DÃ cho-labhairt, aon trioblaid
B' fheudar do dhithis cheannardan ùra an ciad òraid ro cho-là bhairt am pà rtaidh a thoirt seachad air an deireadh sheachdain.
Fhuair Johann Lamont agus Willie Rennie an dreuchdan as dèidh taghaidh uabhasaich do na pà rtaidhean aca anns a' Chèitean.
Mar sin, bha na Là baraich ann an Dùn Dèagh agus na Lib Deamaich ann an Inbhir Nis ag iarraidh brosnachadh bho na ceannardan ùra aca, agus beagan stiùiridh mun dòigh air adhart.
Ann an Dùn Dèagh disathairne, thuirt Johann Lamont gun robh an t-à m airson leisgeulan seachad, ag rà dh gum bu chòir don phà rtaidh tòiseachadh a-nis a bhith "a' sabaid airson Alba".
Suas an rathad air Ghà idhealtachd Didòmhnaich, ghabh Willie Rennie slighe eile, gun a bhith a' dèanamh iomradh sam bith air taghadh an-uiridh.
Ach mar bhios fios aig luchd-leughaidh a' bhloig seo, cho luath 's a bhios aon taghadh seachad, bidh iomairt fir eile air tòiseachadh.
Sgrios
An turas seo, 's iad na taghaidhean ionadail a tha air aire luchd-poileataigs na h-Alba.
Tha sùil Johann Lamont gu sònraichte air baile Ghlaschu, agus an SNP airson a ghabhail bhuapa as dèidh bhliadhnaichean de riaghladh Là barach.
Bidh pà rtaidh Willie Rennie a' strì gus an neart a tha aca anns na comhairlean a dhìon as dèidh mar a chaidh sgrios a dhèanamh orra aig Holyrood.
As dèidh sin, ge-tà , bidh iomairt an referendum a' tòiseachadh gu ceart.
Cha robh an dà phà rtaidh airson bruidhinn mu dheidhinn na bun-reachd an t-seachdain seo.
Ach bu bheag an roghainn a bha aca.
Coimisean
Air taobh Tatha, chuir ceannard Albannach nan Là barach coimisean ùr air dòigh gus sùil a thoirt air tuilleadh fèin-riaghlaidh taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.
Ruithidh sin ri taobh coimisean nan Lib Deamach, fo stiùir Mhing Chaimbeul, ged nach eil fios an tig iad chun an aon cho-dhunaidh.
Tha Willie Rennie agus Johann Lamont còmhla an aghaidh taic a shireadh airson tuilleadh chumhachdan tro dà rna ceist air pà ipear-bhòtaidh an referendum, ag rà dh gu feum dèiligeadh ri ceist à ite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte an toiseach.
Mar sin, as dèidh dà cho-labhairt air an deireadh-sheachdain, chan eil fios dè an seòrsa fèin-riaghlaidh a bhios na Là baraich agus na Lib Deamaich a' moladh, air neo ciamar a dheigheadh a chur an gnìomh.
Tha an dà phà rtaidh air beagan ùine a choisinn dhaibh fhèin gus dèiligeadh ris na ceistean seo.
Ach tha gach là gun pholasaidh shoilleir bhuapa air tuilleadh chumhachdan na là nas fhasa do dh'Ailig Salmond gus taic fhaighinn airson neo-eisimeileachd.