Ailig agus Rupert
'S e seachdain dhuilich a bha seo do dh'Ailig Salmond.
As dèidh mar a nochd fianais mu chà irdeas le Rupert Murdoch aig rannsachadh a' Mhorair Leveson , bha fios aige gum biodh ceistean cruaidh a' feitheamh airÌýaig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.
Aig a' char as sìmplidhe, an robh Mgr Salmond ro fhaisg air ceannard News Corp agus e a' lorg taic nam pà ipearan aige?
Mar as à bhaist, bha am Prìomh Mhinistear deiseal le freagairt.
Chunnaic an rannsachadh puist-dealain ag rà dh gun cuireadh Mgr Salmond taic ri oidhirp na companaidh là n smachd fhaighinn air BSkyB.
Thuirt Mgr Salmond nach robh e a-riamh ach feuchainn ri cosnaidhean a choisinn do dh'Alba.
DleastanasÌý
Na bheachd, b' e sin a dhleastanas mar phrìomh mhinistear.
Am beachd nan dùbhlanach, bha e air cliù na h-oifise aige a mhilleadh.
Carson, dh'fhaighnich Johann Lamont, a chuir Mgr Salmond cuireadh do Rupert Murdoch tighinn airson tì aig Taigh a' Bhòid, as dèidh mar a bhris scaineal farcluais nam fònaichean-là imhe?
Ach chuir Mgr Salmond casaid na cealgaireachd as a leth.
Thuirt e nach d'rinn e cà il a bha ceà rr.
Agus chùm e a-mach gun robh dragh airÌýgun robhÌýcòrr is 6,000 cosnadh aig BSkyB an Alba ann an cunnart.
Laigse
Tha na dùbhlanaich aig Holyrood a' creidsinn gu bheil seo na laigse aig Ailig Salmond - agus tha iad a' dèanamh an dìcheil brath a ghabhail oirre.
Thà inigÌýan cà irdeas eadar am Prìomh Mhinistear agus daoine mòra, beartach fo sgrùdadh tron t-seachdain, agus Dòmhnall Trump - a bha roimhe cho measail air - a' tighinn gu Holyrood gus ionnsaigh a thoirt air na muilleannan-gaoithe aige.
Agus, tha sgiopa Mhgr Salmond fhèin a' creidsinn gur e plana nan Là barach feuchainn riÌýcron a dhèanamh air a chliù phearsanta agus an dà thaobh a'Ìýtomhas gu bheil taic an SNP gu mòr an crochadh air.
Chì sinn fhathast an toir seo buaidh mhòr air cliù Mhgr Salmond.
Ach 's ainneamh a bhios seachdain mar seo aige.
Agus seachdain a-mhà in mus bhòt Albannaich anns na taghaidhean ionadail, cha b' e seo an t-seachdain a bha an SNP ag iarraidh.