà rud idir coltach.

Ach, bidh seo doirbh dhaibh, gu h-àraid mura h-eil daoine a' faicinn dòigh eile airson na cumhachdan aÌýbu toilÌýleotha a chosnadh.

An-dràsta, tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile ag ràdh gun gabh tuilleadh fèin-riaghlaidh a thoirt do dh'Alba -Ìýach as dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd a-mhàin.

'S e tuairmse Mhgr Salmond nach bi an fheadhainn a tha ag iarraidh tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh an Aonaidh riaraichte le sin agus gum bi cuid dhiubh, aig a' cheann-thall,Ìýdeònach bhòtadhÌýairson neo-eisimeileachd.

'S ann air sgàth sin a tha e a' dèanamh a dhìcheil sealtainn gu bheil esan fosgailte ri dàrna ceist agus gur iad pàrtaidhean an Aonaidh a tha a' diùltadh roghainn a thoirt do luchd-bhòtaidh mar seo.

Agus, chan eil a h-uile fear dhiubh a dhìth air airson an targaid aige a ruighinn - feumaidh luchd-taic an Aonaidh a bhith air leth faiceallach.

Ceistean a' Choimisein

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-08, 14:55

Beachdan (1)

Beachdan inntinneach bho Choimisean nan Taghaidhean an-diugh air an referendum.

A bheil cuimhne agaibh orrasan?

'S iad an fheadhainn aig nach biodh pàirt anns a' phroiseas gus an do dh'aondaich Ailig Salmond gu faodadh iad sin a dhèanamh fhad 's an robh cothrom aig Pàrlamaid na h-Alba an sgrùdadh fhèin.

A-nis, tha iad air freagairt a thoirtÌýdon dà cho-comhairleachadh a tha a' ruith an-dràsta, fear Riaghaltas Bhreatainn agus fear Riaghaltas na h-Alba.

.

Ach tha rud no dhà inntinneach ann.

³§²µ°ùù»å²¹»å³óÌý

An toiseach, tha an Coimisean a' togail draghan mu ceann-là na bhòt fhèin.

Tha Ailig Salmond airson a cumail as t-foghair ann an 2014 -Ìýach tha an Coimisean ag ràdh gu feum aire a thoirt air buaidh nan làithean goirid air an luchd-bhòtaidh agus an luchd-iomairt.

A bharrachd air sin, tha an Coimisean ag ràdh gu feum cothrom a bhith acasan a' cheist fhèin a sgrùdadh agus a dheuchainn le luchd-bhòtaidh.

A-rithist, tha Riaghaltas na h-Alba air ceist fhoillseachadh mar-thà, sin "a bheil thu ag aontachadh gum bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

'S e aon rud ma thogas na pàrtaidhean eile ceistean mun referendum, rud eile ma nì Coimisean nan Taghaidhean e.

Dè ur beachd fhèin, ge-tà?

Dà cho-labhairt, aon trioblaid

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-06, 13:00

Beachdan (0)

B' fheudar do dhithis cheannardan ùra an ciad òraid ro cho-làbhairt am pàrtaidh a thoirt seachad air an deireadh sheachdain.

Fhuair Johann Lamont agus Willie Rennie an dreuchdan as dèidh taghaidh uabhasaich do na pàrtaidhean aca anns a' Chèitean.

Mar sin, bha na Làbaraich ann an Dùn Dèagh agus na Lib Deamaich ann an Inbhir Nis ag iarraidh brosnachadh bho na ceannardan ùra aca, agus beagan stiùiridh mun dòigh air adhart.

Ann an Dùn Dèagh disathairne, thuirt Johann Lamont gun robh an t-àm airson leisgeulan seachad, ag ràdh gum bu chòir don phàrtaidh tòiseachadh a-nis a bhith "a' sabaid airson Alba".

Suas an rathad air Ghàidhealtachd Didòmhnaich, ghabh Willie Rennie slighe eile, gun a bhith a' dèanamh iomradh sam bith air taghadh an-uiridh.

Ach mar bhios fios aig luchd-leughaidh a' bhloig seo, cho luath 's a bhios aon taghadh seachad, bidh iomairt fir eile air tòiseachadh.

Sgrios

An turas seo, 'sÌýiad na taghaidhean ionadail a tha air aire luchd-poileataigs na h-Alba.

Tha sùilÌýJohann LamontÌýgu sònraichte air baile Ghlaschu, agus an SNP airson a ghabhail bhuapa as dèidh bhliadhnaichean de riaghladh Làbarach.

BidhÌýpàrtaidh Willie Rennie a'Ìýstrì gus an neart a tha aca anns na comhairlean a dhìon as dèidh mar a chaidh sgrios a dhèanamh orra aig Holyrood.

As dèidh sin, ge-tà, bidh iomairt an referendum a' tòiseachadh gu ceart.

Cha robh an dà phàrtaidh airson bruidhinn mu dheidhinn na bun-reachd an t-seachdain seo.

Ach bu bheag an roghainn a bha aca.

Coimisean

Air taobh Tatha, chuir ceannard Albannach nan Làbarach coimisean ùr air dòigh gus sùil a thoirt air tuilleadh fèin-riaghlaidh taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Ruithidh sin ri taobh coimisean nan Lib Deamach, fo stiùir Mhing Chaimbeul, ged nach eil fios an tig iad chun an aon cho-dhunaidh.

Tha Willie Rennie agus Johann Lamont còmhlaÌýan aghaidhÌýtaic a shireadh airson tuilleadh chumhachdan tro dàrna ceist air pàipear-bhòtaidh an referendum, ag ràdh gu feum dèiligeadh ri ceist àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte an toiseach.

Mar sin, as dèidh dà cho-labhairt air an deireadh-sheachdain, chan eil fios dè an seòrsa fèin-riaghlaidh a bhios na Làbaraich agus na Lib Deamaich a' moladh, air neo ciamar a dheigheadh a chur an gnìomh.

Tha an dà phàrtaidh air beagan ùine a choisinn dhaibh fhèin gus dèiligeadh ris na ceistean seo.

Ach tha gach là gun pholasaidh shoilleir bhuapa air tuilleadh chumhachdan na là nas fhasa do dh'Ailig Salmond gus taic fhaighinn airson neo-eisimeileachd.

Argamaid Ed

Roinnean Phost: ,Ìý,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-02, 16:30

Beachdan (0)

Òraid làn misneachd bho Ed Miliband ann an Dùn Dèagh.

B' e an argamaid aig a cridhe nach eil an eaconamaidh ag obair airson luchd-obrach.

Chuir e a' choire air poileasaidhean "seann-fhasanta" nan Tòraidhean aig Westminster.

Ach chàin e an SNP cuideachd airson cùisean a dhèanamh nas miosa ann an Alba.

Thug e slaic air argamaid an SNP gur e pàrtaidh "adhartach" a th' annta.

Mar fhianais nach e, chleachd e am miannÌýaca smachd fhaighinn air a' chìs chorparaid agus an uair sin a lùghdachadh.

°ä°ùì´Ç³¦³ó

Thuirt e gun dèanadh sin cron air Alba agus air a' chòrr dhen Rìoghachd, agusÌýgachÌýtaobhÌýa' sabaid ri chèile airson an ìre as ìsle a ruighinn.

Dhasan, bha seo na adhbhar gun chrìoch a chur eadar an dà dhùthaich.

Argamaid an aghaidh neo-eisimeileachd ach 's dòcha cuideachd an aghaidh Devo Max no fiù 's Devo Plus.

Fon dà sgeama sin dheigheadh a' chìs chorparaid a chur fo smachd Holyrood.

A dh'aindeoin taic Dhonnchaidh MhicNèill airson Devo Plus ann an Dùn Èideann dimairt, 's coltach an-diugh nach eil am pàrtaidh anns an fharsaingeachd idir cinnteach mu dheidhinnn.

Ach a bharrachd air sin, bha teachdaireachd ann do mhuinntir na h-Alba cuideachd.

Cothromach

Sin nach robh an dealbh de dh'Alba air an làimh chlì agus Sasainn air an làimh dheis idir fìor.

Thuirt Mgr Miliband gun robh na h-aon draghan air duine anns gach pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte agus mar sin gum bu chòir do Bhreatainn fuireach mar sin - aonaichte.

Nas fhaide na sin, thuirt gun robh an t-aonadh fhèin na inneal airson beartas a sgaoileadh, airson beatha dhaoine a dhèanamh nas cothromaiche.

Tha Mgr Miliband a' creidsinn gu bheil a' mhòrchuid mu thuath agus mu dheas ag aontachadh ris mu na trioblaidean as motha a tha romhpa.

Sin a dh'aindeoin mar nach eil am pàrtaidh aigeÌýann an cumhachd ach anns a' Chuimrigh a-mhàin.

'S e aon rud sin a ràdh, rud eile a dhearbhadh aig na bogsaichean-baileit.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.