Gluasad na h-argamaid
Cleas gleusta bho Ailig Salmond anns an òraid aige gu co-là bhairt an SNP ann an Glaschu disathairne.
Bha am pà rtaidh ann an deagh thriom - agus is beag an t-iongnadh.
As dèidh cridh-thalmhainn Holyrood an-uiridh, tha sùil an SNP air na taghaidhean ionadail anns a' Chèitean, agus as dèidh sin, air a' bhòt air neo-eisimeileachd a tha am prìomh mhinistear airson a chumail ann an 2014.
Tha muinntir an SNP air a bhith a' strì airson seo fad bhliadhnaichean nuair nach bu choltach gun tachradh e.
A-nis, aig a' cheann-thall, tha cothrom an lèirsinn aca a thoirt gu buil.
Chan eil teagamh gu bheil iad deiseil agus deònach airson na sabaid a tha romhpa.
Argamaid
Ach tha fios aig Mgr Salmond nach eil mòrchuid de dhaoine nach robh anns an talla air an deireadh-sheachdain deiseil fhathast a leantainn air an t-slighe gu neo-eisimeileachd.
Tha fios aige cuideachd gu bheil fèin-riaghlaidh a' còrdadh ri Albannaich agus - a-rèir nan cunntasan-bheachd co-dhiù - gu bheil a' mhòrchuid dhiubh airson an tuilleadh fhaighinn.
Anns an òraid aige Disathairne, cha robh guth air fèin-riaghlaidh.
An à ite sin, bhruidhinn am prìomh mhinistear air 'beagan neo-eisimeileachd', 'blasad neo-eisimileachd' no 'cuid de neo-eisimeileachd'.
Bha an argamaid aige sìmplidh:
Mas toil leibh beagan neo-eisimeileachd, nach toil leibh barrachd dhi air neo fiù 's neo-eisimeileachd là n?
Roghainn
Tha pà rtaidhean an Aonaidh ag rà dh nach eil an dà rud idir coltach.
Ach, bidh seo doirbh dhaibh, gu h-à raid mura h-eil daoine a' faicinn dòigh eile airson na cumhachdan a bu toil leotha a chosnadh.
An-drà sta, tha na Là baraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile ag rà dh gun gabh tuilleadh fèin-riaghlaidh a thoirt do dh'Alba - ach as dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd a-mhà in.
'S e tuairmse Mhgr Salmond nach bi an fheadhainn a tha ag iarraidh tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh an Aonaidh riaraichte le sin agus gum bi cuid dhiubh, aig a' cheann-thall,Ìýdeònach bhòtadh airson neo-eisimeileachd.
'S ann air sgà th sin a tha e a' dèanamh a dhìcheil sealtainn gu bheil esan fosgailte ri dà rna ceist agus gur iad pà rtaidhean an Aonaidh a tha a' diùltadh roghainn a thoirt do luchd-bhòtaidh mar seo.
Agus, chan eil a h-uile fear dhiubh a dhìth air airson an targaid aige a ruighinn - feumaidh luchd-taic an Aonaidh a bhith air leth faiceallach.